Leanaidh sgrùdadh air àite Alba neo-eisimeilich san t-saoghal

14.05.2014

Leanaidh sgrùdadh air àite Alba neo-eisimeilich san t-saoghal leis a’ Chomataidh airson Dàimhean Eòrpach is Cùisean Taobh a-muigh Diardaoin. Tha planaichean mu In-imrich agus comraich, oifisean eadar-nàiseanta thall thairis, smachd chrìochan agus ballrachd Buidheann Chunnradh a’ Chuain Shiair a Tuath (BCCST / NATO) uile mar phàirt de bheachdachadh na Comataidh air an inbhe a tha san amharc do dh’ Alba san Roinn Eòrpa san àm ri teachd.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Cairistìona Nic Shealbhaich BPA:

“Cha mhòr còig mìosan air ais thòisich sinn rannsachadh air molaidhean Riaghaltas na h-Alba airson Alba neo-eisimeilich. Ri linn seo, tha e air fàs soilleir dhuinn gun robh muinntir na h-Alba ag iarraidh barrachd fiosrachaidh fhathast mu chuid de na ceistean ris an robh sinn a’ buintinn mus caitheadh iad an bhòt. 

“Tha fios againn gu bheil in-imrich, smachd chrìochan, ballrachd BCCST agus mar a bhiodh Alba ga riochdachadh is ga cur fhèin air adhart thall thairis glè chudromach don luchd-bhòtaidh. Mar sin tha sinn a’ toirt còmhla tuilleadh luchd-eòlais gus sgrùdadh a dhèanamh air na cuspairean seo. Tha sinn ag iarraidh gun gluais an deasbad air adhart ’s daoine a chuideachadh tuigsinn cuid de na ceistean a dh’fhaodadh èirigh gu h-eadar-nàiseanta ’s aig an taigh ri linn an co-dhùnaidh air 18 Sultainn.” 

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Hanzala Malik BPA: 

“Nam b’ e ’s gun bhòtadh Alba airson neo-eisimeileachd, bidh buaidh mhòr aig mar a bhios Alba ag iarraidh i fhèin a ghiùlan air àrd-ùrlar an t-saoghail air ar n-eaconamaidh ’s air ar comann-dhaoine. Chan eil e ach ceart gun cuir ar Comataidh barrachd ùine seachad gus na cuspairean cudromach seo a rannsachadh.

“Ged is dòcha nach aontaicheadh ar Comataidh a thaobh ciamar a bu chòir bhòtadh air 18 Sultainn, tha sinn uile aona-ghuthach gur e ar ròl cuideachadh a thoirt do dhaoine a chor is gum bi iad làn-fhiosrachail nam beachdan mu bhuaidh molaidhean Riaghaltas na h-Alba mus caith iad bhòt. Tha mi cinnteach gum bi na chuireas an luchd-eòlais a bheir sinn a-steach ris a’ chùis glè fheumail.” 

Nì an seisean fianais a bhios air bhonn an-diugh rannsachadh air ceistean a bhuineas ri saoranachd is in-imirce, cho math ri smachd chrìochan is comraich. Nan suidhe aig a’ bhòrd chruinn, bidh:

  • An t-Oll. Robert Wright, Roinn nan Gnothaichean Eaconamach, Oilthigh Shrath Chluaidh;
  • Gary Christie, Àrd-oifigear an Gnìomh,  Comhairle Luchd-tearmainn na h-Alba;
  • An t-Oll. Alison Phipps agus Sarah Craig, Co-luchd-gairm, Lìonra Imrich is Comraich Luchd-tearmainn Ghlaschu (LICLG);
  • Peter Grady, Oifigear Laghail, Oifis Àrd-choimiseanair nan Dùthchannan Aonaichte airson Luchd-tearmainn (OADAL) (Neach-riochdachaidh na Rìoghachd Aonaichte);
  • Clarissa Azkoul, Ceannard Misein, Buidheann Eadar-nàiseanta airson Imrich (BEI) na RA. 

Air 1 Cèitean, bha am fòcas air poileasaidh Alba neo-eisimeilich a thaobh leasachaidh eadar-nàiseanta, rud a rannsaich cobhair, saoradh fhiachaibh agus rùn dealasach a thaobh poileasaidh ‘na dèan cron’ (a’ cur an cèill nach biodh obair an Riaghaltais a’ lagachadh amasan eadar-nàiseanta a thaobh leasachaidh agus gum biodh iad, aig a’ char is fheàrr, a’ cur ri soirbheas leasachaidh gu h-eadar-nàiseanta). (Seo ceangal ri aithris oifigeil: http://www.pàrlamaidnahalba.ra/gnothaicheannapàrlamaid/28862.aspx?r=9146&mode=pdf

Air 12 Ògmhios, bithear a’ dìreadh air poileasaidhean eadar-nàiseanta, nam measg ballrachd bhuidhnean eadar-nàiseanta, cudrom còraichean a’ chinne-daonna agus dol an glaic ri atharrachadh sìde. Cuideachd, nì a’ Chomataidh rannsachadh air ceistean mu riochdachadh na h-Alba thall thairis, a’ toirt a-steach ambasaidean, agus mar a chaidh le dùthchannan beaga eile ann a bhith ag obair còmhla. 

Air 26 Ògmhios, cluinnidh a’ Chomataidh o Riaghaltas na h-Alba mu na ceistean a chaidh a thogail ri linn nan seiseanan fianais.  

Tha a h-uile seisean fosgailte don mhòr-shluagh agus thèid an sgaoileadh air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba. Gus cumail an conaltradh ri gnothaichean na Comataidh, faodar iad a leantainn air Twitter @SP_Europe

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.