Tha an athchuinge, a chaidh a chur a-steach le Comann Rìoghail Dìon nan Eun (RSBP) ann an Alba, a’ comharrachadh clach-mhìle do Chomataidh Athchuingean Pàrlamaid na h-Alba a tha air beachd a ghabhail air raon farsaing de dh’athchuingean bho chaidh a stèidheachadh ann an 1999.
Dimàirt 28 Faoilleach 2014, cluinnidh a’ Chomataidh fianais mun athchuinge chomharraichte seo bho Dhonnchadh Orr-Ewing bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun ann an Alba agus bhon fhear-chamara fiadh-bheatha Gòrdan Bochanan.
Bho chaidh a stèidheachadh, shoirbhich leis a’ Chomataidh taic a chur ri farsaingeachd de cheistean às an tàinig atharrachaidhean air an lagh agus stiùireadh ùr bho Riaghaltas na h-Alba.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Dàibhidh Stiùbhart BPA:
“Thairis air na ceithir bliadhna deug mu dheireadh, tha Comataidh nan Athchuingean Poblach air beachd a ghabhail air athchuingean air raon mòr chuspairean agus tha mi gu math moiteil gu bheil sinn air a bhith mar chothrom don phoball a bhith comasach air oidhirp a dhèanamh gus atharrachadh a thoirt.
“Tha an athchuinge bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun ann an Alba a’ nochdadh eugsamhlachd siostam nan athchuingean aig Pàrlamaid na h-Alba. Is e seo gu fìrinneach a’ Chomataidh sam faod muinntir na h-Alba an guth a thogail. Faodaidh daoine às a h-uile dreuchd is ceàrnaidh ann an Alba na ceistean a tha cudromach dhaibh a thogail. Tha a’ Chomataidh againn a’ leigeil fhaicinn gun tèid aig aon neach no aon bhuidheann air diofar a dhèanamh ann an da-rìribh.”
Thuirt Stuart Housden, Stiùiriche Chomann Rìoghail Dìon nan Eun ann an Alba:
“Bidh sealladh mòrail iolair-bhuidhe air iteig gun strì os cionn bàrr nan craobh, no ri bearradh air creig a’ drùdhadh air daoine daonnan, chun na h-ìre agus gun deach a’ ghnè shuaicheanta seo ainmeachadh mar am beathach as fheàrr le muinntir na h-Alba an dèidh bhòt poblach a chumail.
“Dè an dìleab as fheàrr a dh’fhàgas sinn airson an tionnsgail seo na an iolair ainmeachadh gu h-oifigeil mar eun nàiseanta na h-Alba agus tighinn còmhla gus a ghleidheadh san àm air thoiseach? Dh’aithnicheadh e gu h-oifigeil an t-àite a tha air a’ bhith aig an eun seo sa chultar againn fad iomadh linne agus nochdaidh e an rùn is a am miann a tha againn a dhìon agus a ghleidheadh, agus an dualchas nàdarra againn san fharsaingeachd, airson nan ginealach ri tighinn.”
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh siostam nan athchuingean aig Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh le Pàrlamaid na h-Alba ann an 1999. Bhon uair sin, tha a’ Chomataidh air gnothach a ghabhail ri farsaingeachd athchuingean air cuspairean bho chothrom air drogaichean gus an aillse làimhseachadh gu leudachadh air na margaidean-mòra.
Am measg nan athchuingean a thug atharrachaidhean air an lagh tha còmhlaichean amaran tearmastad (thermostat bath valves), sgaoileadh òtrachais agus fiù an dath air bratach Crann na h-Alba.
Am measg nan athchuingean eile a thug buaidh tha athchuinge mu chothrom air cungaidh-leigheis don aillse, athchuinge ag iarraidh àireamh-fòn an-asgaidh aig NHS 24 agus cothrom air beothaman D, às an tàinig stiùireadh às ùr bho Riaghaltas na h-Alba.
Seach làrach-lìn nan athchuingean-dealain aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, chan eil a dhìth ach aon làmh-sgrìobhte gus athchuinge a bhith air a beachdachadh leis a’ Chomataidh.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn siostam nan athchuingean aig Pàrlamaid na h-Alba.