28.03.2014
Thathar ag iarraidh air daoine òga gun dachaigh am beachdan a thoirt do Chomataidh Co-ionnanachd Chothroman agus iad a’ sireadh fianais a thaobh stad a chur ri òigridh gun dachaigh ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Tha a’ Chomataidh a’ sireadh fianais gun deach adhartas a dhèanamh an dèidh molaidhean aithisg 2012 aca air an robh an tiotail “Dachaigh Fhaotainn ’s a Cumail: ceuman a thaobh stad a chur air òigridh gun dachaigh” ann an obair gach buidheann, o Riaghaltas na h-Alba gu ruige ùghdarrasan ionadaile is buidhnean saor-thoileach.
Thug an aithisg tarraing gu sònraichte air grunn cheistean, nam measg an dòigh àbhaisteach sam bi cuid de dh’ùghdarrasan ionadail a’ dèiligeadh ri òigridh 16 bliadhna a dh’aois a dh’fhàgas ionadan cùraim ’s a bhios gun dachaigh, agus am feum a tha ann dèanamh cinnteach gum bi tabhartasan cùram coimhearsnachd – a tha ann gus cobhair a thoirt do dh’òigridh aig nach eil ach tuarastail ìseal – ri fhaotainn a chor is gun gluais iad a-mach às ionadan cùraim ’s a-steach gu taigheadas, agus gum bi seo air dòigh air an dearbh latha ’s a gheibhear iuchraichean an taigh ’s chan ann mìosan an dèidh làimh.
Thuirt Neach-gairm Comataidh Co-ionnanachd Chothroman, Margaret McCulloch BPA:
“Thug aithris chruaidh lom 2012 againn sùil àraid air na bha ann de dh’òigridh gun dachaigh a dh’fhulaing ri linn ’s nach d’ fhuair iad taic ann a bhith a’ faighinn seachad air easpa sgilean beatha, rud ris an deach cur gu mòr le droch thaigheadas agus iomallachd. Ged a ghlac ar n-aithisg aire nam meadhanan, tha sinn ag iarraidh faighinn a-mach nan robh buaidh mhaireannach sam bith aice.
“’S e sin an adhbhar a tha sinn, dà bhliadhna an dèidh làimh, a’ cur na ceiste a bheil tuilleadh taic ann do dhaoine òga cugallach? An deach ath-sgrùdadh sam bith a dhèanamh air ro-innleachd a h-uile ùghdarras ionadail gus stad a chur air òigridh gun dachaigh? Tha sinn an dòchas gun innis daoine òga iad fhèin dhuinn an deach dòighean ùra a thoirt a-steach agus dè cho èifeachdach ’s a bha iad a thaobh a bhith a’ cur aghaidh air ceist daoine gun dachaigh.”
Cumaidh a’ Chomataidh aon seisean fianais nuair a leanas iad orra a thaobh ceist òigridh gun dachaigh ann an Lùnastail na bliadhna seo.
’S e an ceann-ama airson fianais ach Dihaoine 23 Cèitean. Seo an ceangal -
http://www.pàrlamaidnahalba.ra/gnothaicheannapàrlamaid/ComataidheananCeartUair/29807.aspx
Cùl-fhiosrachadh
Dh’fhoillsich Comataidh Co-ionnanachd Chothroman an aithisg aca, ‘Dachaigh Fhaotainn ’s a Cumail’ ann an Dàmhair 2012. Thug an aithisg sùil gu sònraichte air sreath dhùbhlannan a bhios aig òigridh ri aghaidh a chur, daoine òga a dh’fhulangas briseadh teaghlaich agus feadhainn chugallach a dh’fhàgas ionadan cùram agus a bhios a’ dèiligeadh ri duilgheadasan a thaobh beatha neo-eisimeileach a thoirt a-mach dhaibh fhèin. Gheibhear an aithisg iomlan aig:
http://www.pàrlamaidnahalba.ra/gnothaicheannapàrlamaid/ComataidheananCeartUair/55470.aspx
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: