Ceistean mu ath-leasachadh bunaiteach air na cùirtean

09.05.2014

Tha nithean bunaiteach ceangailte ri Bile farsaing aig a bheil mar amas ath-leasachadh a thoirt air modhan cùirtean catharra na h-Alba air a bhith air an ceasnachadh le Comataidh a’ Cheartais aig Pàrlamaid na h-Alba ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh (9 Cèitean).

Tha Bile Ath-leasachadh nan Cùirtean (Alba) a’ feuchainn ri atharrachaidhean mòra a dhèanamh air siostam cùirtean catharra na h-Alba an dèidh ath-bhreithneachaidh a chuir an cèill gun robh an siostam “slaodach, gun èifeachd agus cosgail”. Tha farsaingeachd cheuman sa Bhile, dreuchd ùr laghail de ‘shiorram aithghearr’ air a cruthachadh gus gnothach a ghabhail ri raon nas cumhainge de chùisean catharra agus eucorach agus cùirt air feadh na h-Alba a stèidheachadh gus gnothach a ghabhail a’ chiad ghreis ri cùisean mu leòn pearsanta nam measg.  

Ann a bhith a’ cur fàilte air prionnsapalan coitcheann a’ Bhile, ge-tà, tha a’ Chomataidh air ceistean a thogail mu na molaidhean gus stairsneach an airgid airson gnìomh ann an cùirt an t-siorraim àrdachadh bho £5,000 gu £150,000.


Thuirt Neach-gairm na Comataidh Cairistìona Ghreumach BPA: 
 

“Chan eil teagamh bhon fhianais a chuala sinn ach gu bheil feum air ath-leasachadh air siostam cùirtean catharra na h-Alba air a bhith ann o chionn fhada. Chan eil a’ Chomataidh againn cinnteach, ge-tà, gur leig e leas gun toir feadhainn de na ceuman sa Bhile gu buil mar a thathar an dòchas.


“Tha leasachadh air cothrom air ceartas na mhìr bunaiteach de Bhile Ath-leasachadh nan Cùirtean (Alba). Tha saoradh Cùirt an t-Seisein gus gnothach a ghabhail ris na cùisean as toinnte agus as truime na cheum air an rathad cheart. Ach thog àrdachadh stairsneach an airgid £5,000 gu £150,000 mar a thathar a’ moladh ceistean a bheil seo a’ dol thar na còrach. 
 

“Chan e a-mhàin gun cumadh na h-ath-leasachaidhean seo srian ri cothrom air comhairle, ach tha ceistean ann mu chomas cùirtean an t-siorraim gnothach a ghabhail ris an àrdachadh air cùisean. Tha a’ Chomataidh againn a’ moladh gun gabh Riaghaltas na h-Alba beachd dha-rìribh air ìsleachadh ìre an airgid.” 

Am measg nan ceuman eile san aithisg tha:  

  • Chuir a’ Chomataidh fàilte air a’ mholadh gus Cùirt-tagraidh Shiorraman a chruthachadh air feadh na dùthcha seach gum bu chòir gun tig barrachd èifeachdalachd aiste ach tha i den bheachd gum bu chòir gum faigheadh gach tagradh èisteachd bho phrìomh shiorraman seach bho shiorraman seach gum biodh buaidh air an cuid breitheanais air feadh na h-Alba.
  • Chuala a’ Chomataidh fianais mun àite bhunaiteach a bhios aig siorraman urramach ann a bhith a’ dèiligeadh ri gnothach ann an èiginn ann an sgìrean dùthchail far nach eil cothrom air siorram. Ged a tha i ag aontachadh gum bu chòir cur às do dhreuchd an t-siorraim urramaich, tha a’ Chomataidh ag iarraidh dearbhaidh nach fhuiling sgìrean dùthchail is iomallach droch bhuaidh leis a’ cho-dhùnadh seo.
  • Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air a’ mholadh gun tèid cùirt shònraichte mu leòn pearsanta a stèidheachadh mar chuid de na ceuman gus a dhèanamh cinnteach gum faigh cùisean èisteachd anns na cùirtean as iomchaidhe. Bha ceist mu chomas na cùirt ùire, ge-tà, agus mhol a’ Chomataidh mar sin gun tèid a’ chùirt mu leòn pearsanta a stèidheachadh mus tèid an ìre ùr de dh’uachdranas-calla a thoirt a-steach.
  • Tha a’ Chomataidh den bheachd, mun cheist am bu chòir gum biodh an ìre de dh’uachdranas-calla mar an ceudna ri cùisean mu leòn pearsanta agus cùisean malairteach, gu bheil a’ cheist mu chùirt mhalairteach air feadh na h-Alba airidh air barrachd beachdachaidh.

Cùl-fhiosrachadh

Agus e air a thoirt a-steach anns a’ Ghearran 2014, tha Bile Ath-leasachadh nan Cùirtean (Alba) air molaidhean Ath-bhreithneachadh Cùirtean Catharra na h-Alba air a stiùireadh leis a’ Mhorair Gill agus air fhoillseachadh ann an 2010 a thoirt gu buil ann an seagh farsaing. Thàinig an t-Ath-bhreithneachadh sin chun a’ cho-dhùnaidh gu bheil cùirtean catharra na h-Alba a’ toirt seirbhis don phoball a tha “slaodach, gun èifeachd agus cosgail” agus mhol e gum feumar siostam nan cùirtean ath-leasachadh an dà chuid a thaobh cruth agus a chuid obrach”.   

Ghabh a’ Chomataidh fianais air a’ Bhile bho fharsaingeachd de luchd-fianais, buidhnean-ceartais, buidhnean fhuilingichean, aonaidhean agus eòlaichean air còraichean daonna, leòn pearsanta, lagh an teaghlaich, imrich-a-steach agus ceistean àrainneachd, agus bhon Mhorair Uachdrach, am Prìomh Shiorram Seumas Mac an Tàilleir.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu bheachdachadh na Comataidh air a’ Bhile air duilleagan-lìn na Comataidh: 

http://www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/gnothachpàrlamaideach/Comataidhean An-dràsta/73253.aspx

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.