14.03.2014
Tha an treas Frèam Planaidh Nàiseanta (FPN) na sgrìobhainn le tòrr amasan a bhios mar phrìomh phàirt dhe bhith a’ lìbhrigeadh lughdachadh ann an targaidean gasaichean na h-Alba ach a tha feumach air leasachadh ann an grunn phrìomh raointean a bhuineas ris an àrainneachd, a rèir Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid is na h-Àrainneachd.
Bu chòir ’s gum bi ceistean leithid glèidheadh nam poll-mònach, lughdachadh sgudail, taic do phàtranan leasachaidh nach cleachd uiread de ghualan agus leasachadh lìonra teis aig ìre ìseal de ghualan a bhith air an neartachadh taobh a-staigh dhen fhrèam.
Cuiridh a’ Chomataidh fàilte air an fhrèam, ach a chor is gun coileanar gu sònraichte targaidean dùbhlannach na h-Alba a thaobh atharrachadh clìomaid, tha a’ Chomataidh ag iarraidh gum bithear a’ dèanamh measaidhean is sgrùdaidhean gualain air a h-uile obair-leasachaidh.
Tha a’ Chomataidh cuideachd ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gum bi am FPN a rèir lìbhrigeadh stiùireadh seasmhach cunnart tuiltean, leis a’ phrìomh amas gun tèid cunnart tuiltean san fharsaingeachd a lughdachadh ann an leasachaidhean, ga dhèanamh soilleir gum bu chòir taigheadas is obair-leasachaidh eile ann an àiteachan a tha fo chunnart tuiltean a sheachnadh.
Cuideachd chaidh a’ cheist mu bhun-structair didsiteach a chur air bhog ann an sgìrean iomallach is dùthchail a thogail leis a’ Chomataidh, a tha ag iarraidh faicinn an gabhadh an FPN a chleachdadh gus barrachd taic a thoirt do cheanglaichean dhaibhsan a tha nan còmhnaidh ann an sgìrean dùthchail.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Rob Gibson BPA:
“Bu chòir àrainneachd sheasmhach a bhith aig teis-meadhan siostam planaidh èifeachdach. Tha am frèam planaidh nàiseanta na sgrìobhainn dhearbhach amasach, rud a bhios aig bàrr chùisean planaidh agus a bhios a’ cur ri comas coimhearsnachdan na h-Alba gabhail ri atharrachadh clìomaid.
“Gidheadh, feumaidh sinn fòcas nas soilleire air cuid de na prìomh raointean gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-siostam planaidh a rèir ar n-amasan a thaobh na h-àrainneachd. Ma tha sinn gu bhith a’ coileanadh thargaidean dùbhlannach, feumaidh sinn gnìomhan danarra a ghabhail os làimh.
“Leis gun robh sgrios air chois o chionn ghoirid a chaidh adhbhrachadh le tuiltean mu dheas agus gu dearbh fhèin ann am pàirtean de dh’Alba, tha a’ Chomataidh gu daingean fo dealas gun cuir iad an aghaidh obair-leasachaidh ann an àiteachan a tha fo chunnart tuiltean.”
Cuideachd, dh’iarr a’ Chomataidh air Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh a dhèanamh air pròiseas beachdachaidh an FhPN le bhith a’ meudachadh sgrùdadh na pàrlamaid o 60 latha gu 90 latha, leis gu bheil an sgrìobhainn cho cudromach.
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh an treas dreach den Fhrèam Phlanaidh Nàiseanta (FPN) a chur fa chomhair na Pàrlamaid air 14 Faoilleach.
Cuideachd, rinn trì comataidhean eile sgrùdadh air na ceistean san FhPN a bhuin riutha fhèin, nam measg Eaconamaidh, Àrainneachd is Turasachd, Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh agus Bun-structair is Cur-an-Seilbh Calpa.
Faodar Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid is na h-Àrainneachd a leantail air Twitter.
Read the report
Rural Affairs, Climate Change and the Environment Committee: Report on the Proposed National Planning Framework 3
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: