An t-àite aig Alba neo-eisimeileach anns an t-saoghal gu bhith air a sgrùdadh

01.05.2014

’Se an t-àite aig Alba neo-eisimeileach anns an t-saoghal an cuspair a bhios air a sgrùdadh le Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh. Mar phàirt den rannsachadh a thèid a dhèanamh leis a’ Chomataidh air an t-suidheachadh eadar-nàiseanta airson Alba neo-eisimeileach, bidh a’ Chomataidh a’ beachdachadh air planaichean airson in-imrich agus comraich, oifisean eadar-nàiseanta thall-thairis, smachdan air crìochan agus ballrachd NATO.

Tòisichidh Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh air sgrùdadh a dhèanamh air cuid de na cuspairean seo anns a’ chiad choinneamh de sreath de sheiseanan-fianais, a bhios a’ ruith gus deireadh an Ògmhios.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Cairistìona NicShealbhaich BPA:

“O chionn cha mhòr còig mìosan, thòisich sinn air sgrùdadh a dhèanamh air na molaidhean aig Riaghaltas na h-Alba airson Alba neo-eisimeileach. Rè an sgrùdaidh seo, dh’fhàs e follaiseach dhuinn gun robh muinntir na h-Alba ag iarraidh barrachd fiosrachaidh air cuid de na cuspairean a bha romhainn mus tèid iad a bhòtadh. 

“Tha fios againn gu bheil cùisean leithid in-imrich, smachdan chrìochan, ballrachd NATO agus mar a bhiodh Alba ga riochdachadh agus ga cur fhèin air adhart glè chudromach don luchd-bhòtaidh. Mar sin, tha sinn a’ toirt còmhla barrachd eòlaichean gus fianais a chluinntinn air na cuspairean seo. Tha sinn airson an deasbad a ghluasad air adhart agus cuideachadh a thoirt do luchd-bhòtaidh a thuigsinn dè dh’fhaodas an co-dhùnadh air 18 Sultain a bhith a’ ciallachadh airson ghnothaichean eadar-nàiseanta agus cùisean aig an taigh.” 

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh Hanzala Malik BPA: 

“Nan robh Alba a bhòtadh airson neo-eisimeileachd, bhiodh an dòigh anns an roghnaich Alba a bhith ga giùlan fhèin air àrd-urlar an t-saoghail a’ toirt buaidh mhòr air an eaconamaidh againn agus air dè seòrsa comainn-shòisealta a bhiodh againn. Tha e ceart gu bheil a’ Chomataidh againn a’ toirt barrachd ùine do sgrùdadh air na cuspairean cudromach seo. 

“Ged nach bi aonta anns a’ Chomataidh againn air ciamar as còir do dhaoine a bhith a’ bhòtadh air 18 Sultain, tha sinn uile ag aontachadh gu bheil e mar dhleastanas oirnn a bhith a’ cuideachadh dhaoine, mus tèid iad a bhòtadh, gus beachdan eòlaichte a leasachadh air a’ bhuaidh a bhiodh aig na molaidhean a tha a’ tighinn bho Riaghaltas na h-Alba. Leis na daoine eòlaichte a tha sinn a’ toirt còmhla, tha mi cinnteach gum bi am fiosrachadh a bhios a' tighinn bhuapa os cionn luach.” 

Air 1 Cèitean, bheir an seisean-fianais sgrùdadh air poileasaidh leasachaidh eadar-nàiseanta, leithid sochair eadar-nàiseanta, faochadh airson fiachan agus poileasaidh “gun a bhith a’ dèanamh cron” (poileasaidh a tha ag ràdh gum bi an Riaghaltas a’ feuchainn gun a bhith a’ toirt stèidh air falbh bho amasan leasachaidh eadar-nàiseanta agus, ma tha e comasach, a bhith a’ cur ri soirbheas leasachaidh eadar-nàiseanta). Am measg an fheadhainn a bhios a’ gabhail pàirt anns a’ chòmhradh fhosgailte timcheall bòrd na Comataidh bidh: 

·         Gillian Wilson, Ceannard, Lìonra Bhuidhnean Leasachaidh Eadar-nàiseanta ann an Alba (NIDOS); 

·         David Fish, a bha uair na Cheannard an Alba airson Roinn an Leasachaidh Eadar-nàiseanta agus a bha uair na Stiùiriche airson Afraga ann an Roinn an Leasachaidh Eadar-nàiseanta; 

·         Colin Cameron, a bha uair na chonsal onorach ann an Alba airson Riaghaltas Mhalawi; 

·         An t-Ollamh Lloyd Anderson, Stiùiriche, Comhairle Bhreatainn ann an Alba; 

·         An t-Àrd-Ollamh Maurizio Carbone, Àrd-Ollamh Dàimhean agus Leasachadh Eadar-nàiseanta agus Cathair Jean Monnet Dàimhean Taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich (Poilitigs) ann an Oilthigh Ghlaschu; 

·         An t-Ollamh James Mackie, Prìomh Neach-comhairleachaidh airson Poileasaidh Leasachaidh an Aonaidh Eòrpaich aig an Ionad Eòrpach airson Stiùireadh Poileasaidh Leasachaidh (ECDPM); 

·         An t-Ollamh Hilary Homans, Stiùiriche, Ionad airson Leasachadh Eadar-nàiseanta Seasmhach, Oilthigh Obar Dheathain; 

·         An t-Ollamh Neil Thin, Acadamaidh Leasachadh Cruinneil, Oilthigh Dhùn Èideann. 

Air 15 Cèitean, bidh a’ Chomataidh a’ coimhead air cuspairean leithid saoranachd agus in-imrich, smachdan chrìochan agus comraich. 

Air 29 Cèitean, bidh a’ Chomataidh a’ coimhead air cuspairean ceangailte ri riochdachadh Alba thall-thairis, a’ gabhail a-steach ambasaidean, an dreuchd aig buidhnean leasachaidh agus mar a tha dùthchannan beaga eile air obrachadh còmhla. 

Air 12 Ògmhios, thig poileasaidhean eadar-nàiseanta fon phrosbaig, leithid ballrachd bhuidhnean eadar-nàiseanta. Anns an t-seisean seo, bithear a’ sgrùdadh dè cho cudromach ’s a tha còraichean daonna agus dèiligeadh ri atharrachadh clìomaid airson dàimhean eadar-nàiseanta na h-Alba. 

Air 26 Ògmhios, bidh a’ Chomataidh a’ cluinntinn bho Riaghaltas na h-Alba mu dheidhinn nan cuspairean a chaidh a thogail rè nan seiseanan-fianais. 

Ainmichear an luchd-fianais airson nan seiseanan ri tighinn ann an ùine nach bi fada.

Bidh gach seisean fosgailte don phoball agus air a chraoladh air an eadar-lìon air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba. Airson cumail suas ris a’ Chomataidh, faodaidh tu an leantainn air Twitter @SP_Europe.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.