Alba Chruthachail ri ceasnachadh le BPAan

22.11.2013

Thèid cor roinn ealain is cultair na h-Alba a sgrùdadh le Comataidh  Foghlam is Cultar aig Pàrlamaid na h-Alba nuair a ghabhas i fianais o Cheannard Alba Chruthachail cho math ri ceathrar de phrìomh luchd-ealain ann an Alba air Dimàirt 26 Samhain.

San Dàmhair 2012, sgrìobh 100 neach-ealain ann an Alba litir fhosgailte gu Alba Chruthachail a bha a’ cur an cèill dragh gun robh a’ bhuidheann – air a bheil e mar dhleastanas taic is eile a chumail ris a’ ghnìomhachas chruthachail ann an Alba – a’ fàiligeadh a thaobh seo.  

Bliadhna air adhart, bidh a’ Chomataidh ag èisteachd ri fianais o ghrunn neach-ealain, nam measg am Bàrd Albannach Liz Lochhead, agus an neach-dràma is stiùiriche David Grieg, dithis a chuir an ainm ri litir 2012, ach am faicear a bheil feabhas air a thighinn air a’ chùis agus dè eile a dh’fheumas atharrachadh. An uair sin èistidh a’ Chomataidh ri Ceannard Alba Chruthachail, Janet Archer.  

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stewart Maxwell BPA: 

“Tha còir aig Alba a bhith moiteil às an roinn làidir ealain is cultar aice, rudan as cinnteach a tha am measg nan gnothaichean as soirbheachaile a chuirear a-mach air an t-saoghal againn. Bha tòrr atharrachaidhean ann sa bhliadhna a chaidh seachad agus tha a’ Chomataidh againn airson faighinn a-mach a bheil na h-atharrachaidhean sin a’ toirt deagh bhuaidh air luchd-ealain na h-Alba.” 

Am measg luchd-ealain eile a bheir seachad fianais bidh Gillian Berrie, a rinn fiolmaichean leithid My Name is Joe, Ratcatcher agus Red Road, is Judith Doherty, Ceannard is Co-stiùiriche Ealain aig companaidh tèatair Grid Iron, a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann.  

Cùl-fhiosrachadh

Ann an Sultainn 2012, fhuair a’ Chomataidh fianais o Andrew Dixon, a bha aig an àm mar Cheannard Alba Chruthachail. Feadhainn eile a thug seachad fianais aig a’ choinneimh sin, b’ iad an neach-ealain Matt Baker, Gwilym Gibbons, Stiùiriche aig Buidheann-leasachaidh Ealain Shealtainn agus Francis McKee, Stiùiriche Ionad nan Nua-Ealain.  

Faodar coimhead coinneamh na Comataidh Dimàirt air làrach-lìn na Pàrlamaid aig: 

http://www.pàrlamaidnahalba.ra/ionadnaidheachdismeadhanan/3168.aspx

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.