Guthan nan Eileanach a’ faighinn cluas-ri-claisneachd

29.04.2014

Bidh beachdan choimhearsnachdan iomallach agus eileanach mun deamocrasaidh ionadail mar chuspair do Chomataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh aig Pàrlamaid na h-Alba nuair a thadhlas i air Steòrnabhagh an t-seachdain seo (2 Cèitean 2014). 

Tha a’ chuairt anns na h-Eileanan Siar mar chuid den rannsachadh aice air sùbailteachd agus fèin-ùghdarras don riaghaltas ionadail. Ri linn an turais aice, bidh coinneamh fhosgailte aig a’ Chomataidh le buidhnean-coimhearsnachd nuair a chluinneas a’ Chomataidh dhaibh fhèin mu na dùbhlain a thig air coimhearsnachdan iomallach agus eileanach mu na seirbheisean poblach agus mun riaghaltas ionadail aca. Tha a’ Chomataidh cuideachd ag iarraidh cluinntinn air mar a dh’fhaodar aghaidh a thoirt air na dùbhlain sin, le smuaintean air atharrachaidh a dh’fhaodadh tighinn air riochd deamocrasaidh ionadail agus air ullachaidhean a thaobh ionmhais.

Cumaidh i coinneamh phoblach fhoirmeil leis a’ Chomataidh an uair sin, a’ gabhail ri fianais bho Chomhairlichean agus bho Cheannardan ùghdarrasan ionadail, mus cluinn i bho riochdairean bhon treas roinn, bho thrì ùghdarrasan nan eilean.  

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Caoimhin Stiùbhart BPA: 

“Tha riaghaltas ionadail a’ bualadh gu mòr oirnn gu lèir, gu sònraichte tro na seirbheisean poblach a bhios e a’ toirt seachad do dhaoine ionadail. Tha sinn mothachail gum bi am bruthadh agus an t-iarrtas air riaghaltas ionadail ag atharrachadh air feadh Alba agus tha e cudromach gun tèid aig dòighean riaghaltais ionadail air na feumalachdan aig an fheadhainn a tha a’ fuireach anns na coimhearsnachdan iomallach no eileanach a thoirt a-mach.  

“Tha sinn ag iarraidh sgrùdadh a dhèanamh leis an fheadhainn a tha a’ fuireach agus ag obair ann an coimhearsnachdan iomallach agus eileanach ann an Alba, leithid nan Eilean Siar, air na beachdan aca air seirbheisean poblach ionadail, agus na dùbhlain fa leth a thig air na coimhearsnachdan seo. Is ann dìreach le bhith a’ dèanamh seo a nì sinn cinnteach gum bi dòighean sùbailte a thaobh riaghaltais ionadail ann gus an taic a tha a dhìth a thoirt seachad.”   

Tha ùidh aig a’ Chomataidh cuideachd ann an togail bheachdan ionadail air mar a chuireas am Bile a tha air fàire mu chumhachd do choimhearsnachdan taic ris na coimhearsnachdan seo gus am bi àite nas motha aca mu dhealbhadh anns a’ choimhearsnachd agus lìbhrigeadh sheirbheisean poblach, cho math ri barrachd seilbh-coimhearsnachdan a chruthachadh tro mhalairt-maoine agus tro chòir air ceannach.  

Cumaidh a’ Chomataidh coinneamh leis a’ choimhearsnachd bho 10.30m gu meadhan-latha Dihaoine 2 Cèitean le coinneamh fhoirmeil na comataidh ga cumail aig 1.30f. Thèid an dà choinneamh a chumail ann am Prìomh Oifisean Chomhairle nan Eilean Siar. Bu chòir do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith an làthair aig coinneamh seach coinneamh post-dealain a chur gu lgr.committee@scottish.parliament.uk.  

Don fheadhainn nach tèid aca air a bhith an làthair, bidh a’ Chomataidh cuideachd a’ cumail ‘deasbaireachd dhidseatach’ air Truitrich agus post-dealain. Ma tha ceistean sam bith agaibh don Chomataidh, faodar iad seo a chur mar phost-dealain lgr.committee@scottish.parliament.uk no tro cunntas Truitrich na Comataidh @SP_LocalGovt using #power2islands. 

Cùl-fhiosrachadh 

Agus e air a chur air bhog anns a’ Ghearran 2014, nì rannsachadh na Comataidh air fèin-ùghdarras don riaghaltas ionadail sgrùdadh a bheil an t-sùbailteachd, am fèin-ùghdarras agus an t-àite bun-reachdail aig riaghaltas ionadail gus feumalachdan nan coimhearsnachdan air feadh Alba an-dràsta agus san àm ri teachd a thoirt a-mach.  

Thèid ceistean leithid nan innleachdan reachdail agus ionmhasail a tha ann a sgrùdadh ri linn an rannsachaidh a thòisicheas, thathar an dùil, le gabhail fi fianais-labhairt anns a’ Ghiblean 2014. Gabhaidh a’ Chomataidh beachd cuideachd air ceanglaichean ris a’ phoball agus an àireamh de luchd-taghaidh a bhios a’ nochdadh aig taghaidhean ionadail.  

Mar chuid den rannsachadh, thadhail buill den Chomataidh air Hamburg, Copenhagen agus Malmo gus coimeas a dhèanamh ri caochladh dhòighean riaghaltais ionadail air feadh na h-Eòrpa. Tha a’ Chomataidh cuideachd air fianais a ghabhail bho na h-Eileanan Åland, aig a bheil ullachadh bun-reachdail air leth a bheir dhaibh fèin-ùghdarras nach beag bhon chòrr de dh’Fhionnlainn gus fuasglaidhean ionadail a thoirt seachad a fhreagras air feumalachdan ionadail.  

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun rannsachadh air duilleag-lìn na Comataidh: 

http://www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/gnothachpàrlamaideach/ComataidheanAn-dràsta/72829.aspx 

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.