Comataidh an Ionmhais air comharrachadh gun fheum Coimisean Fiosgail Albannach a bhith neo-eisimeileach

07.02.2014

Tha Comataidh an Ionmhais ag iarraidh cuideam a chur air a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi Coimisean Fiosgail na h-Alba, a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh, neo-eisimeileach, follaiseach agus neo-phàirteasanach, ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Tha an aithisg air molaidhean mun Choimisean – buidheann ro-aithris neo-eisimeileach – air caochladh mholaidhean a dhèanamh mu àite is raon-ùghdarrais na buidhne agus mun chàirdeas a bhios aice ri Riaghaltas na h-Alba agus Pàrlamaid na h-Alba.  

Tha aithisg na Comataidh a’ dèanamh soilleir gu b’ e dè an raon-ùghdarrais mu ro-aithris a thèid a shocrachadh air a’ cheann thall gu bheil e deatamach fhèin gun tèid neo-eisimeileachd a’ Choimisein a stèidheachadh gu daingeann.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh an Ionmhais Coinneach Gibson BPA:

“Tha sinn air fàilte mhòr a chur air molaidhean Riaghaltas na h-Alba gun tèid Coimisean neo-eisimeileach a stèidheachadh. An dèidh dhuinn fianais a chluinntinn bho chaochladh eòlaichean à Alba agus thall thairis tha sinn den bheachd gu bheil e deatamach fhèin gum bi an Coimisean neo-eisimeileach, follaiseach agus neo-phàirteasanach. Tha sinn a’ cur fàilte uime sin air a’ ghealladh bho Rùnaire a’ Chaibineit chan e a-mhàin gum bi a’ bhuidheann ùr follaiseach ach gum bi e follaiseach gu bheil i follaiseach. 

“Ged a tha sinn mothachail gun fheum sgèile agus àite a’ Choimisein a bhith a rèir nan ullachaidhean bun-reachdail a tha ann an-dràsta, is fhiach toirt fa-near nach eil buidhnean sam bith eile ann an Alba an-dràsta a bheir ro-aithrisean fiosgail agus macro-eaconamach seachad. Seo àite a dh’fhaodadh Riaghaltas na h-Alba iarraidh air a’ Choimisean coileanadh, tha e follaiseach.”

Rinn aithisg na Comataidh na molaidhean a leanas cuideachd:

  • Gum bu chòir gum biodh gach ball den Choimisean air a chur an dreuchd le Ministearan fo ullachaidhean Achd nan Suidheachaidhean Poblach agus Buidhnean Poblach etc. (Alba) 2003, leis na suidheachaidhean sin fo aonta na Pàrlamaid air moladh Chomataidh an Ionmhais. 
  • Gum bu chòir aithriseachd a thoirt dà thuras sa bhliadhna le beachdan a’ Choimisein air na feartan eaconamach a tha mar bhunait ri ro-aithris mu theachd-a-steach bho chìs.
  • Gum bu chòir gum biodh gach aithris a nì an Coimisean air a cur fa chomhair Pàrlamaid na h-Alba.  
  • Gum bu chòir gum biodh còir air cothrom (aig àm reusanta sam bith) aig a’ Choimisean air an fhiosrachadh agus a’ chomas-sgrùdaidh uile a tha aig Riaghaltas na h-Alba agus Teachd-a-steach na h-Alba a dh’fhaodadh a bhith a dhìth air gu reusanta gus an dleastanas aige a choileanadh.  

Cùl-fhiosrachadh  

Tha am moladh gus buidheann fhiosgail neo-eisimeileach ann an Alba a stèidheachadh ag èirigh a’ cur a-null nan cumhachdan fiosgail fo Achd na h-Alba 2012: a’ chìs air cùisean fearainn is thogalaichean, cìs lìonadh-talmhainn agus an ìre de chìs teachd-a-steach ann an Alba.  

Nuair a thug e fianais do Chomataidh an Ionmhais air 1 Cèitean 2013, chuir Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhais, Fastaidh agus Fàs Sheasmhaich an cèill an dèidh do dh’Alba uallaichean gus teachd-a-steach a thogail: “Is e mo bheachd fhèin gum bi feum aig Alba air buidheann ro-aithris neo-eisimeileach a beir measadh neo-eisimeileach don Riaghaltas agus don Phàrlamaid air na gabhadh cruthachadh mar thoradh air na cìsean sin.”  

Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit gun robh e na amas gun rachadh an Coimisean a stèidheachadh mus rachadh na cìsean air an tiomnachadh gu h-ùr a thoirt gu buil sa Ghiblean 2015.

Read the report

Read the report here

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.