Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh nan Sgrùdaidhean Poblach a’ cur an cèill airson a’ chiad uair am fiosrachadh-sgrùdaidh ris am bu chòir dùil a bhith aig Pàrlamaid na h-Alba, agus cuideachd na bhios a dhìth an dèidh seo ma tha Taigh an Ròid gu bhith a’ dèanamh sgrùdadh is beachdachadh ceart air cìs teachd-a-steach luach £4.5b a thogas HMRC o luchd-pàighidh-chìsean na h-Alba.
Ged a chaidh fàilte a chur air na rinn HMRC agus Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh de cho-obrachadh thuige seo, tha a’ Chomataidh air dàta sònraichte ‘coileanaidh’ ainmeachadh a tha iad ag ràdh a bu chòir a bhith air a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba – dàta a ghabhadh a-steach fiosrachadh mu chìsean a chaidh a dhubhadh às, foill agus ìrean de mhearachdan, cho math ri tomhaisean air dè cho math ’s a tha HMRC a’ frithealadh air luchd-pàighidh-chìsean na h-Alba.
Thuirt Neach-gairm Comataidh nan Sgrùdaidhean Poblach, Ùisdean Henry BPA:
“Prìomh ghnothach a bh’ aig a’ chomataidh ri linn an rannsachaidh seo, ’s e a bhith a’ dèanamh cinnteach gum faigh Pàrlamaid na h-Alba gu leòr de dh’fhiosrachadh brìghmhor a chuireas nar comas sgrùdadh a dhèanamh air coileanadh HMRC ann a bhith a’ togail teachd-a-steach Cìse Ràta Singilte (CRS), oir tha e soilleir gu bheil buaidh dhìreach aig na thogas HMRC de chìsean air na gheibh Alba de dh’airgead.
“Aithnichidh a’ chomataidh seo gu bheil comas na Pàrlamaid a thaobh HMRC a chumail fo sgrùdadh mun choileanadh aca ann a bhith a’ togail CRS gu cruinn ceart glè chudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum faigh Alba a cuid iomchaidh de chìs teachd-a-steach.”
Anns an aithisg aca, molaidh a’ chomataidh gun toir HMRC do Thaigh an Ròid na leanas de dh’fhiosrachadh coileanaidh taobh ri taobh ri cuid CRS o na cunntasan bliadhnail aca:
· measadh a thaobh nach deach a phàigheadh ri linn foill is mearachdan a thaobh luchd-pàighidh-chìsean na h-Alba a tha stèidhichte ann an Alba;
· coileanadh a thaobh fiachan cìse agus Àrachas Nàiseanta (ràta-ròla), fiachan a tha air luchd-pàighidh-chìsean na h-Alba a lìonas a-steach foirmean Fèin-Mheasaidh cìse:
· tomhais de mheud cìs teachd-a-steach na h-Alba a chaidh dubhadh às:
· na gheibhear de ghearanan a thaobh CRS.
Tha a’ chomataidh cuideachd air moladh gum bu chòir Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gealltanas a bharrachd a thoirt seachad mu sgrùdadh Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh air coileanadh HMRC ann a bhith a’ togail agus a’ rianachd CRS.
Rud eile san aithisg, molaidh a’ chomataidh gum foillsich Riaghaltas na h-Alba a cuid dàta air pàtranan-imrich na h-Alba oir bidh seo mar chuideachadh don Phàrlamaid ann a bhith a’ beachdachadh air buaidh nan ìrean diofraichte de ChRS – eadar am brosnaicheadh neo nach brosnaicheadh ràta eadar-dhealaichte daoine iad fhèin a chur an cèill mar luchd-pàighidh chìsean Albannach.
Tha dà mhìos aig Riaghaltas na h-Alba ri freagairt a thoirt do dh’aithisg na comataidh. Cuideachd, thèid iarraidh air HMRC, Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh agus Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba freagairt a thoirt a thaobh molaidhean cothromach na h-aithisg.
Cùl-fhiosrachadh
Fo Achd Alba 2012, rachadh na ràtaichean bunaiteach, àrd-ìre agus a bharrachd dhe na leigeas Riaghaltas na RA de chìs teachd-a-steach a lùghdachadh le 10sg san not dhaibhsan a dh’ainmichear mar luchd-pàighidh-chìsean Albannach. Nuairsin, chuireadh a’ Phàrlamaid an gnìomh aon ràta singilte de chìs teachd-a-steach (CRS) thar gach bann-cìse. Tha an còrr de structair cise teachd-a-steach fhathast mar chùis ghlèidhte agus bidh seo fhathast air a chur air dòigh aig Pàrlamaid na RA. Mar thoradh air seo, chan e rud tiomnaichte a tha ann an CRS ach ràta cìse a chuirear an cèill aig a’ Phàrlamaid a bhios a’ gabhail àite pàirt de chìs teachd-a-steach na RA.
Bidh feum aig Riaghaltas na h-Alba CRS ùr a mholadh a h-uile bliadhna, le rùn ris an gabh a’ Phàrlamaid Albannach ann an leithid a dh’ùine a leigeas leotha na cìsean a thogail aig toiseach gach bliadhna-cìse (rud a thòisicheas ann an Giblean 2016 agus a leanas air adhart gach Giblean an dèidh sin).
Mar fhianais, chuala Comataidh nan Sgrùdaidhean Poblach gu bheil mu thimcheall 40 millean neach-pàighidh-chìsean san RA agus mu 2.6 millean ann an Alba. O thaobh airgid dheth, thathar a’ measadh gum faighear mu £152 billean às cìsean teachd-a-steach san RA, le mu £4.5 billean a-tighinn o luchd-pàighidh na h-Alba.
Chaidh a mheasadh gun cosg cur-an-gnìomh is obrachadh CRS £40-£45 millean do HMRC, le cosgaisean bliadhnail stiùiridh de £4.2 millean an dèidh sin. Thèid na cosgaisean seo a choileanadh le Riaghaltas na h-Alba agus mar sin bidh iad cuideachd fo sgrùdadh aig Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba. Cuideachd, bidh Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh a’ toirt aithisg bhliadhnail do Phàrlamaid na h-Alba air prìomh phàirtean de rianachd is de thogail HMRC de ChRS.
Gheibhear an aithisg iomlan, ‘Frèama Sgrùdaidh Ràta Cìs Teachd-a-Steach na h-Alba’, air duilleagan-lìn na comataidh:
http://www.pàrlamaidnahalba.ra/gnothaicheannapàrlamaid/ComataidheanAnCeartuair/29860.aspx