Ceuman gus mì-ghnàthachadh nan suaicheantas gorma gu bhith air a sgrùdadh le Comataidh

03.02.2014

Thèid molaidhean gus aghaidh a thoirt air mì-ghnàthachadh sgeama-pàircidh nan suaicheantas gorma a sgrùdadh le Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh  aig Pàrlamaid na h-Alba.

Tha mar amas aig Bile Suaicheantais-phàircidh Dhaoine Ciorramach (Alba), a chaidh a thoirt a-steach le Dennis Dennis Robertson  BPA, leasachadh a thoirt air comas nan ùghdarrasan ionadail  aghaidh a thoirt air mì-ghnàthachadh an t-suaicheantais ghuirm le bhith a’ neartachadh a thaobh cur an gnìomh a tha ann an-dràsta cho math ris a’ chomas cur às do shuaicheantais agus an toirt air falbh.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Caoimhin Stiùbhart BPA:

“Bheir mì-ghnàthachadh sgeama nan suaicheantas gorma buaidh mhòr a thoirt air beatha dhaoine a tha an eisimeil air a’ chomas feum a chur air àiteachan-pàircidh do chiorramaich gus cothrom fhaighinn air seirbheisean làitheil a gheibh a’ chuid eile againn gun strì. Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho dhaoine mun bhuaidh a bheir a leithid de mhì-ghnàthachadh air am beatha agus an toir am Bile buil sam bith.”

“Faodaidh gu bheil an coltas air ceuman leithid cur às do suaicheantais agus an toirt air falbh a bhith a’ dol thar na còrach agus seallaidh sinn gu cùramach air na molaidhean romhainn gus fhaicinn am bi am buil a tha ag iarraidh aca de bhith a’ cur seòl-bacaidh air mì-ghnàthachadh.

Cùl-fhiosrachadh

Agus e air a thoirt a-steach anns an Dùbhlachd 2013 le Dennis Robastan BPA, tha meòrachan-poileasaidh a’ Bhile ag ràdh gur h-e an t-amas a tha aige “na còraichean aig an fheadhainn aig a bheil na suaicheantais a dhìon agus frèam an sgeama mar a tha e an-dràsta a neartachadh.”

Tha am Bile a’ leigeil le ùghdarrasan ionadail cur às do shuaicheantais ma thèid an call no an goid, suaicheantas a chaidh a mhì-ghnàthachadh a thoirt air falbh agus chruthaich e eucoir ùr de bhith a’ cleachdadh suaicheantais a chuireadh às dha. Tha e cuideachd a’ toirt cumhachd do na h-ùghdarrasan ionadail daoine seach maoir-phàircidh ann an èideadh ainmeachadh gus suaicheantais a thathar a’ mì-ghnàthachadh a thoirt air falbh.

Bu mhath leis a’ Chomataidh raon farsaing de dh’fhianais a chruinneachadh mar thaic ris an rannsachadh aice agus sgaoil i gairm airson fianais Diardaoin 23 Faoilleach 2014 a gheibhear fios mu deidhinn air duilleag-lìn na Comataidh: 

Gairm airson fianais

Is e an ceann-latha mu dheireadh a tha ann gus beachdan a chur a-steach Diciadain 12 Màrt 2014,

Mar a chuireas sibh na beachdan agaibh a-steach

Bu chòir freagairtean a chur, ma ghabhas e dèanamh, ann an cruth dealanach agus ann an riochd MS Word gu:

lgr.committee@scottish.parliament.uk

Faodar freagairtean ann an cruth cruaidh a chur gu:

Clàrc Chomataidh Riaghaltais Ionadail is Ath-bheothachadh
Seòmar T3.40
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.