Màrt

Luchd-pàrlamaid Breatannach agus Èireannach a’ tighinn còmhla ann am Baile Àtha Cliath

28.03.2014

Thig luchd-pàrlamaid Breatannach agus Èireannach còmhla san Talla Mhòr, Ospadal Rìoghail Chill Mhaighneann, Baile Àtha Cliath, Diluain.

Beachdan daoine òga gun dachaigh gan iarraidh le Comataidh Co-ionnanachd Chothroman

28.03.2014

Thathar ag iarraidh air daoine òga gun dachaigh am beachdan a thoirt do Chomataidh Co-ionnanachd Chothroman agus iad a’ sireadh fianais a thaobh stad a chur ri òigridh gun dachaigh ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Beachdan a dhìth mu chruthachadh buidheann ùr an urra ri inbhean ann am biadh

28.03.2014

Tha beachdan mu chruthachadh buidheann ùr an urra ri inbhean ann am biadh a dhìth air Comataidh Slàinte is Spòrs agus iad a’ tòiseachadh air Bile Bidhe (Alba) a sgrùdadh.

Buill air còig atharrachaidhean a mholadh do Iain Duncan Smith gus leasachadh a thoirt air Measaidhean Comas-obrach

23.03.2014

Thathar air còig atharrachaidhean a mholadh do Iain Duncan Smith BP, Rùnaire na Stàite ri Obair agus Peinnseanan gus Measaidhean Comas-obrach a dhèanamh “nas èifeachdaiche agus nas daonna”.

Eun Sheòrais Wyllie air nead fhaighinn aig Pàrlamaid na h-Alba

19.03.2014

Thèid bràthair beag Eun Mòr ainmeil Bherlin cuide ri deilbheadh is obair-tarraing leis an fhear-ealain iomraiteach Albannach Seòras Wyllie MBE a ghleidheadh gu buan aig Pàrlamaid na h-Alba

Sùbailteachd a dhìth mun reachdas air càradh thogalaichean

18.03.2014

Tha ceuman a chuidicheas ri ùghdarrasan ionadail gus na cosgaisean a thig orra ann a bhith a’ dèanamh togalaichean easbhaidheach no cunnartach sàbhailte fhaighinn air ais air fàilte fhaighinn an-diugh

Bu chòir ’s gum bi prìomh cheistean na h-àrainneachd air an leasachadh ann am frèam planaidh na h-Alba

14.03.2014

Tha an treas Frèam Planaidh Nàiseanta (FPN) na sgrìobhainn le tòrr amasan a bhios mar phrìomh phàirt dhe bhith a’ lìbhrigeadh lughdachadh ann an targaidean gasaichean na h-Alba

Comataidh ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu phlanadh nàiseanta

14.03.2014

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh Bun-structair is Cur-an-Seilbh Calpa air barrachd fiosrachaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba a thaobh prìomh phàirtean den Fhrèama Phlanaidh Nàiseanta aca.

Beachdan a dhìth air comataidh aig a’ Phàrlamaid mu ùthachd le cobhair

14.03.2014

Chaidh gairm airson fianais mun reachdas air ùthachd (suicide) le cobhair fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Slàinte is Spòrs aig Pàrlamaid na h-Alba agus sgrùdadh leis a’ Phàrlamaid a’ tòiseachadh air Bile Ùthachd le Cobhair (Alba).

Ceangal nas soilleire ri poileasaidhean nàiseanta a dhìth anns an Fhrèama Planaidh Nàiseanta

14.03.2014

Feumaidh na ceanglaichean eadar an treas Frèama Planaidh Nàiseanta (FPN) agus prìomh phoileasaidhean nàiseanta eile a bhith nas soilleire a rèir aithisg

Public Audit Committee calls for safeguards on college funding foundations

14.03.2014

A Holyrood committee has called for safeguards to be put in place to protect the financial interests of Scotland’s colleges.

Comataidh Lùths ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu riaghailtean air dealbhadh thuathanasan-gaoithe agus gas neo-ghnàthach

14.03.2014

Tha an dreachd de fhrèama na h-Alba mu dhealbhadh feumach air soilleireachadh mu riaghailtean-dealbhaidh mu thuathanasan-gaoithe air tìr agus gas neo-ghnàthach, a rèir Comataidh Lùtha Pàrlamaid na h-Alba.

As another UK Minister refuses to give evidence in public, Holyrood debates a year of welfare reform

13.03.2014

“Insulting” is the view of the Scottish Parliament’s Welfare Reform Committee Convener Michael McMahon MSP following the refusal to give evidence in public to the Committee by UK Minister for Employment, Esther McVey MP

Barrachd cofharpais a dhìth gus piseach a thoirt air ruigsinneachd maoineachaidh do Ghnìomhachasan Beaga ’s Meadhanach

12.03.2014

The dominance of two high street banks – RBS and the Bank of Scotland - should be broken up by establishing new sources of credit for small and medium sized businesses (SMEs), according to a report by the Scottish Parliament’s Economy Committee.

Comataidh ri sgrùdadh a dhèanamh air mar a stiùirear àrainneachd eachdraidheil na h-Alba sna làithean ri teachd

10.03.2014

Thathar a’ dol a dhèanamh sgrùdadh air mar a stiùirear àrainneachd eachdraidheil na h-Alba ’s air mar bu chòir a cur air adhart anns na làithean ri teachd aig Comataidh Foghlam is Cultar Pàrlamaid na h-Alba.

Comataidh nan Sgrùdaidhean Poblach ag iarraidh soilleireachadh nas fheàrr air mar a thèid cìsean teachd-a-steach na h-Alba a thogail

10.03.2014

Feumar soilleireachadh nas fheàrr fhaotainn ma tha Taigh an Ròid gu bhith comasach air sgrùdadh a dhèanamh air mar a thogas Oifis Cìsean is Cusbainn na Banrighe (HMRC) Cìs Teachd-a-Steach ùr na h-Alba, a rèir comataidh phàrlamaideach.

Na tha a dhìth air na boireannaich ga dheasbad aig Pàrlamaid na h-Alba

07.03.2014

Is e ‘Na tha boireannaich ag iarraidh, Na tha a dhìth air boireannaich’ cuspair Latha Eadar-nàiseanta nam Boireannach am-bliadhna a thèid a chomharrachadh aig Pàrlamaid na h-Alba Disathairne.

Pàrlamaid na h-Alba mar a’ chiad bhuidheann reachdail gus fàilte a chur air beachlannan

05.03.2014

Chum an t-Oifigear Riaghlaidh sùil an-diugh (5 Màrt) air teachd an rud as ùire gu gàrradh Pàrlamaid na h-Alba – dhà bheachlann (beehives).

Tosgaire na Grèige ri bruidhinn ri Buill mu thàbhachdan na h-Eòrpa

04.03.2014

Thèid tàbhachdan na Grèige agus i na ceann-suidhe fad sia mìosan air Aonadh na h-Eòrpa a mhìneachadh a-màireach le Tosgaire Poblach Hellenic na Grèige don Rìoghachd Aonaichte, A Shoillse Konstantinos Bikas.

Fiosrachadh Pàrlamaid na h-Alba mu fharpaiseachd eaconamach air a chur an làthair ann an Serbia

03.03.2014

Thèid am fiosrachadh a tha aig Pàrlamaid na h-Alba a thaobh tasgadh air an taobh-a-staigh agus farpaiseachd eaconamach a chur an làthair aig cruinneachadh de luchd-pàrlamaid eadar-nàiseanta

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.