Clann-sgoile na h-Alba a’ farpais airson Euroquiz 2014

09.05.2014

An robh fios agad gu bheil luchd nam mìlsean Haribo na chompanaidh Ghearmailteach? Air neo gur h-e a’ Bholga an abhainn as fhaide san Roinn Eòrpa?

Mas e nach robh, feumaidh tu èisteachd ri Pàrlamaid na h-Alba aig uair feasgar Diluain 12 Cèitean gus deuchainn a thoirt air do chuid eòlais Eòrpaich an aghaidh 124 de chlann-sgoile bliadhna a sia an Alba a bhios a’ farpais mar chuid de Euroquiz na bliadhna seo.  

Freagraidh 31 de sgiobaidhean uile-gu-lèir a’ riochdachadh bun-sgoiltean bho Shealtainn a-nuas gu Crìochan na h-Alba raon farsaing cheistean air a h-uile rud bho phoilitigs Eòrpach is cruinn-eòlas gu cultar, spòrs agus eachdraidh anns an oidhirp gus duais Euroquiz a ghleidheadh.  

Thuirt Leas-oifigear Riaghlaidh agus fear-nan-ceist Euroquiz Iain Scott BPA: 

“Tha mi cho riaraichte gu bheil Pàrlamaid na h-Alba a’ cumail cuairt dheireannach an tachartais seo agus tha mi a’ cur meal-an-naidheachd air a’ chlann-sgoile gu lèir airson an gnothach a dhèanamh don chuairt mu dheireadh agus air na rinn iad de dh’obair gus a bhith an seo an-diugh.   

“A h-uile bliadhna, bidh clann-sgoile na h-Alba a’ cur nàire air mòran leis an eòlas a tha aca air an àite a tha againn san t-saoghal agus e a’ fàs cruinneil agus ioma-chultarail fad na tìde. Le taghaidhean na h-Eòrpa gan cumail air 22 Cèitean, is e seo àm inntinneach dhuinn uile gus measadh a dhèanamh air na tha againn de dh’eòlas air an Roinn Eòrpa.”  

Tha Urras Foghlam Eòrpach na h-Alba air a bhith a’ cumail farpais nan ceist bho 1993 agus is e seo an seachdamh bliadhna a thathar air an tachartas a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha urras ga chumail air an tachartas le Pàrlamaid na h-Eòrpa agus Riaghaltas na h-Alba.  

Thuirt Ministear an Fhoghlaim, Alasdair Allan BPA:  

“Bu mhath leam meal-an-naidheachd a chur air na sgiobaidhean a tha air a’ chuairt dheireannach nàiseanta de Euroquiz 2014 a ruigsinn. Tha an fharpais seo mar chothrom dha-rìribh do dhaoine òga barrachd ionnsachadh mu Eòrpa agus mun eachdraidh is mun chultar agus mu na cànanan na lùib agus tha mi cho riaraichte a bhith a’ faicinn sgiobaidhean bho gach càrn de dh’Alba an sàs.” 

Tha a h-uile gin de na 31 sgoiltean Albannach an sàs air a’ chuairt ùghdarrais ionadail aca fhèin a ghleidheadh agus bidh iad ann am farpais ris an fheadhainn a bhuannaich na cuairtean ionadail eile sa chuairt mu dheireadh.  

Thèid an tachartas a chraoladh beò air an Lìon, air am bi cothrom tro làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba aig - http://www.scottishparliament.tv/ 

Cùl-fhiosrachadh 

Bidh dealbhan den tachartas rim faotainn bho dhealbhadair oifigeil Pàrlamaid na h-Alba Anndra Cowan ris am faodar conaltradh a dhèanamh air 0131 348 5878 no air post-dealain aig andrew.cowan@scottish.parliament.uk

Is iad na 31 bun-sgoiltean Albannach an sàs ann an Euroquiz 2014:

  • An Eaglais Bhreac – Bun-sgoil Bhantaskin
  • Cathair Obar Dheathain – Bun-sgoil Chaitligeach an Naoimh Peadar
  • Crìochan na h-Alba – Bun-sgoil a’ Mhaoil-Rois
  • Dùn Deagh – Bun-sgoil Bharnhill
  • Dùn Èideann – Bun-sgoil Bhruntsfield
  • Dùn Phris agus Gall-ghàidhealaibh – Bun-sgoil Newington
  • Earra Ghàidheal agus Eilean Bhòid – Bun-sgoil Hermitage
  • Fìobha – Bun-sgoil Crossford
  • Gàidhealtachd – Bun-sgoil a’ Chrùin (Inbhir Nis)
  • Glaschu – Bun-sgoil na Croise Naoimhe
  • Inbhir Chluaidh – Bun-sgoil an Naoimh Eòin
  • Lodainn an Iar – Bun-sgoil an Naoimh Iòsaph (Gleann Iucha)
  • Meadhan Lodainn – Bun-sgoil Bhonnyrigg
  • Moireabh – Bun-sgoil Ghreenwards
  • Na h-Eileanan Siar – Bun-sgoil Steòrnabhaigh
  • Peairt agus Cinn Rois – Bun-sgoil Phort M’ Aodhaig
  • Sealtainn – Bun-sgoil Tingwall
  • Siorrachd Aonghais – Bun-sgoil Seaview
  • Siorrachd Chlach Mhanainn – Bun-sgoil Mhenstrie
  • Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear – Bun-sgoil Bhaile Jaffray
  • Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar – Bun-sgoil Mhoire Dhùn Tòchair
  • Siorrachd Inbhir Àir a Deas – Bun-sgoil Allmhaigh
  • Siorrachd Inbhir Àir a Tuath – Bun-sgoil Mhoire (An Leargaidh Ghallta)
  • Siorrachd Inbhir Àir an Ear – Bun-sgoil Chille Mhàra
  • Siorrachd Lannraig a Deas – Bun-sgoil an Naoimh Leonard
  • Siorrachd Lannraig a Tuath – Bun-sgoil Knowetop (Tobar na Màthar)
  • Siorrachd Lodainn an Ear – Bun-sgoil Dhùn Barra
  • Siorrachd Obar Dheathain – Bun-sgoil Chnoc a’ Bhaile Ùir
  • Siorrachd Rinn Friù – Bun-sgoil Ualais
  • Siorrachd Rinn Friù an Ear – Bun-sgoil Ghiffnock
  • Sruighlea – Bun-sgoil Ailein

B’ e Bun-sgoil Cradlehall  ann an Inverness a bhuannaich Euroquiz an-uiridh, le Bun-sgoil an Naoimh Leonard san dara h-àite agus Bun-sgoil nan Ceallan ann an Siorrachd Obar Dheathain san treas àite.  

Faodaidh daoine a tha ag iarraidh a bhith an làthair aig na ceistean sealltainn bho ghailearaidh nam meadhanan ann an Seòmar-deasbaid na Pàrlamaid.  

Is e a tha ann an Urras Foghlam Eòrpach na h-Alba carthannas clàraichte a chaidh a stèidheachadh ann an 1993 aig a bheil e mar amas foghlam mun Roinn Eòrpa a chur air adhart agus a bhrosnachadh aig sgoiltean, colaistean agus oilthighean air feadh na h-Alba.

Contact information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.