A’ Phàrlamaid gus co-labhairt eadar-nàiseanta a chumail air seallaidhean poilitigeach nam boireannach

10.02.2014

Thèid co-labhairt eadar-nàiseanta mu na dh’fhiosraicheas boireannaich ann am pàrlamaidean agus riochdachadh nam boireannach ann am poilitigs a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba Didòmhnaich 16 Màrt.

Thèid an cuspair a sgrùdadh le aon dà fhichead de bhoireannaich ri Pàrlamaid agus iad a’ frithealadh air a’ chiad Cho-labhairt le Buidheann-stiùiridh Boireannaich ann am Pàrlamaidean a’ Cho-fhlaitheis Roinn Eileanan Bhreatainn agus na Mara Mheadhanach, air a chur air dòigh le Meur na h-Alba de Chomann Pàrlamaideach a’ Cho-fhlaitheis. 

Nì seiseanan sgrùdadh air fiosrachadh is beachdan an luchd-phoilitigs a thug cruinn mu na dùbhlanan a thig air tagraichean poilitigeach is luchd-poilitigs a tha nam boireannaich.  

Agus i a’ bruidhinn mun tachartas, thuirt Cathraiche na Buidhne-stiùiridh Patricia NicFhearghais BPA:

“Bheir a’ cho-labhairt seo boireannaich ann am pàrlamaidean còmhla gus sealltainn air beachdan practaigeach a thaobh mar a beir sinn leasachadh air adhartas gu cothromachadh eadar gnèithean anns an t-saoghal phoilitigeach. Gu cudromach, nì sinn sgrùdadh cuideachd air an àite a dh’fhaodas a bhith aig na meadhanan is na meadhanan sòisealta gus an t-amas seo a thoirt gu buil. 

“Tha fios agam gum bi na guallichean agam ann am Pàrlamaid na h-Alba, gu sònraichte an fheadhainn a tha an sàs ann an Comann Pàrlamaideach a’ Cho-fhlaitheis, ag iarraidh cluinntinn bho fheadhainn eile an taobh a-muigh na h-Alba. Nuair a thug e gu cùisean cothromachaidh, tha mòran ri sgaoileadh againn agus cothrom ionnsachadh bho luchd-pàrlamaid eile.”  

Am measg nan cuspairean a thèid a sgrùdadh aig a’ cho-labhairt tha:

 

  • Mar a ghabhas leasachadh toirt air com-pàirteachas nam ban anns an t-saoghal phoilitigeach, agus cho èifeachdach agus a tha iomairtean 50/50 agus liostaichean do bhoireannaich a-mhàin.
  • Sgrùdadh bheachdan practaigeach mar thaic ri Pàrlamaidean anns a bheil nas lugha de 20% de na suidheachain aig boireannaich.
  • Na gnìomhan a dh’fhaodas luchd-poilitigs baineann a ghabhail gus a dhèanamh cinnteach gum bi cothrom na Fèinne aig na h-uile san lìonra aca.
  • Mar a riochdaicheas na meadhanan luchd-poilitigs baineann agus na gnìomhan deimhinneach a dh’fhaodte gabhail gus cur ri mothachadh air ceistean mu ghnè. 

Cùl-fhiosrachadh 

Tha Meur na h-Alba de Chomann Pàrlamaideach a’ Cho-fhlaitheis ris a’ chiad Cho-labhairt de Luchd-pàrlamaid Baineann a’ Cho-fhlaitheis bho Roinn Eileanan Bhreatainn is na Mara Mheadhanach den Chomann a chumail. Thèid a’ cho-labhairt a chumail 16 Màrt 2014.  

Is e cuspair na co-labhairt Cur ri Com-pàirteachas nam Ban ann am Poilitigs. Bheir a’ cho-labhairt seo an cothrom do luchd-pàrlamaid baineann às an Roinn air fad agus nas fhaide air falbh ceistean coitcheann a tha a rèir raon-ùghdarrais Buidheann-stiùiridh ùr na Roinn a dheasbad.    

Thug Meur na h-Alba den Chomann cuireadh do riochdairean à Alderney, Cyprus, Eileanan Falkland, Gibraltar, Guernsey, Eilean Mhanainn, Jersey, Malta, Èirinn a Tuath, Alba, St Helena, an Rìoghachd Aonaichte agus a’ Chuimrigh. Cuideachd, thathar an dùil gum bi riochdairean bho Namibia, Papua New Guinea agus Afraga a Deas an làthair aig a’ cho-labhairt. 

Tha Comataidh-gnìomha de Mheur na h-Alba den Chomann air a dhèanamh suas le ceathrar Bhall: Sandra NicIlleBhàin, Patricia NicFhearghais, Mairead Mitchell agus Tamhais Scott.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.