05.03.2014
Chum an t-Oifigear Riaghlaidh sùil an-diugh (5 Màrt) air teachd an rud as ùire gu gàrradh Pàrlamaid na h-Alba – dhà bheachlann (beehives)
Le teachd nan seillean seo bidh Pàrlamaid na h-Alba air a’ chiad bhuidheann reachdail san RA aig am bi beachlann agus bidh seo mar chuideachadh ann a bhith a’ cumail taic ris na th’ ann de sheilleanan. Bidh na beachlannan, a thèid a chur air dòigh aig Mil Ghleann Cheilbhein / Kelvin Valley Honey, mar ionad tèarainte do sheilleanan-mil Albannach, a thig nas fhaide air adhart sa bhliadhna.
Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, Am Fìor Urramach Tricia Marwick :
“Tha mi fìor thoilichte gur i Pàrlamaid na h-Alba a’ chiad bhuidheann reachdail aig am bi a cuid bheach-lann fhèin. ’S e tha seo ach dòigh mhìorbhaileach air taic a chumail ris na th’ ann de sheilleanan ann an Alba, àireamh a tha, gu cruaidh, air crìonadh gu grad thar nan dà bhliadhna a chaidh seachad.
“Is tric a theirear gur àite a’ Phàrlamaid a tha làn crònan, mar gum biodh – uill, bidh seo glè fhìor nuair a chuireas sinn fàilte air na buill ùra seo gu Taigh an Ròid.”
Thuirt Paul Holmes, Cathraiche Mil Ghleann Cheilbhein / Kelvin Valley Honey:
“’S iad na seilleanan-mil a bhios a’ poileanachadh còrr is 60% de bharran, de thoradh, de mheasan, de dhìthein, de chraobhan, de phreasan is de lusan na h-Alba.
“Tha gum bi seilleanan aig Pàrlamaid na h-Alba mar dheagh eisimpleir air mar is urrainn do bhuidhnean coimhearsnachd leithid sinne tighinn còmhla ri luchd-dèanamh cho-dhùnaidhean-is-phoileasaidhean Nàiseanta gus fìor dhiofar a dhèanamh a thaobh ceist a bheir buaidh, sa cheann thall, oirnn uile.”
Cùl-fhiosrachadh
Tha Mil Ghleann Cheilbhein / Kelvin Valley Honey mar iomairt aig Gàrradh Margaidh Coimhearsnachd Chill Saighe, Companaidh Earranta fo Bharantas aig a bheil amasan carthannach agus a tha ann an seilbh agus fo stiùir luchd-còmhnaidh Ghleann Uachdrach Cheilbhein.
Thàinig am pròiseact gu bith ri linn draghan daoine mu chrìonadh uabhasach seilleanan na sgìre sna bliadhnaichean a chaidh seachad agus mar a tha droch bhuaidh aig seo air poileanachadh bharran, lusan is seòrsaichean sònraichte de choilltean.
Thèid na beachlannan a stiùireadh agus a chumail a’ dol le Mil Ghleann Cheilbhein / Kelvin Valley Honey, gun chosg sam bith air Pàrlamaid na h-Alba.
Contact information
Media
information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: