Seasamh nas cruaidhe a thaobh seachnadh cìsean a’ faotainn taic o Chomataidh an Ionmhais

02.05.2014

Chaidh fàilte a chur air seasamh nas cruaidhe a thaobh seachnadh chìsean aig Comataidh an Ionmhais san aithisg Ìre 1 aca air Bile Teachd-a-steach na h-Alba is Cumhachdan Chìsean, a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Tha a’ Chomataidh air fàilte a chur air fòcas a’ Bhile a thaobh dol an glaic ri seachnadh chìsean agus riaghailt choitcheann an aghaidh seachnadh (general anti avoidance rule no GAAR) air a toirt a-steach. Cuiridh an GAAR an comas Buidheann Teachd-a-steach na h-Alba dol an aghaidh seachnadh tro bhith a’ cleachdadh dheuchainnean a sheallas a bheil no nach eil rèiteachadh chìsean “fuadain”. 

Thuirt Neach-gairm Comataidh an Ionmhais, Coinneach Gibson BPA: 

“’S i an fhìrinn gum bi droch bhuaidh oirnn uile nuair nach pàigh daoine an cuid chìsean. Nì am Bile cinnteach gum bi Alba a’ dèiligeadh gu cruaidh dian ri luchd-seachnaidh chìsean, agus bidh cùisean nas cinntiche do luchd-pàighidh chìsean na h-Alba. 

“Cuideachd, cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh mion-sgrùdadh air stèidheachadh Buidheann Teachd-a-steach na h-Alba agus cur-an-gnìomh is lìbhrigeadh chìsean tiomnaichte.” 

Tha Comataidh an Ionmhais cuideachd a’ cumail taic ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile aig Ìre 1. Tha an aithisg cuideachd - 

  • Ag aithneachadh gu bheil feum aig luchd-pàighidh chìsean air dìon a bharrachd agus molar gum feum Buidheann Teachd-a-steach na h-Alba co-chomhairleachadh fhaotainn gu farsaing a thaobh cur-an-gnìomh GAAR mus tèid treòir sam bith fhoillseachadh. 
  • A’ moladh toirt-a-steach riaghailt a bheir tùs àite do GAAR thar cheuman reachdail eile. 
  • A’ cur fàilte air riatanas Buidheann Teachd-a-steach na h-Alba gun ullaich iad Cùmhnant Sgrìobhte a chuireas an cèill ìrean giùlain is luachan don dà chuid Buidheann Teach-a-steach na h-Alba agus luchd-pàighidh chìsean. 
  • A’ cur fàilte air dealas Riaghaltas na h-Alba a thaobh atharrachaidhean aig Ìre 2 a thoirt air adhart gus cur an cèill gu sònraichte deimhinn sa Bhile na bhios gu dìreach ri phàigheadh mar pheanas aca sin nach cum ris na riaghailtean. 

Cùl-fhiosrachadh 

’S e Bile Buidheann Teachd-a-steach na h-Alba is Cumhachdan Chìsean am pìos mu dheireadh de thrì reachdan a thàinig gu bith ri linn Achd na h-Alba 2012. Chaidh an dà phìos eile den reachdas, ’s iad sin Achd Gnothach Fearainn is Togalaichean (Alba) 2013 agus Achd Cìsean Sgudail (Alba) 2014, a dheasbad ’s a chnuasachadh le Comataidh an Ionmhais ann an 2012 agus 2013.

Read the report

Stage 1 Report on the Revenue Scotland and Tax Powers Bill

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.