Beachdan a dhìth mu chruthachadh buidheann ùr an urra ri inbhean ann am biadh

28.03.2014

Tha beachdan mu chruthachadh buidheann ùr an urra ri inbhean ann am biadh a dhìth air Comataidh Slàinte is Spòrs agus iad a’ tòiseachadh air Bile Bidhe (Alba) a sgrùdadh.

Tha cruthachadh na buidhne ùire, Inbhe-bidhe Alba, ga mholadh an àite Buidheann-gnìomha Inbhean-bidhe na h-Alba. Bheireadh am Bile, ma thèid aonta a chur ris, barrachd chumhachdan don bhuidhinn ùir a thathar a’ moladh seachd Buidheann-gnìomha Inbhe-bidhe a tha ann an-dràsta agus cuiridh e ullachaidhean mòra air bhonn mu chur-an-gnìomh cuideachd. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Donnchadh MacNèill BPA:

“Ged a tha an coltas air an reachdas seo a thathar a’ moladh nach eil ann ach atharrachadh ann an rianachd, aig cridhe seo tha rudeigin a tha gu math bunaiteach, daingneachadh sàbhailteachd a’ bhidhe a bhios sinn ag ithe. 

“Bheir seo atharrachadh mòr air na h-ullachaidhean a tha ann an-dràsta, a’ toirt barrachd chumhachdan is uallachaidhean do bhuidheann-gnìomha ùr na h-Alba a thaobh poileasaidh mu riaghailt-bidhe agus bheathachadh. Tha e cudromach mar sin gun seall sinn ris a’ mhionaideachd gus a dhèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuidheann-gnìomha seo a thathar a’ moladh a’ freagairt air an adhbhar aige.”  

Thuirt Leas Neach-gairm na Comataidh, Bob Doris BPA: 

“Tha a’ Chomataidh againn a’ siubhal farsaingeachd bheachdan oir bheir an reachdas seo buaidh air cuairt a’ bhidhe gu lèir. Bho na tuathanaich a bhios ag àrach ar cuid bidhe, do luchd-saothrachaidh a bhios ga dhèanamh, don luchd-reic a bhios ga reic agus mu dheireadh don luchd-chleachdaidh a bhios ga ithe. 

“Tha e deatamach fhèin gun cluinn a’ Chomataidh againn beachdan farsaingeachd bheachdan mun bhuaidh a’ bheireadh a’ buidheann ùr seo agus mar a bhios i ag obrachadh thairis air cuairt a’ bhidhe bho thùs gu èis.” 

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh bheachdan air na raointean a leanas:

  • Argamaidean gus buidheann ùr fa leth a chruthachadh seach cur ris na h-ullachaidhean mu Bhuidheann-gnìomha Inbhe-bidhe na h-Alba a tha ann an-dràsta;
  • Farsaingeachd amasan agus dleastanasan Inbhe-bidhe Alba (IBA) agus mar a chuireadh i ri leasachadh seasmhach na h-Alba;
  • Na h-ullachaidhean mu rianachd is riaghladh a thathar a’ moladh airson IBA;
  • Na cumhachdan a thathar a’ moladh airson IBA;
  • An comas a dh’fhaodadh a bhith aig na h-ullachaidhean ùra mu fhiosrachadh air biadh gus stad a chur air foill ann am biadh (mar a thachair le feòil-eich o chionn ghoirid);
  • Na h-ullachaidhean am broinn a’ Bhile a thaobh mura gèillear do shàbhailteachd is do dh’inbhean-bidhe.

Cùl-fhiosrachadh

Ma tha sibh ag iarraidh ur cuid bheachdan mu Bhile Bidhe (Alba) a nochdadh, cuiribh ann an cruth dealanach gu healthandsport@scottish.parliament.uk iad air 7 Cèitean air a’ char as fhaide.

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.