Tosgaire na Grèige ri bruidhinn ri Buill mu thàbhachdan na h-Eòrpa

04.03.2014

Thèid tàbhachdan na Grèige agus i na ceann-suidhe fad sia mìosan air Aonadh na h-Eòrpa a mhìneachadh a-màireach le Tosgaire Poblach Hellenic na Grèige don Rìoghachd Aonaichte, A Shoillse Konstantinos Bikas.

Agus i a’ bruidhinn ron choinneimh, mhìnich Neach-gairm na Comataidh Cairistìona NicShealbhaich:  

“Tha a’ Chomataidh againn ag iarraidh gu mòr barrachd a chluinntinn mu thàbhachdan na dùthcha a tha na Ceann-suidhe air Comhairle Aonadh na h-Eòrpa. Agus tàbhachdan ann gus fàs a bhrosnachadh; obraichean a chruthachadh agus cur ri farpaiseachd an Aonaidh, tha e deatamach fhèin gun tuig sinn ann an Alba mar a bhios iad a’ toirt nan raointean tàbhachdach seo a thaobh poileasaidh air adhart. 

“Tha ùidh mhòr againn cuideachd ann a bhith a’ cluinntinn mar a tha e san amharc aca sìneadh a-mach ri saoranaich gus an dèan iad ceangal ri obair an Aonaidh. Tha e na mac-talla de dh’oidhirp na Comataidh againn fhèin cluinntinn bho dhaoine, luchd-bhòtaidh òg nam measg. Tha e cudromach gun cuidich luchd-poilitigs ris an luchd-bhòtaidh aca beachdan nan eòlach a chluinntinn agus dol an sàs ann an deasbadan na dùthcha againn.” 

Tha a’ Ghrèig na Ceann-suidhe an dèidh do dh’Èìrinn a bhith ann sa chiad leth de 2013 agus Lithuania san leth eile. Tha clàr an Triùir na phlana-obrach fad bliadhna gu leth a dh’ullaich buidheann de thriùir a bhios mar Cheann-suidhe air Comhairle an Aonaidh agus Rùnaireachd na Comhairle a tha a’ cur amasan bunaiteach an làthair gus clàr-obrach na Comhairle a thoirt air adhart.  

Tha an Ceannas-suidhe air trì prionnsapalan a bheir stiùireadh air an obair aige a leagail sìos. Is iad seo:

  • A’ cur ri ceanglaichean catharra is sòisealta ris an Aonadh, tro phoileasaidhean is thionnsgnaidhean mar fhreagairt air duilgheadasan is ceistean shaoranach bho latha gu latha.
  • A’ doimhneachadh an Aonaidh, Aonadh Ionmhasail na h-Eòrpa gu sònraichte, le bhith a’ cur phoileasaidhean is ghnìomhan air adhart gus easbhaidhean fhuasgladh is a rèiteach ann an ailtireachd raon an Euro, a nochdadh ri linn an duilgheadais o chionn ghoirid.
  • A’ daingneachadh dleastanas is cunntachalachd dheamocratach an Aonaidh, agus cur ri ceanglaichean am measg nan Stàitean nam Buill, cho math ri togail deamocrasaidh Eòrpach agus a’ leudachadh chòraichean daonna mion air mhion.
  • Tha Ceannas-suidhe na Grèige air cuideam a chur air trì raointean a thaobh poileasaidh mar thàbhachdan. Is iad seo:

1) Fàs-Obraichean-Co-thàthadh,

2) Amalachadh an Aonaidh agus Raon an Euro, agus

3) Imrich-Crìochan-Gluasad. 

Cuideachd, bidh tàbhachdan na mara am measg tàbhachdan a’ Cheannais. Is e an t-amas a tha ann air a’ cheann thall gun gabhar ri teacsa air Tàbhachdan na Mara aig Comhairle Eòrpach an Ògmhios 2014, a’ cur cuideim air dà chuspair: tèarainteachd agus fàs is lùth.

 

Cùl-fhiosrachadh

Coinneamh aig Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh A-muigh Diardaoin 6 Màrt 2014, Seòmar-comataidh 6 aig 10.15m. 

Thèid coinneamh na Comataidh a chraoladh air an Lìon aig: www.pàrlamaidnahalba.ra/tbh air neo faodar tiogaidean a chur an taobh le post-dealain sp.bookings@scottish.parliament.uk / 0131 348 5200 no air fòn-an-asgaidh 0800 092 7600 (luchd-cleachdaidh Fòn-teacsa: 0800 092 7100). 

Bidh dealbhan den tachartas rim faotainn an-asgaidh. Cuiribh fios gu Oifis nam Meadhanan aig a’ Phàrlamaid gus am faighinn.

Fiosrachadh airson nam meadhanan

Sally Coyne: 0131 348 6265

Conaltradh Text Relay dì-beathte

sally.coyne@scottish.parliament.uk

Fiosrachadh poblach

  • Fòn: 0800 092 7500
  • Faodaidh luchd-cleachdaidh Fòn-teacsa fios a chur thugainn air 0800 092 7100
  • Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a chleachdas seirbheis Text Relay 
  • Teachdaireachd-teacsa: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

 

Faodaidh sibh ar leantainn cuideachd air truitrich @scotparl

Gabhaibh spèis dhuinn air Facebook gus am fiosrachadh as ùire air naidheachdan is tachartasan fhaighinn

Air neo faighibh a-mach barrachd air YouTube 

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.