Ro-innleachd nàiseanta a dhìth gus aghaidh a thoirt air brath-gnèitheach air cloinn

14.01.2014

Tha feum aig Alba air ro-innleachd fhollaiseach gus aghaidh a thoirt air brath-gnèitheach (sexual exploitation) air cloinn. Seo aon de na molaidhean bunaiteach ann an aithisg a chaidh a chur a-mach an-diugh (Dimàirt) le Comataidh Athchuingean Poblach Pàrlamaid na h-Alba.

Fhuair an aithisg, a tha mar thoradh air rannsachadh a thaobh aghaidh a thoirt air brath-gnèitheach air cloinn ann an Alba, a-mach cuideachd gu bheil feum air rannsachadh a nochdas ìre an duilgheadais ann an Alba. Tha i cuideachd a’ moladh gun fheum clàran-foghlaim a sheallas do dhaoine òga mar a dh’aithnicheas agus a bheir iad dùbhlan air brath-gnèitheach is burraidheachd a bhith ri fhaotainn do choimhearsnachdan uile na h-Alba. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Dàibhidh Stiùbhairt BPA: 

“Ri linn an rannsachaidh seo chuala a’ Chomataidh againn fianais a bha doirbh agus, aig amannan, dùbhlanach mu bhrath-gnèitheach ann an Alba. Fhuair sinn fianais chumhachdach bho dhaoine a chaidh a dhèanamh gun urra agus chur a-steach gu h-iomlan anns an aithisg againn.

“Tha a’ Chomataidh ag mothachail ged a tha tòrr a dheagh obair a’ dol air adhart, gum faod i bhith na mìrean beaga. Tha i feumach air a’ cheannas is a’ cho-òrdanachadh fhollaiseach a tha a dhìth gus aghaidh a thoirt gu h-èifeachdach air brath-gnèitheach air a’ chloinn againn.  

“Tha cunnart dha-rìribh ann daonnan gun cùm brath-gnè na dhuilgheadas falaichte ann an Alba agus is e sin as coireach gun fheumar barrachd rannsachaidh a dhèanamh gus ìre an duilgheadais a dhearbhadh agus mar a ghabhas seirbheisean dealbhadh gus aghaidh a thoirt air.” 

Rinn linn an rannsachaidh againn, chuala a’ Chomataidh againn gu bheil duilgheadasan àraidh an lùib na ceiste seo leithid cion tuigse air dè tha ann am brath-gnèitheach air cloinn, daoine òga gun a bhith gun aithneachadh fhèin mar a bhith a’ fulang, beachdan stèidhichte mu ghiùlan dhaoine òga, barrachd cleachdaidh ann am mionaideachd de theicneòlas agus àbhaisteachadh dhàimhean gnèitheach agus dlùth. 

Am measg nam molaidhean eile san aithisg tha: 

  • Gun fheumar ionadan-tèarmainn do dhaoine òga a dh’fhiosraicheas no a tha an cunnart brath-gnèitheach air cloinn a stèidheachadh. Bu chòir beachdachadh air dleastanas iomchaidh a chur air a h-uile h-ùghdarras ionadail ann am Bile Cloinne agus Dhaoine Òga (Alba).
  • Bu chòir don fheadhainn ri obair shòisealta agus do sheirbheisean dìon-cloinne eile barrachd tàbhachd a thoirt do sheasamh ri droch dhol gnèitheach air cloinn san fharsaingeachd agus so-leòntachd eile ann an clann òg, leithid dearmaid a  dh’fhaodadh an cur ann an cunnart sònraichte mu bhrath-gnèitheach air cloinn. 
  • Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba tàbhachd mhòr a thoirt do bhith a’ dearbhadh gun tèid acfhainn den chiad ìre gus fiosrachadh deatamach a chruinneachadh mu eisimpleirean is ìre de bhrath-gnè air cloinn ann an Alba a chomharrachadh, a chur air an aon rèir agus a sgaoileadh air feadh na h-Alba. 
  • Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba, do Phoileas na h-Alba agus do gach buidheann-gnìomha bhunaiteach rùn daingeann a ghabhail gus obair an luchd-ionnsaigh a bhriseadh agus an fheadhainn a tha ann an cunnart a shònrachadh.  
  • Bu chòir sgrùdadh an dèidh an reachdais a dhèanamh air Achd Dìon na Cloinne agus nan Eucoirean Gnèitheach (Alba) 2005 a ghabhail os làimh gus a dhèanamh cinnteach gu bheil rùn an reachdais seo ga lìbhrigeadh agus gu bheil a h-uile neach-ionnsaigh ri brath-gnèitheach air cloinn a dh’fhaodadh a bhith ann ga chasaid.
  • Bu chòir òrdain mu chron gnèitheach a chleachdadh ann an dòigh fada nas coileanta gus daoine òga ann an Alba a dhìon.  
  • Bu chòir trèanadh èigneachail a thoirt do phoileas an sàs anns a’ phoball no ri obair shònraichte mu na roghainnean reachdail a tha aca gus an fheadhainn ri brath-gnè air cloinn a bhriseadh.

Cùl-fhiosrachadh

Agus e air a chur air bhog anns a’ Mhàrt 2013, thòisich a’ Chomataidh air an rannsachadh aice an dèidh beachd a ghabhail air athchuinge le Barnardo’s na h-Alba.

Chuala a’ Chomataidh fianais bho dhaoine a tha ag obair air feadh na h-Alba gus aghaidh a thoirt air brath-gnèitheach air cloinn agus taic a chur ris an fheadhainn a’ fulang mar thoradh air.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu rannsachadh na Comataidh air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba:

Rannsachadh mu aghaidh a thoirt air brath-gnèitheach air cloinn ann an Alba

 

 

Read the report

Read the report in full here

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.