10.03.2014
Thathar a’ dol a dhèanamh sgrùdadh air mar a stiùirear àrainneachd eachdraidheil na h-Alba ’s air mar bu chòir a cur air adhart anns na làithean ri teachd aig Comataidh Foghlam is Cultar Pàrlamaid na h-Alba.
Bidh Bile Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba a’ cruthachadh buidheann ùr, Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba, a ghabhas thairis obair Alba Aosmhor agus Coimisean Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Bidh gach rud a bhuineas ri cur-air-adhart àrainneachd eachdraidheil na h-Alba a’ tighinn fo chùram na buidhne ùire.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stiùbhart MacSuail BPA:
“Tha pàirt cudromach aig àrainneachd eachdraidheil na h-Alba nar beathannan uile. Nì i ceangal ris an latha a dh’fhalbh agus cuiridh i cumadh air ar fèin-aithne chultarach. Uime sin, tha e glè chudromach gun dèan sinn cinnteach gun tèid a stiùireadh, a cur air adhart is a glèidheadh airson nan ginealachdan ri tighinn.
“Tha a’ Chomataidh ag iarraidh faighinn a-mach an iad na molaidhean a tha romhainn an dòigh as fheàrr air dèanamh cinnteach gun glèidhear ar n-àrainneachd eachdraidheil. Tha sinn airson cluinntinn o dhaoine thar Alba mu amasan na buidhne ùire agus a bheil gus nach eil na h-amasan seo a’ dol fada gu leòr gus dèanamh cinnteach gum faod a h-uile duine tlachd a thoirt às ar buannachdan mòra eachdraidheil is cultarach.”
Bu mhath leis a’ Chomataidh cluinntinn bhuapasan uile aig a bheil gnothach ris a’ Bhile agus san ro-innleachd ùr-fhoillsichte a bhuineas ris an àrainneachd eachdraidheil, rud a tha cuideachd ag amas air tuigse is tlachd àrainneachd eachdraidheil na h-Alba a chur am feabhas.
Am measg cheistean eile a bhios fo aire na Comataidh, tha:
· Ciamar a chuidicheas cruthachadh Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba ann a bhith a’ leasachadh stiùireadh is cur-air-adhart àrainneachd eachdraidheil na h-Alba san fharsaingeachd?
· An cuidich am Bile a thaobh àrainneachd eachdraidheil na h-Alba a dhèanamh nas tarraingiche do choimhearsnachdan, theaghlaichean is luchd-turais?
· A bheil am Bile a’ cur air chois com-pàirteachas soilleir iomchaidh eadar Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba agus gach buidheann phoblach is phrìobhaideach aig a bheil gnothach ri àrainneachd eachdraidheil na h-Alba?
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh am Bile a thoirt a-steach air 3 Màrt 2014 agus e ag amas air buidheann-stiùiridh ùr a stèidheachadh airson àrainneachd eachdraidheil na h-Alba. Chaidh am Bile fhoillseachadh cuide ri ciad roi-innleachd àrainneachd eachdraidheil na h-Alba.
’S e an ceann-latha airson beachd a chur a-steach ach Dimàirt 22 Giblean 2014. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air duilleagan-lìn na Comataidh:
http://www.pàrlamaidnahalba.ra/gnothaicheannapàrlamaid/ComataidheanAnCeartuair/74063.aspx
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: