Ceangal nas soilleire ri poileasaidhean nàiseanta a dhìth anns an Fhrèama Planaidh Nàiseanta

14.03.2014

Feumaidh na ceanglaichean eadar an treas Frèama Planaidh Nàiseanta (FPN) agus prìomh phoileasaidhean nàiseanta eile – leithid ath-nuadhachadh choimhearsnachdan – a bhith nas soilleire a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh aig Pàrlamaid na h-Alba.

Agus iad a’ cur fàilte air an FhPN agus air a’ cho-chomhairleachadh fharsaing a ghabh àite, chuir a’ Chomataidh cuideam air an fheum gum bithear a’ soilleireachadh mar a dh’fhaodadh an t-siostam planaidh cuideachadh is taic a thoirt ann an raon farsaing de phrìomh phoileasaidhean eile, leithid cosg casgach.

Cuideachd, molaidh aithisg na Comataidh gum bu chòir frèamaichean planaidh leantainneach a bhith a’ leigeil le Pàrlamaid na h-Alba a bhith an-sàs aig ìre nas traithe a chor is gum bi seo a’ cuideachadh ann a bhith a’ cur cumadh air na slatan-tomhais agus na seòrsaichean de leasachaidhean nàiseanta a bhios a dhìth air Alba sna bliadhnaichean ri teachd.

A bharrachd air seo tha an aithisg a’ cur cuideam air mar a dh’fhàillig a’ chuid a bu mhotha de dh’ùghdarrasan ionadail dèanamh cinnteach gu bheil plana leasachaidh ionadail an-sàs aca, rud a tha riatanach a rèir an lagh. Tha seo a’ cur bacadh air lìbhrigeadh siostam planaidh co-leantainneach gu nàiseanta.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Caoimhin Stiùbhart BPA:

“Tha e mar bhrosnachadh dhuinn gun do chaith Riaghaltas na h-Alba ùine ann a bhith a’ dol an-sàs ann an co-chomhairleachadh farsaing cuide ris a’ mhòr-shluagh air feadh na dùthcha ann an dòigh cheart bhrìghmhor, rud a thàinig gu buil le dreach Frèama Planaidh Nàiseanta aig an àm cheart. Gidheadh, tha èifeachd an t-siostaim phlanaidh air a lagachadh ri linn grunn ùghdarrasan ionadail a bhith a’ briseadh nan dleastanasan reachdail aca a thaobh planaichean leasachaidh ionadail a bhith an-sàs.

“’S e beachd ar Comataidh gum faodadh cur ri èifeachd an Fhrèama Phlanaidh Nàiseanta tro bhith a’ leigeil le Pàrlamaid na h-Alba a bhith an-sàs aig gach ìre thùsail, gu h-àraid a thaobh a bhith a’ cur an cèill gach slat-tomhais airson gach seòrsa de leasachadh nàiseanta a tha a dhìth air Alba. A bharrachd, tha sinn a’ beachdachadh air làn-aonachadh de phlanadh coimhearsnachd is cleachdadh-fearainn. Bidh ùghdarrasan ionadail, an t-Seirbheis Leasachaidh agus Buidheann Phlanaidh Choimhearsnachdan Nàiseanta a’ coileanadh prìomh ròl ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun tachair seo gu dearbh.”

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh an treas dreach Frèama Planaidh Nàiseanta (FPN) a chur fa chomhair na Pàrlamaid air 14 Faoilleach.

Rinn ceithir comataidhean sgrùdadh air an FhPN airson cheistean a bhuin riutha fhèin. A bharrachd air Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh, b’ iad na comataidhean eile ach Comataidh an Eaconamaidh, Lùths is Turasachd, Comataidh Bun-structair is Cur-an-Seilbh Calpa agus Comataidh Cùisean Dùthchail is Atharrachadh Clìomaid.

Read the report

  • 3rd Report, 2014: Proposed National Planning Framework 3 and review of Scottish Planning Policy

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.