Fàilte air a cur air barrachd chumhachdan gus aghaidh a thoirt air mì-ghnàthachadh nam bràistean-gorma

07.05.2014

Tha ceuman aig a bheil mar amas comas nan ùghdarrasan ionadail gus aghaidh a thoirt air mì-ghnàthachadh sgeama-pàircidh nam bràistean-gorma do dhaoine ciorramach a neartachadh air fàilte fhaighinn an-diugh bho Chomataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-Bheothachadh aig Pàrlamaid na h-Alba.

Mar chuid de Bhile Bràistean-gorma do Dhaoine Ciorramach (Alba), am measg nan ceuman tha comas do dh’ùghdarrasan ionadail bràistean a thoirt air falbh ann an suidheachaidhean sònraichte de mhì-ghnàthachadh. Tha am Bile cuideachd air eucoir a dhèanamh de bhràistean-gorm a chaidh a dhubhadh a-mach a thaisbeanadh.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Caoimhin Stiùbhart BPA:

“Tha sgeama-pàircidh nam bràistean-gorma na ghoireas deatamach do dhaoine air feadh na dùthcha. Bidh e a’ cuideachadh gus tomhas de neo-eisimeileachd agus de chàileachd-beatha nach biodh aig daoine às aonais an sgeama.

“Tha bagairt air an neo-eisimeileachd seo, ge-tà, le mì-ghnàthachadh nam bràistean -gorma. Is e sin as coireach gu bheil a’ Chomataidh againn a’ cur fàilte air na ceuman ùra cruaidhe seo. Chan eil mì-ghnàthachadh nam bràistean-gorma na eucoir gun fhuilingiche (victim-less) agus cuidichidh am Bile seo gus àiteachan a thoirt don fheadhainn as motha aig a bheil feum orra.”

Ri linn na fianais, chuala a’ Chomataidh bho ùghdarrasan ionadail, Poileas na h-Alba, Comann-lagha na h-Alba agus bho bhuidhnean a’ riochdachadh luchd-cleachdaidh nam bràistean-gorma. Chuala a’ Chomataidh gu bheil an sgeama ga chleachdadh gu farsainn le daoine air a bheil ciorram a chur gus cothrom fhaighinn air obraichean, bùithtean agus seirbheisean-coimhearsnachd agus tha aon ùghdarras ionadail a’ dèanamh a-mach gu bheil co-dhiù fichead a-mach às a’ cheud de na h-àiteachan-pàircidh aige ga chleachdadh le sealbhadairean nam bràistean-gorma.

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh Bile Bràistean-gorma do Dhaoine Ciorramach (Alba) a thoirt a-steach anns an Dùbhlachd 2013 le Dennis Robastan BPA.

Thathar air mu 263,000 de bhràistean-gorma a thoirt a-mach ann an Alba, a bheir lasachadh air pàirceadh gus a chur air chomas do shealbhadairean nam bràistean  pàirceadh gun chìs is gun chrìoch-ùine air loidhnichean-buidhe eadar shingilte is dhùbailte ann an suidheachaidhean sònraichte.  

Ann am fianais don Chomataidh anns a’ Mhàrt 2014, rinn Comhairle Cathair Ghlaschu gun robh mu fhichead a-mach às a’ cheud de na h-àiteachan-pàircidh aige ga chleachdadh le sealbhadairean nam bràistean-gorma.

Read the report

Stage 1 report on the Disabled Persons’ Parking Badges (Scotland) Bill (the Blue Badge Bill)

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.