Tadhlaidh an t-Oifigear Riaghlaidh air Shieldinch

11.02.2014

Cuiridh Shieldinch fàilte air neach-tadhail ùr nas fhaide air adhart sa mhìos seo nuair a thèid Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA, gu làrach a’ phrògraim BhBC a tha measail aig mòran, ’s e sin River City.

Tha an turas, a ghabhas àite air Diluain 24 Gearran, mar phàirt de “Latha Pàrlamaid Dhùn Bhreatainn”, iomairt a bhios a’ toirt na Pàrlamaid ’s a cuid obrach a-mach à Taigh an Ròid ’s a-steach gu coimhearsnachdan ionadail air feadh na h-Alba.

Cho math ri bhith a’ coinneachadh ri muinntir mas-fhìor Shieldinch, coinnichidh an t-Oifigear Riaghlaidh ri luchd-obrach is luchd-cleachdaidh Café Connect, a bhios a’ toirt fastachd do dh’inbhich le duilgheadasan ionnsachaidh. Cuideachd, nì i clàradh air sgeulachdan-naidheachd air sgàth Rockvale Rebound, am ‘pàipear-naidheachd labhartach’ a bhios air a sgaoileadh gu daoine ionadail le duilgheadasan fradhairc.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, Am Ball Fìor Urramach Tricia Marwick BPA :

“Tha Latha na Pàrlamaid ann gus a bhith a’ toirt Pàrlamaid na h-Alba a-mach à Dùn Èideann agus a-steach gu coimhearsnachdan air feadh na h-Alba.

“Tha mi glè thoilichte gum bi sinn a’ tadhal air Dùn Breatann air an ath Latha Pàrlamaid againn agus tha mi a’ dèanamh fiùghair gu mòr ri bhith a’ coinneachadh ri muinntir an àite ’s a bhith a’ tadhal air Café Connect agus Rockvale Rebound – dà iomairt a chuireas cho mòr ri coimhearsnachd ionadail Dhùn Bhreatainn.

“Cuideachd, bidh e fìor inntinneach a bhith a’ faicinn taobh eile an dràma ann an Shieldinch agus a bhith a’ cluinntinn mar a tha ’s gun deach ionad-dèanaimh River City a stèidheachadh ann an Dùn Breatann air buaidh a thoirt gu h-ionadail, gu sònraichte a thaobh eaconamaidh an àite.

“Tha mi an dòchas, le bhith a’ toirt sealladh goirid de dh’obair na Pàrlamaid do mhuinntir Dhùn Bhreatainn,  gun cuidich sinn ann a bhith a’ togail ceanglaichean nas làidire eadar a’ choimhearsnachd ionadail agus a’ Phàrlamaid aca.”

Còmhla ris an Oifigear Riaghlaidh bidh Jackie Baillie, BPA Dhùn Bhreatainn, agus i a’ tadhal air làrach River City gus coinneachadh ris an dà chuid an luchd-cleasachd is an sgioba. Cuideachd, bheir iad sùil air chùl gach rud agus tuilleadh fhaotainn a-mach mun obair-dheasachaidh. Ri linn a turais, thèid mion-fhiosrachadh a thoirt don Oifigear Riaghlaidh mu bhuaidh eaconamach an stiùidio, a tha a’ fastadh mu 200 neach sa bhliadhna, agus aig a bheil buaidh nach beag air eaconamaidh an àite.

Cuideachd, an lùib Latha Pàrlamaid Dhùn Bhreatainn bidh Comataidh Bun-structar is Cur-an-Seilbh Calpa a’ togail fianais mu Bhile Taigheadas. ’S e cothrom a tha ann do dhaoine coinneachadh ris a h-uile neach a tha an-sàs sa Phàrlamaid: an t-Oifigear Riaghlaidh, Buill, agus luchd-obrach na Pàrlamaid.

Cùl-fhiosrachadh

Am measg nam buidhnean air an tadhail an t-Oifigear Riaghlaidh tha: 

  • River City. ’S e tha seo ach dràma bog a’ BhBC a tha measail aig mòran ’s a bhios air a dhèanamh aig stiùidiothan a’ BhBC ann an Dùn Breatann.
  • Café Connect. ’S e tha sa phròiseact seo ach iomairt shòisealta gun phrothaid a tha air a ruith aig Comhairle Dhùn Bhreatainn an Ear, rud a bheirt taic a thaobh cosnaidh do dh’inbhich aig a bheil duilgheadasan ionnsachaidh.
  • Rockvale Rebound. ’S e tha seo ach seirbheis naidheachd air teip gu sònraichte do dhaoine aig a bheil duilgheadasan fradhairc taobh a-staigh Sgìre Srath Lìobhainn. Tha e air a ruith mar bhuidheann shaor-thoileach le Bobby Simpson MBE, a tha e fhèin gu tur gun fhradharc.

Comataidh Bun-structar is Cur-an-Seilbh Calpa : Tha a’ Chomataidh a’ togail fianais mu Bhile Taigheadas. Cumaidh a’ Chomataidh sreath de choinneamhan neo-fhoirmeil ri linn an latha còmhla ri buidhnean luchd-còmhnaidh ionadail agus buidhnean taigheadais mus tòisich a’ choinneamh phoblach fhoirmeil aig Talla a’ Bhaile / Burgh Hall aig 6f. Thathar a’ toirt cuiridh don mhòr-shluagh a’ choinneamh phoblach seo a fhrithealadh, far am bi seisean fhosgailte de Cheistean is de Fhreagairtean mu ghnothaichean taigheadas air chois aig an deireadh.

Foghlam: tadhlaidh BPAan a riochdaicheas an sgìre seo air Bun-sgoil Renton, Braehead is Bonhill air Diluain 24 Gearran gus pàirt a ghabhail ann an gnìomhan a tha air an cur ri chèile gus cuideachadh a thoirt do sgoilearan tuilleadh ionnsachadh mu Phàrlamaid na h-Alba.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.