Beachdan a dhìth air comataidh aig a’ Phàrlamaid mu ùthachd le cobhair

14.03.2014

Chaidh gairm airson fianais mun reachdas air ùthachd (suicide) le cobhair fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Slàinte is Spòrs aig Pàrlamaid na h-Alba agus sgrùdadh leis a’ Phàrlamaid a’ tòiseachadh air Bile Ùthachd le Cobhair (Alba).

Bheireadh an reachdas a thathar a’ moladh modh do dhaoine àraidh air a bheil tinneas gu bàs no tinneas na ghiorrachadh-beatha a’ cur gus cobhair iarraidh cur às dhaibh fhèin aig àm a thaghas iad fhèin. Bheireadh e dìon an aghaidh buailteachd eucorach is chatharra don fheadhainn a bheireadh a leithid de chobhair seachad. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Donnchadh MacNèill BPA:

“Seo ceist a tha air dealachadh a chruthachadh ann am beachdan a’ phobaill agus tha e follaiseach gu bheil beachdan làidir air dà thaobh an deasbaid.

“Chan eil teagamh ann ach gum biodh atharrachadh air an lagh gus cuideachadh ri ùthachd na atharrachadh mòr mòr a thaobh mar a ghabhas sinn gnothach ri daoine air a bheil tinneas gu bàs aig deireadh am beatha agus tha caochladh cheistean moralta is eiticeil a dh’fheumar sgrùdadh mar chuid den deasbad seo.

“Leis cho cudromach agus a tha an reachdas a thathar a’ moladh, tha e nas cudromaiche buileach gun seall sinn mar chomataidh aig a’ Phàrlamaid air an t-suidheachadh gun chlaonadh.”

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Bob Doris BPA:

“Tha a’ Chomataidh againn ag iarraidh cluinntinn bho na h-uidhir de dhaoine agus a ghabhas – dotairean, luchd-cungaidh agus luchd-leigheis anns an fharsaingeachd a bhiodh an sàs ann an cuideachadh ri ùthachd duine, an treas roinn, am poileas agus luchd-lagha.

“Feumaidh sinn a’ mhionaideachd air cùl nam moladh a sgrùdadh – ciamar a bhiodh a leithid de shiostam ag obrachadh agus àite nan dreuchdan sin anns a’ mhodh-obrachaidh.

“Tha e cudromach cluinntinn bho eòlaichean ach tha sinn cuideachd ag iarraidh bho raon farsaing de dhaoine air am faodadh an reachdas a thathar a’ moladh buaidh a thoirt – gus seo a chleachdadh mar chothrom air deasbad air mar a thathar a’ gabhail gnothaich ri daoine aig deireadh am beatha.”

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh bheachdan air na leanas:

  • A bheil sibh ag aontachadh ri adhbhar coitcheann a’ Bhile gun ceadaichear, anns na suidheachaidhean dha bheil ullachadh, cuideachadh ri cuideigin cur às dha fhèin?
  • A bheil beachdan sam bith agaibh a thaobh mar a tha na h-ullachaidhean sa Bhile seo an coimeas ris an fheadhainn a bha ann am Bile Cobhair Deireadh-beatha (Alba) a bha ann roimhe seo?
  • Tha am Bile a’ seachnadh buailteachd eucorach no chatharra sam bith a chur air an fheadhainn a bheir cobhair seachad, fhad is a chumar ris na modhan is na feumalachdan am broinn a’ Bhile.
  • A bheil sibh ag iarraidh beachd a nochdadh air seo?
  • Tha am Bile a’ mìneachadh modh-obrachaidh ann an trì ìre mu dhearbhadh is iarrtas ris an fheumadh neach ag iarraidh ùthachd le cobhair cumail. A bheil beachd sam bith agaibh air a’ mhodh-obrachaidh a thathar a’ moladh?
  • A bheil beachd sam bith agaibh air na h-ullachaidhean ag iarraidh gun fheum tinneas gu bàs no na ghiorrachadh-beatha, no cor a’ fàs nas miosa a tha an dara cuid na thinneas gu bàs no na ghiorrachadh-beatha, a bhith air an neach ag iarraidh ùthachd le cobhair?   
  • A bheil sibh toilichte leis na h-ullachaidhean a thaobh airidheachd mu aois, chomas, agus cheangal ri Alba mar a tha sa Bhile?
  • A bheil beachd sam bith agaibh air àite luchd-leigheis agus luchd-chungaidh dha bheil ullachadh sa Bhile?
  • A bheil beachd sam bith agaibh air a’ mhodh san ceadaichear do neach cur às dha fhèin sa Bhile?
  • A bheil beachd sam bith air àite luchd-obrachaidh cheadaichte dha bheil ullachadh anns a’ Bhile?
  • A bheil beachd sam bith agaibh air àite a’ phoileis dha bheil ullachadh anns a’ Bhile? 

Cùl-fhiosrachadh

Gus fianais a thoirt don Chomataidh, faodaidh sibh post-dealain a chur gu HealthandSport@scottish.parliament.uk by Friday 6 June.

Chaidh Bile Ùthachd le Cobhair (Alba) a thoirt a-steach ann am Pàrlamaid na h-Alba 13 Samhain 2013. Cha lughaide gun tòisich Comataidh Slàinte is Spòrs a’ gabhail ri fianais ann an labhairt mun bhile san t-Samhain 2014.

Submit your views

Assisted Suicide (Scotland) Bill - Call for written evidence

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.