Ceithir Comataidhean Pàrlamaid gus frèama planaidh nàiseanta a sgrùdadh

14.01.2014

Thèid Am Frèama Planaidh Nàiseanta, a bhios a’ cur an cèill co-theacs leasachaidh thar Alba, a sgrùdadh aig ceithir comataidhean pàrlamaid.

’S e an treas tionndadh den Fhrèama, a chaidh fhoillseachadh an-diugh, a bhios fo sgrùdadh aig Comataidh Ath-bheothachadh is Riaghaltas Ionadail. Bheir a’ Chomataidh sùil ro-innleachdach air pròiseas a’ phlanaidh agus air an Fhrèama maraon.

Tha trì comataidhean eile sa Phàrlamaid air fianais iarraidh agus bheir iadsan sùil air buaidh frèama a’ phlanaidh taobh a-staigh an cuid raointean-ùghdarrais fhèin.

 

Bidh a’ Chomataidh Eaconamaidh, Lùths agus Turasachd a’ coimhead air na dh’fhaodadh a bhith an dàn do dh’obair-leasachaidh a thaobh tuathanasan-gaoithe air tìr san tìde ri teachd, cho math ris a’ bhuaidh air cothroman gas ‘neo-àbhaisteach’, leithid gas às cloich-ghuaile (shale-gas) agus meatan (methane) às grunnd-guaile, a tha ri fhaotainn air tìr, a chur gu feum.

 

Bidh Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus Àrainneachd a’ beachdachadh air ciamar a chuidicheas iad ann a bhith a’ lìbhrigeadh Alba dhùthchail sheasmhach, nan amasan a thaobh atharrachadh clìomaid na h-Alba, nam poileasaidhean is nam molaidhean a tha rim faotainn anns an sgrìobhainn RPP2, agus dreachd-Phrògram Freagarrachadh Clìomaid Riaghaltas na h-Alba.

 

Bidh Comataidh Bun-structair is Cur-an-Seilbh Calpa a’ beachdachadh air na dh’fhaodadh tachairt an lùib a’ phlanaidh ’s a’ bhuaidh air còmhdhail, taigheadas, seirbheisean-uisge is air a’ bhann-leathan.

 

Feumaidh a h-uile Comataidh an cuid beachdachaidh a thoirt gu crìch agus aithris a chur ron Phàrlamaid taobh a-staigh 60 latha. An uair sin, thèid am frèama agus molaidhean nan Comataidhean a chur fo dheasbad aig a’ Phàrlamaid iomlan.

 

Thuirt Neach-gairm aig Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh, Caoimhin Stiùbhart BPA :

 

“Tha Am Frèama Planaidh Nàiseanta aig cridhe leasachadh na h-Alba agus leis gur e an ròl a tha aige ach a bhith a’ cur an cèill na prìomh ro-innleachdan seo, chan eil e ach ceart gun gabh sinn beachd air a’ chùis gus dèanamh cinnteach gu bheilear gu fìor a’ lìbhrigeadh na tha sinn ag iarraidh airson Alba.

 

“Bheir ar Comataidh sùil air seo agus air poileasaidh planaidh na h-Alba agus air mar a bhuineas iad ri chèile, cho math ri coimhead air a bheil na modhan-obrach a tha ceangailte riutha seo fhathast freagarrach.”

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd, Murchadh Friseil BPA:

 

“Tha e mar phrìomh amas den Fhrèama Phlanaidh Nàiseanta gun leigear le h-ùghdarrasan planaidh taic a chumail ri roinn an lùths ann a bhith ag atharrachadh gu eaconamaidh nach cleachd uiread a ghualan.

 

“Bidh ar Comataidh a’ dèanamh mion-sgrùdadh air casgaidhean ùra air leasachadh tuathanasan-gaoithe ann an sgìrean iomallach na h-Alba agus cuideachd air a’ bhuaidh a bhios aig prìomh-amasan planaidh air na cothroman ùra a tha a’ tighinn an uachdar gus gas neo-àbhaisteach, leithid gas às cloich-ghuaile, a chleachdadh.”

 

Thuirt Neach-gairm Comataidh Bun-structair is Cur-an-Seilbh Calpa, Maureen Watt BPA:

 

“’S ann air ar Comataidh a tha an uallach sgrùdadh a dhèanamh air poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba a thaobh lìbhrigeadh a’ bhun-structair sin a bheir buaidh air ar beatha o latha gu latha – siostaman còmhdhala, ar dachannan, an conaltradh diditeach a chleachdas sinn gus dol an lùib dhaoine eile, an t-uisge às an òl sinn agus a chleachdas sinn airson glanaidh.

 

“Na co-dhùnaidhean a ghabhar air prìomh-amasan innleachdach planaidh, bidh buaidh aca air leasachadh a’ bhun-structair seo. Mar a tha iad, tha iad deatamach a thaobh eaconamaidh na h-Alba ’s mar a ruithear gnìomhachasan is dachannan gu h-èifeachdach thar Alba. Uime sin, tha ar Comataidh a’ sireadh bheachdan bho dhaoine fa leth, bho bhuidhnean ’s bho ghnìomhachasan, rud a chuidicheas sinn sgrùdadh a dhèanamh air molaidhean Riaghaltas na h-Alba agus faighinn a-mach a bheil iad seo a’ riochdachadh nam prìomh-amasan as iomchaidhe a thaobh leasachaidh a choileanas ar feumalachdan sna bliadhnaichean ri teachd.”

 

Thuirt Neach-gairm ComataidhCùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus Àrainneachd, Rob Gibson BPA:

 

“Tha buaidh nach beag aig siostam a’ phlanaidh air atharrachadh clìomaid ’s air ar n-àrainneachd.

 

“Bidh a’ Chomataidh seo a’ coimhead ri dèanamh cinnteach gum bi amasan fad-teirme Riaghaltas na h-Alba a thaobh planaidh a’ cur ri, agus a’ dìon, àrainneachd na h-Alba, cho math ri casg a chumail air buaidh atharrachadh sìde.”

 

Cùl-fhiosrachadh

 

Chuir am Ministear airson Riaghaltas Ionadail is Planadh, Derek MacAoidh BPA, an dreachd an cèill a thaobh Frèama Planaidh Nàiseanta a Trì (FPN3) air Dimàirt 14 Faoilleach. Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air Poileasaidh Planaidh na h-Alba (PPA) cuide ri ullachadh dreachd FPN3, a thathar an dùil a thig fo rèim ann an Ògmhios 2014. Tha na sgrìobhainnean seo mar sgrìobhainnean a bharrachd a chuireas ri neart siostam planaidh na h-Alba.  

 

’S e as adhbhar-bith don FhPN ach cur an cèill far am bu chòir leasachadh sam bith thar Alba a bhith dèanta gus taic a chumail ri diofar amasan eaconamach, bun-structaireach, sòisealta is àrainneachdail Riaghaltas na h-Alba. Cuideachd, ainmichidh am FPN prìomh phròiseactan ro-innleachdach a thaobh a’ bhun-structair mar leasachaidhean nàiseanta.

 

’S e as adhbhar-bith don PhPA ach mar bu chòir a leithid seo de leasachaidhean tachairt.  

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.