Eun Sheòrais Wyllie air nead fhaighinn aig Pàrlamaid na h-Alba

19.03.2014

Thèid bràthair beag Eun Mòr ainmeil Bherlin cuide ri deilbheadh is obair-tarraing leis an fhear-ealain iomraiteach Albannach Seòras Wyllie MBE a ghleidheadh gu buan aig Pàrlamaid na h-Alba, chuir an t-Oifigear Riaghlaidh am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA an cèill an-diugh.

Chaidh deilbheadh Eun eagallach mòr Bherlin a thaisbeanadh ann am Berlin ri linn dha a bhith mar Chathair a’ Chultair ann an 1988 agus aig còrr is ceithir a mheatairean a dh’àirde, bha an coltas air gun robh e a’ sealltainn thar a’ bhalla. Tha Pàrlamaid na h-Alba air riochd nas lugha de dh’Eun Bherlin, cuide ris an deilb?eadh Contemplace, fhaighinn agus thèid a thaisbeanadh cuide ri saothair le Wyllie air iasad bho 19 Màrt.

Bha Seòras Wyllie MBE a chaochail ann an 2012 aig aois 90 air aon den luchd-ealain as cliùitiche is as cumhachdaiche a bha den bheachd gum b’ fheàrr eòlas a chur air an ealain ann an àiteachan poblach seach ann an suidheachadh nan taighean-taisbeanaidh.

’S fheàrr eòlas air Wyllie airson Straw Locomotive leis agus Paper Boat cho math ris an Running Clock a tha na sheasamh an taobh a-muigh stèisean nam busaichean ann an Sràid Bhochanain ann an Glaschu. Ghabh e air an t-saothair aige deil?headh, a’ cur às don ‘b’ ud a dh’aon ghnothach gus cho cudromach agus a tha e a bhith a’ ceasnachadh a chomharrachadh.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh:

“Tha mi cho toilichte agus uasal gum bi Pàrlamaid na h-Alba na dachaigh gu buan do shaothair le Seòras Wyllie.

“Bha gaol aig muinntir na h-Alba air saothair Sheòrais Wyllie na bheatha. A-nis thèid a dhìleab a chomharrachadh agus a mhealtainn fad bhliadhnaichean ann am Pàrlamaid na h-Alba.”

Thuirt nighean Sheòrais Wyllie, Louise Wyllie:

“Seach gur h-e Pàrlamaid na h-Alba an suidhe air an cluinnear guth na rìoghachd, tha ceannach na saothrach seo le m’ athair na rud leis an robh e air a bhith gu math toilichte.

“Nuair a rinn Eun Bherlin aige dìdearachd thar Bhalla Bherlin, sgaoil e brath fada is farsaing mu amaideas balla a bhith a’ sgaradh baile gun tighinn air mòr-roinn. Bha fios aig m’ athair gun tèid aig ealain air nithean mòra a chur an cèill agus ceangal a dhèanamh ris an fhear san t-sreath aig ìre nas doimhne agus mar theaghlach tha sinn cho uasal gu bheil a dhìleab ga chomharrachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba.”

Cùl-fhiosrachadh

Sna còig bliadhna deug is a chaidh, tha Pàrlamaid na h-Alba air cruinneachadh beag de shaothair-ealain fhaighinn le rùn obair luchd-ealain na h-Alba a nochdadh agus a sgaoileadh. Is ann ainneamh a cheannaichear saothair ùr, leis a’ chuid as motha de na thathar a’ cur ris ga fhaighinn tro iasadan.  

Is e a’ chosgais a tha ann gus an t-saothair fhaighinn airson Cruinneachadh-ealain Pàrlamaid na h-Alba £20,000. Is e na chaidh a cheannach:

1. Contemplace, cruaidh gun smal agus clach. Tha an t-saothair a’ toirt tarraing air Lia àrsaidh Fàil agus Teàrlach Rennie Mac an Tòisich, a chaidh an t-saothair a nochdadh ann an Taigh a’ Chnuic aige roimhe, agus is e a tha ann beachd an fhir-ealain mu chathair-rìoghail na h-Alba.

2. Berlin Burd, deilbheadh beag ann an cruaidh agus dà shaothair air pàipear.  

Tha muinntir Wyllie agus Bunait Wyllie air saothair a bharrachd a thoirt air iasad gu coibhneil. Is iad seo Berlin 1988 (scul?ture);  Maquette airson Berlin Burd agus trì obraichean-tarraing air a bheil Ein Vogel Ist Kein Stein.

Bha taisbeanadh sealach de thaghadh de shaothair-ealain le Seòras Wyllie MBE  (1921-2012) ann an gàrradh Pàrlamaid na h-Alba mar chuid de dh’Fhèis Phoilitigs 2012.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.