Sgrùdadh air cùisean Aonadh na h-Eòrpa air moladh fhaighinn bho Chomataidh Eòrpach is Dàimhean a-muigh

04.02.2014

Tha ceanglaichean agus sgrùdadh le Comataidhean Pàrlamaid na h-Eòrpa air cùisean Aonadh na h-Eòrpa air molaidh fhaighinn an-diugh bho Chomataidh Eòrpach is Dàimhean a-muigh. San aithisg aice, tha a’ Chomataidh air dealbh a thoirt air an obair a tha a’ dol air adhart am measg comataidhean na Pàrlamaid a tha a’ dèanamh cinnteach gum bi sgrùdadh èifeachdach air Riaghaltas na h-Alba mu chùisean an Aonaidh a bhios a’ buntainn gu dìreach ri Alba.

Thairis air a’ bhliadhna a chaidh seachad, tha farsaingeachd a’ bheachdachaidh air tàbhachdan an Aonaidh le Comataidhean air  leudachadh, agus chaidh am modh-obrachaidh gus a dhèanamh a chur air an aon rèir. Is e an toradh air seo, a dh’aindeoin cho làn is a tha na clàran-obrach aice air a bhith, gu bheil a’ Chomataidh air a bhith èifeachdach ann am beachdachadh air cùisean an Aonaidh mar chuid bhunaiteach de na clàran-obrach aice, a’ cur cuideam air cho buntainneach agus a tha iad do phoileasaidhean agus reachdas aig an taigh.

Thuirt Neach-gairm aig Comataidh Eòrpach is Dàimhean A-muigh, Cairistìona NicShealbhaich BPA:

“Mar a tha an rannsachadh againn an-dràsta mun mhodh san rachadh Alba neo-eisimeileach na Bhall-stàite den Aonadh a’ leigeil fhaicinn, tha leithid de bhuaidh aig cùisean an Aonaidh oirnn uile. Tha e na thogail dha-rìribh an claonadh seo fhaicinn ann an sgrùdadh èifeachdach is brìoghmhor air cùisean an Aonaidh le Comataidhean na Pàrlamaid. Tha fiughair agam ri barrachd a chluinntinn bho na guaillichean agam san deasbad againn san t-Seòmar air a’ mhìos seo a thaobh mar a chuireas sinn ris an adhartas seo.”

Cùl-fhiosrachadh

Chùm Pàrlamaid na h-Alba deasbad agus dh’aontaich i ro-innleachd a thoirt a-steach mu cheanglaichean is sgrùdadh air an Aonadh san Dùbhlachd 2010. Tha an ro-innleachd a’ socrachadh àite comataidhean na Pàrlamaid gus ‘Riaghaltas na h-Alba agus na ceanglaichean aige ris an Aonadh a sgrùdadh’.
Gus an dleastanas aice a thaobh sgrùdaidh a choileanadh, dh’aontaich a’ Phàrlamaid dòigh-dèiligidh mu cheanglaichean tràth a chur ri chèile; sgrùdadh air dreachd de reachdas an Aonaidh a chur air an aon rèir gu na fo-chomataidhean; agus an dearcnachadh air atharrachadh is toirt gu buil an reachdais a chur air an aon rèir gu na fo-chomataidhean.

Am-bliadhna, dh’aontaich a’ Chomataidh gabhail ri dòigh-dèiligidh nas riaghailtiche a mu bheachdachadh air ceanglaichean is sgrùdadh air an AE far an iarrar air na comataidhean buntainneach aithisg a thoirt air na ceanglaichean agus an sgrùdadh aca thairis air a’ bhliadhna a chaidh agus na tàbhachdan aca nu sgrùdadh sa bhliadhna air thoiseach.  

San àm a dh’fhalbh, shònraich comataidhean na tàbhachdan aca a rèir clàr-obrach a’ Choimisein Eòrpaich don bhliadhna air thoiseach. Am-bliadhna, dh’fheuch a’ Chomataidh ris an dòigh-dèiligidh a leudachadh le bhith ag iarraidh air na comataidhean buntainneach beachd a ghabhail cuideachd air Ro-innleachd Eòrpa 2020 agus Plana-gnìomha Riaghaltas na h-Alba mu Dhàimhean Eòrpach.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.