Comataidh Cùisean Dùthchail ag iarraidh riarachadh ceart de phàighidhean fo Phoileasaidh Coitcheann an Àiteachais

09.05.2014

Bu chòir gun rachadh riarachadh nam pàighidhean do thuathanaich agus do chroitearan na h-Alba fo Phoileasaidh Coitcheann an Àiteachais (CAP) a sgaoileadh gu ceart agus tha taic a bharrachd a dhìth air tuathanaich-chnoc a rèir Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd.

Ann an litir gu Riaghaltas na h-Alba air a’ cheist, dh’iarr a’ Chomataidh gun tèid trì roinnean-pàighidh a stèidheachadh ann an Alba, mura bi meudachadh air pàighidhean ann an càraid (coupled) airson tuathanaich-chnoc comasach, gus a dhèanamh cinnteach gum bi an tuathanachas air fad seasmhach sna ceàrnaidhean as dùbhlanaiche den dùthaich. 

Chuala a’ Chomataidh dragh cuideachd gur dòcha nach eil Sgeama Taic ri na Ceàrnaidhean Cugallach a’ toirt nan toraidhean a tha a dhìth gu buil agus tha i a’ moladh gun tachair an t-atharrachadh gu Sgeama Sgìrean Srian Nàdarra cho luath is a ghabhas.

Shònraich an litir gum feum tuathanachas agus croitearachd a bhith nas uaine agus nas seasmhaiche agus tha i a’ moladh gun dèan gach tuathanach agus croitear a bhios a’ faighinn a’ Chuibhrinn an taobh a-staigh àm a’ phoileasaidh seo sgrùdadh sìmplidh mu charban.  

Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ moladh do Riaghaltas na h-Alba gun glèidh e Sgeama Tabhartasan Àiteachail nan Sgìrean-croitearachd a tha ann an-dràsta airson chroitean a-mhàin agus gun gabh e beachd air sgeama do thuathanasan beaga air feadh na h-Alba. Tha Buill a’ moladh cuideachd gun tèid buidseat Sgeama Tabhartasan Àiteachail nan Sgìreachdan-croitearachd a ghleidheadh aig co-dhiù an ìre a tha ann an-dràsta agus tha iad a’ cur fàilte air buidseat ùr iomchaidh do sgeama-taice nan tuathanas beaga.  

Tha a’ Chomataidh cuideachd ag iarraidh gun tèid ath-bhreithneachadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air maoineachadh a’ Phoileasaidh air feadh na Rìoghachd a stiùireadh gu neo-eisimeileach, a chumail ro 2017 agus gun tèid atharrachaidhean sam bith ris an tèid aonta a chur a thoirt gu buil ro 2020 ma ghabhas e dèanamh.  

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Rob Gibson BPA: 

“Tha mar a thèid Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais a thoirt gu buil ann an Alba air aonan de na co-dhùnaidhean as cudromaiche ann an gnìomhachas an àiteachais o chionn ghoirid. Bheir an co-dhùnadh a thèid a ghabhail buaidh chan ann a-mhàin air tuathanaich agus croitearan ach bidh buaidh dhomhainn aige a thaobh na h-àrainneachd agus ann an seagh sòisealta cuideachd.   

“Chan eil teagamh ann ach gu bheil co-dhùnaidhean doirbh ri dhèanamh aig Riaghaltas na h-Alba agus gum feum am poileasaidh a mheas mar phasgan iomlan de thaic, gu sònraichte seach gun adhbharaich atharrachadh feadhainn a’ buannachadh agus feadhainn a’ call agus feumar seo a rianachd gu faiceallach. Is e sin as coireach gu bheil a’ Chomataidh againn ga dhèanamh soilleir gum feumar pàighidhean a riarachadh cho ceart agus as urrainn gus a dhèanamh cinnteach gun lìbhrig am Poileasaidh seo air ath-leasachadh do na tuathanaich agus na croitearan gu lèir againn, ge b’ e dè an taobh den dùthaich anns a bheil iad. 

“Tha uallach air a’ ghnìomhachas cuideachd agus tha sinn ag iarraidh air tuathanaich agus croitearan a bhios a’ faighinn cuibhreann a’ Phoileasaidh dol ri uaine san àm air thoiseach – feumaidh gnìomhachas a bhith againn a tha seasmhach ann an seagh eaconamach, àrainneachdail agus sòisealta.” 

Cùl-fhiosrachadh 

Chaidh litir na Comataidh fhoillseachadh air 9 Cèitean.  

 Lean a’ Chomataidh air truitrich  @SP_RuralClimate

Contact information

Media information

 Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.