Cuiridh Comataidh nan Inbhean fàilte air ath-leasachaidhean na pàrlamaid

14.01.2014

Chaidh fàilte a chur air ceuman ath-leasachaidh, a bha air an toirt a-steach aig Pàrlamaid na h-Alba sa bhliadhna 2012, ann an aithisg comataidh pàrlamaid a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Anns an ath-sgrùdadh aca air na leasachaidhean a chaidh a thoirt a-steach ann an Sultainn 2012, thuirt Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach is Cur an Dreuchd Poblach (IDCP) gun do riochdaich na ceuman na h-atharrachaidhean a bu bhrìoghmhoire a thaobh gnothaichean na pàrlamaid o 1999, agus gun robh iad air a chur an comas nam Ball ceistean a chur ri Ministearan aig toiseach a h-uile coinneamh san t-Seòmar agus gnothaichean a bha a’ dol aig an àm a thogail na bu traithe san t-seachdain. 

Cuideachd, dh’aithnich an aithisg an “stiùireadh làidir” a sheall an t-Oifigear Riaghlaidh ann a bhith a’ cur air adhart a sealladh fhèin a thaobh ath-leasachadh na pàrlamaid.

Thuirt Neach-gairm Comataidh IDCP, Stiùbhart Stevenson BPA: 

“Air dhuinn na ceuman uile a sgrùdadh maraon, tha ar Comataidh air co-dhùnadh gu bheil na h-ath-leasachaidhean air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ cruthachadh Pàrlamaid nas fheàrr a thaobh a bhith freagrach agus èifeachdach. 

“Bidh an t-Seòmar a-nis a’ coinneachadh ri chèile thar trì latha seach a dhà. Tha niste cothrom aig na Buill ceist a chur ri Ministearan aig toiseach a h-uile coinneamh san t-Seòmar. Agus tha an rud ùr-ghnàthaichte, ’s e sin tràth nan ceist a tha ann aig an àm, a’ toirt cothrom dha na Buill ceistean a tha a’ dol an ceartuair a thogail nas traithe san t-seachdain. Cuiridh a’ Chomataidh fàilte ro na leasachaidhean uile seo.” 

Sa cheann thall, their aithisg IDCP:  

“A’ coimhead ris na làithean ri teachd, bheir a’ Chomataidh fa-near gun do sheall an t-Oifigear Riaghlaidh stiùireadh làidir ann a bhith a’ cur air adhart sealladh a thaobh ath-leasachadh na pàrlamaid ri linn an t-seisean seo. Tha a’ Chomataidh ag aontachadh ris a’ bheachd  aice gum feum a’ Phàrlamaid a bhith daonnan a’ coimhead airson chothroman gus a cleachdaidhean is a dòighean-obrach a chur am feabhas. Tha a’ Chomataidh deiseil is deònach a ròl fhein a choileanadh a thaobh beachdachadh air ath-leasachaidhean sam bith eile sa phàrlamaid san ùine ri thighinn.” 

Cùl-fhiosrachadh 

Gheibhear an aithisg iomlan ann an-seo: 

Ath-sgrùdadh air aithisg Ath-leasachadh na Pàrlamaid

 

 

 

 

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.