23.03.2014
Thathar air còig atharrachaidhean a mholadh do Iain Duncan Smith BP, Rùnaire na Stàite ri Obair agus Peinnseanan gus Measaidhean Comas-obrach a dhèanamh “nas èifeachdaiche agus nas daonna”.
Sgrìobh Neach-gairm Mìcheal MacMhathain BPA do Mhghr Duncan Smith às leth Comataidh Ath-leasachadh Shochairean aig Pàrlamaid na h-Alba an dèidh beachdachadh gu bheil ATOS ag iarraidh tarraing a-mach à cunnradh nam Measaidhean aca mus tig e gu crìch anns an Lùnastal 2015. Ann an litir a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha e a’ mìneachadh còig atharrachaidhean a bu chòir do Roinn Obrach agus Pheinnseanan dèanamh:
1. Cha bu chòir a bhith aig an fheadhainn air Cuibhreann Taic-obrach air a bheil tinneas ùine fhada ri ath-mheasaidhean a dhèanamh.
2. Cha bu chòir gun tèid na Measaidhean a dhèanamh le luchd-dreuchd ri cùram-slàinte aig a bheil an t-eòlas agus am fiosrachadh gus tinneas neach aithneachadh agus a thuigsinn.
3. Bu chòir atharrachaidhean air na slatan-tomhais mu Mheasaidhean gus tinneas caochlaideach leithid MS agus comharraidhean falaichte leithid sgìths is cràdh aithneachadh nas fheàrr.
4. Bu chòir urram is spèis a ghabhail do dhaoine a chuireas a-steach airson a’ Chuibhrinn.
5. Bu chòir gum biodh conaltradh bhon Roinn air a sgrìobhadh ann am Beurla shoilleir agus soilleireachadh a thoirt air a’ bhuaidh a bheir co-dhùnaidhean.
Cha bu chòir a bhith aig an fheadhainn air Cuibhreann Taic-obrach air a bheil tinneas ùine fhada ri ath-mheasaidhean a dhèanamh. Cha bu chòir gun tèid na Measaidhean a dhèanamh le luchd-dreuchd ri cùram-slàinte aig a bheil an t-eòlas agus am fiosrachadh gus tinneas neach aithneachadh agus a thuigsinn. Bu chòir atharrachaidhean air na slatan-tomhais mu Mheasaidhean gus tinneas caochlaideach leithid MS agus comharraidhean falaichte leithid sgìths is cràdh aithneachadh nas fheàrr. Bu chòir urram is spèis a ghabhail do dhaoine a chuireas a-steach airson a’ Chuibhrinn. Bu chòir gum biodh conaltradh bhon Roinn air a sgrìobhadh ann am Beurla shoilleir agus soilleireachadh a thoirt air a’ bhuaidh a bheir co-dhùnaidhean.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Mìcheal MacMhathain BPA:
“Thathar air ath-bhreithneachadh neo-eisimeileach a dhèanamh air na Measaidhean mar-thà ach fhathast tha an fhianais a fhuair a’ Chomataidh againn a’ leigeil fhaicinn gu bheil mòran a bharrachd ri dhèanamh gus an dèanamh èifeachdach agus daonna.
"Tha e amaideach a bhith a’ sùileachadh air a bheil tinneas leithid MS cumail orra a’ dol tro mheasaidhean. Ged a dh’fhaodadh na comharraidhean a bhios iad a’ nochdadh atharrachadh, chan eil coltas sam bith ann an-dràsta gun tèid an galar a leigheas agus tha an strì a chuireas seo air daoine an aghaidh comann-daoine a bheir cùram don fheadhainn a tha tinn agus so-leònte.
“Tha sinn air còig molaidhean cuideachail is practaigeach a dhèanamh a chuidicheas, ma thèid aonta a chur riutha, gus cinnt a thoirt do dhaoine a’ tagradh gun tèid spèis a ghabhail dhaibh.
"Math dh’fhaodte gum bu mhath le Iain Duncan Smith BP tighinn don Chomataidh againn agus freagairt a thoirt go poblach air na molaidhean seo.”
Thuirt Leas-neach-gairm Jamie Hepburn BPA:
“Uair is uair, chuala sinn fianais bho dhaoine gun deach gnothach a ghabhail riutha mar sgimilearan, le siostam ris an do phàigh iad.
"Tha sinn air sgrìobhadh gu Iain Duncan Smith seach gu bheil cothrom ann dèanamh cinnteach nach fhàg toirt a-steach Phàighidhean Neo-eisimeileach Pearsanta droch bhuaidh air slàinte is toil-inntinn dhaoine mar a dh’fhàg na Measaidhean mun Chuibhreann.”
Airson leth-bhreac làn den litir, faicibh taobh deas na duilleige seo.
Read the letter
Read the letter in full here
Contact information
Media information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: