Obar Dheathain mar fhòcas do thadhal Chomataidh Slàinte is Spòrs

26.05.2014

Tha na dh’fhaodadh tachairt an lùib buidheann inbhean bìdh ùr a chruthachadh gu bhith fo rannsachadh aig Comataidh Slàinte is Spòrs ’s iad a’ dol a dh’Obar Dheathain an-diugh (Diluain 26 Cèitean).

An ceartuair, tha BPAan air a’ Chomataidh a’ sgrùdadh Bile Inbhean Bìdh (Alba). Bheir am Bile, ma ghabhar ris, barrachd cumhachd don bhuidheann ùr a thathar a’ moladh seach mar a tha a thaobh na Buidhne a tha ann an-dràsta, cho math ri cothrom riaghailtean ùra a chur an gnìomh a stèidheachadh.

Thuirt neach-gairm na Comataidh, Donnachadh MacNèill BPA:

“Mar Chomataidh tha e cudromach gum faigh sinn a-mach às a’ Phàrlamaid agus tuigse fhaotainn air na dh’fhaodadh tachairt an lùib an reachdais seo.

“Bidh buaidh air luchd-caitheimh bìdh is gnìomhachasan thar Alba aig cruthachadh buidheann inbhean bìdh ùr, ach bha e coltach gum biodh e gu sònraichte iomchaidh gun tadhail a’ Comataidh againn air Obar Dheathain.  

“Ann an sgìre Siorramachd Obar Dheathain tha gnìomhachas-iasgaich fìor shoirbheachail, agus sa chathair fhèin tha obair mhòr rannsachaidh a thaobh beathachaidh air a bhith ann agus, thoir fa-near, ’s ann ann a tha a’ Bhuidheann Inbhean Bìdh an ceartuair.”

Thuirt Leas-Neach-gairm na Comataidh, Bob Doris BPA:

“Ged is dòcha gu bheil coltas air a’ ghnothach gu bheil an reachdas a thathar a’ moladh mar atharrachadh rianachd, aig cridhe cùise ’s e seo rud gu math bunaiteach, rud a nì cinnteach gum bi na dh’itheas sinn sàbhailte.

“Tha cliù air Alba air feadh an t-saoghail air sgàth cho math ’s a tha a cuid bìdh is stuthan-òil, agus bidh am bile seo a thathar a’ moladh mar chuideachadh ann a bhith a’ neartachadh a’ chliù sin.

“Mar Chomataidh nì sinn fiùghair ri bhith a’ bruidhinn ri grunn ghnìomhachasan, luchd-sgoilearachd agus, thoir fa-near, a’ Bhuidheann Inbhean Bìdh i fhèin, mu na dh’fhaodadh tachairt an lùib an reachdais seo a thathar a’ moladh.”

Mar phàirt de thadhal na Comataidh air Diluain 26 Cèitean, bidh na BPAan a’ coinneachadh ri:

·         Buidheann Inbhean Bìdh na h-Alba, a bhios an ceartuair a’ dèiligeadh ri gnothaichean mar: inbhean bìdh, beathachadh is na dh’itheas daoine; slàinte bìdh san fharsaingeachd; slàinte èisg, maorach is bainne; smachd a thaobh slàinte feòla is na thig à feòil; riaghailtean mu fhodar bheathaichean agus nuadh-bhiadh, sàbhailteachd a thaobh rèidio-eòlais agus suidheachaidhean-èiginn.

·         An Institiùd Rowett, Oilthigh Obar Dheathain aig am bi pàirt nach beag a thaobh comas rannsachaidh san RA air beathachadh is slàinte dhaoine agus a tha, tro na bliadhnaichean, air buaidh mhòr a thoirt air cùisean slàinte ‘s beathachadh bheathaichean. 

·         An t-Oll. Hugh Pennington, sàr-eòlaiche slàinte / inbhean bìdh. 

·         Joseph Robertson (Obar Dheathain) Earranta, gnìomhachas-bìdh a tha stèidhichte ann an Obar Dheathain ’s a chleachdas, airson a’ chuid is motha, stuth ionadail gus seo atharrachadh gu raon biadh-mara.

·         Iomairtean Bìdh an Ear-thuath (Community Food Initiatives North East) carthannas is buidheann-iomairt ionadail a chuireas air dòigh deagh thoradh-bìdh fallain air prìs reusanta do na mìltean de dhaoine ann an Obar Dheathain ’s mun cuairt. Cumaidh iad taic is leasachadh ri slàinte ’s mathas, cuiridh iad ri ath-nuadhachadh choimhearsnachdan, barrachd cothroman cosnaidh a chruthachadh ’s a chur am meud am measg neachan ciorramach ann an coimhearsnachdan nach eil cho math dheth ’s a tha feadhainn eile, agus cuiridh iad air adhart gnìomh sam bith a bheir leasachadh air an àrainneachd.

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.