14.03.2014
Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh Bun-structair is Cur-an-Seilbh Calpa air barrachd fiosrachaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba a thaobh prìomh phàirtean den Fhrèama Phlanaidh Nàiseanta aca.
Agus i a’ toirt tarraing air fianais na h-aithisg, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Maureen Watt BPA:
“’S e sgrìobhainn chudromach a tha anns an Fhrèama Phlanaidh Nàiseanta. Cuiridh i an cèill frèama is co-theacsa a thaobh co-dhùnaidhean planaidh thar Alba. A bharrachd air seo, faodaidh i cuideachd a bhith mar sgrìobhainn cur-an-seilbh, ag ainmeachadh far an gabh planadh cur ris an t-siostam ’s ri pròiseactan.
“Ged a chuireas a’ Chomataidh taic ri tòrr san sgrìobhainn, tha cuid de raointean innte far am mol sinn don Riaghaltas beachdachadh a dhèanamh mus fhoillsich iad dreach dheireannach na sgrìobhainn-sa. Bidh seo mar chuideachadh ann a bhith a’ toirt piseach air ruigsinneachd is soilleireachd an fhrèama phlanaidh.”
’S e geàrr-chunntas de phrìomh phuingean na h-aithisge ach:
Còmhdhail
Aithnichidh agus cuiridh a’ Chomataidh fàilte air molaidhean gus cur ri còig port-adhair ann an Alba air dòigh shimplidh eaconamach. Gidheadh, molar faiceall, leis gu bheil cunnart ann gus tèid cur ris na chuirear a-mach de ghasaichean ri linn meudachadh nam port-adhair, rud a lagaicheas oidhirpean Riaghaltas na h-Alba na h-amasan aca fhèin a thaobh lughdachadh ghasaichean a choileanadh.
Cuiridh a’ Chomataidh fàilte air a’ chomharradh gun tig iarrtas ghnìomhachasan a mholas loidhne-rèile luath eadar Dùn Èideann is Glaschu – air thoiseach air a’ phròiseact nas fharsainge air feadh na RA – fo aire nam Ministearan a dh’aithghearr. Tha iad a’ moladh gun toir Riaghaltas na h-Alba fa-near ceistean is draghan a chaidh a thogail mar fhianais far am buin seo ris a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith ann air a’ phròiseact Prògram Leasachaidh Dhùn Èideann / Ghlaschu (GDLP), cho math ri dealas an Riaghaltais a thaobh leasachaidhean rèile nas fharsaing na h-Alba.
Cuiridh a’ Chomataidh fàilte air ’s gum bi leasachaidhean air an toirt a-steach aig trì puirt-mhara ann an dreach FPN3 (Raon Cur-an-Seilbh Inbhir Ghrainnse, Comas Bathair air Uisge For agus Caladh Obar Dheathain) ach molaidh iad gum beachdaich Riaghaltas na h-Alba air cur ris a’ phàirt dhen sgrìobhainn a dhèiligeas ris a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig na leasachaidhean seo air an àrainneachd is air luchd-còmhnaidh ionadail.
Cuideachd, ’s e beachd na Comataidh gu bheil e cudromach gun toir Riaghaltas na h-Alba beachdachadh iomlan air na dh’fhaodadh a bhith an lùib barrachd comas bathair san àm ri teachd – chaidh toirt fa-near gu sònraichte gu bheil fianais ann mu ghiùlan bathar rèile agus tursan goirid mara bhàtaichean – a thaobh cuideachadh ann a bhith a’ coileanadh nan amasan farsaing aca far am buin seo ri ceanglaichean nas fheàrr agus, rud cudromach, ri seasmhachd.
Cuiridh a’ Chomataidh fàilte cuideachd air an dealas a nochd am Ministear airson Riaghlaidh Ionadail is Planaidh a thaobh tuilleadh treòir a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail mu phlanadh fa chòir coimhearsnachdan gnìomhach siubhail. Molar gun toir seo a-steach, cuideachd, treòr mu mar a dh’fhaodadh atharrachadh nas fharsainge a thaobh modh, leithid còmhdhail sheasmhach phoblach, a thoirt a-steach air dòigh nas èifeachdaiche don t-siostam phlanaidh.
Taigheadas is Planadh
Tha dragh air a’ Chomataidh gur dòcha, ma tha planadh taigheadais cho mòr an urra ri siostam a thig fo stiùir planaidh, agus ma tha planaichean ùghdarrasan iondaile a-nis aosta, gun rachadh creideas an t-siostaim seo a lagachadh, ga fhàgail fo chunnart gun gabhar brath air.
Molaidh a’ Chomataidh gun co-obraich Riaghaltas na h-Alba cuide ri ùghdarrasan ionadail gus dèanamh cinnteach gun tèid na planaichean taigheadas aca ùrachadh a rèir riatanasan reachdail. ’S e beachd na Comataidh gu bheil seo deatamach ma tha ùghdarrasan ionadail gu bhith deiseil a bhith gu h-èifeachdach a’ coileanadh feumalachdan taigheadas nan daoine san sgìre aca, a’ toirt fa-near don t-suidheachadh a tha ann an ceartuair a thaobh na h-eaconamaidh, gnothaichean sòisealta agus na h-àrainneachd.
Cuideachd, tha a’ Chomataidh a’ togail ceist a thaobh co-dhiù am bi luchd-leasachaidh a’ cumail ri deagh chleachdadh a thaobh ruigsinneachd air ceanglaichean fàidhbir didsiteach. Molaidh iad gun dèan Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh air dòighean san gabh toirt air luchd-leasachaidh air dòigh nas gnìomhaiche tron t-siostam phlanaidh a bhith fo riatanas dèanamh cinnteach gum bi ceuman iomchaidh a thaobh ceanglaichean didsiteach mar phàirt de gach moladh air leasachaidhean ùra.
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh an treas dreach den Fhrèama Phlanaidh Nàiseanta (FPN) a chur fa chomhair na Pàrlamaid air 14 Faoilleach.
Cuideachd, rinn trì Comataidhean eile sgrùdadh air an FhPN airson cheistean a bhuin riutha fhèin, nam measg Eaconamachd, Àrainneachd is Turasachd, Riaghladh Ionadail is Ath-bheothachadh agus Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus Àrainneachd.
Read the Report
- Infrastructure and Capital Investment Committee: Proposed National Planning Framework 3
Contact information
Media information
- Sally Coyne: 0131 348 6265
- Text Relay calls welcome
- Sally.Coyne@scottish.parliament.uk
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: