Fòcas air taigheadas ri linn turas comataidh Latha Pàrlamaid gu Dùn Breatann

17.02.2014

A bheil barrachd fios a dhìth oirbh mu na tha a’ Phàrlamaid a’ dèanamh gus dol an glaic ri droch chor taigheadas air mhàl san roinn phrìobhaideach? Neo mu mar a bhios uachdarain a’ riarachadh taigheadas sòisealta s a’ cur an aghaidh giùlan mì-shòisealta? A bheil sibh ag aontachadh ri moladh Riaghaltas na h-Alba a thaobh crìoch a chur air còraichean luchd-còmhnaidh taighean sòisealta a cheannach?

Bidh Comataidh Bun-structair is Cur-an-Seilbh Calpa aig Pàrlamaid na h-Alba ag èisteachd ri muinntir Dhùn Bhreatainn air na cuspairean seo is eile an ath-sheachdain nuair a thig i an ceann a chèile ann an Talla a’ Bhaile. Thig gach cuspair sin fo sgèith a’ Bhile Taigheadas (Alba) agus tha Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh fios a bhith aca am bi am Bile a’ cur aghaidh air prìomh amasan taigheadas nan daoine sin a tha nan còmhnaidh nar coimhearsnachdan.

Air Diluain 24 Gearran, coinnichidh riochdairean buidhnean luchd-còmhnaidh ionadail is buidhnean taigheadas ris a’ Chomataidh gus deasbadan foirmeile a chumail. Cuideachd, coinnichidh na BPAan ri oileanaich a tha ri Foghlam Nua-aimsireil ann an Acadamaidh Dhùn Bhreatainn, agus ri Comhairlichean is luchd-obrach o Chomhairle Shiorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar.

Aig 6f, tòisichidh coinneamh fhoirmeil na Comataidh, nuair a bhios riochdairean lìonra buidhnean luchd-còmhnaidh bho air feadh Alba agus o bhuidhnean comhairleachaidh a’ phobaill a’ toirt fianaise don Chomataidh mun Bhile Taigheadas (Alba).

Aig deireadh na coinneimh foirmeil, bidh cothrom aig a’ mhòr-shluagh ceistean a chur ris a’ Chomataidh mun Bhile Taigheadas (Alba) agus mu mar a bhreithnicheas a’ Phàrlamaid air cùisean reachdail. Mar sin ma tha ceist agaibh a tha sibh ag iarraidh freagairt, nach rach sibh an conaltradh ruinn?

Post-d: ici.committee@scottish.parliament.uk 
Fòn: 0131 348 5229

Leanaibh a’ Chomataidh air Twitter @SP_ICIcom

 

 

 

 

Contact information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.