Cothrom ainneamh don phoball èisteachd bho Nandi Mandela aig Taigh an Ròid

27.05.2014

Anns an Lùnastal am-bliadhna, mar chuid de Chòmhdhail Cultar Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, gheibh am poball cothrom tè-ghnìomhachais agus ogha Nelson Mandela, Nandi Mandela a chluinntinn a’ bruidhinn. Bheir a’ Bh-uas. Mandela òraid do riochdairean aig Taigh an Ròid ann an seisean poblach air comas nan ealain agus cultar gus co-thuigse a chruthachadh eadar dùthchannan.

Tha an cuspair ‘Cultar – Inneal Earbsa’ a’ ruith tron Chruinneachadh trì latha (Didòmhnaich 10 gu Dimàirt 12 Lùnastal) aig Taigh an Ròid, le òraidean bho raon farsaing dhaoine à saoghal nan ealain, an fhoghlaim, luchd gràdh-daonna agus ceanglaichean eadar-nàiseanta agus nam measg: 

  • Irina Bokova, Àrd-Stiùiriche UNESCO
  • Robyn Archer, neach-ciùil, neach-ealain agus sgrìobhadair torrach à Astràilia
  • Saskia Sassen, ùghdar agus eòlaiche air cruinnealachd  
  • Michael Power, ùghdar “The Audit Society”
  • Jordi Savall, neach-ciùil cliùiteach.

Bidh e comasach don phoball cur a-steach airson tiogaidean airson nan ceithir seiseanan làna, a thèid a chumail ann an Seòmar-deasbaid na Pàrlamaid ri linn a’ Chruinneachaidh. Nì òraidean agus beachdan bho dheasbadan mionaideach air poileasaidh sgrùdadh air: 

  • Luach agus Tomhas: na prionnsapalan mu luachadh cultar agus mar a ghabhas an luach sin a thomhas
  • Cathair-bhailtean is Cultar: a’ chathair-bhaile mar ionad tionnsgalachd chultarail agus com-pàirteachaidh
  • Tagradh agus Ìomhaigh: mar as fheàrr a ghabhas cultar agus eugsamhlachd chultarail gleidheadh, cur air adhart agus dìon.

A’ bruidhinn ron tachartas, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA

“An seo aig a’ Phàrlamaid, bidh sinn a’ cur cultar air adhart mar dhòigh gus ceangal a dhèanamh ri daoine air ceistean a bhios a’ bualadh orra. Chunnaic sinn le ar sùilean fhèin na beachdan deimhinneach bho luchd-tadhail air ealain cho math is a gheibhear air domhan leithid aig Andy Warhol agus Grèis-bhrat Mòr na h-Alba, a bhios air ais aig Taigh an Ròid a-rithist as t-samhradh. 

“Tha e na thoileachas mòr mar sin Dara Cruinneachadh Cultar Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann a chumail, agus tha sinn cho riaraichte cothrom a thairgse don phoball cluinntinn bho luchd-labhairt iomraiteach, Nandi Mandela nam measg, mar a nì iad sgrùdadh air a’ bhuaidh a bheir cultar air dùthchannan.”

Tha Cruinneachadh a’ Chultair stèidhichte a-nis am measg chùisean cultarail na cruinne mar thachartas gach dà bliadhna, an dèidh cho math agus a shoirbhich le Cruinneachadh 2012 aig an robh 33 dùthchannan an làthair. Tha e mar amas aig Cruinneachadh a Dhà cur ris an stèidh làidir seo gus barrachd sgaoileadh bheachdan, dheasbadan agus co-obrachaidh san ùine air thoiseach a bhrosnachadh agus leudachadh air a’ bheachd gu bheil cultar na dhrochaid a chruthaicheas a chuireas deasbaireachd eadar dùthchannan eadar chomas, ann an raon farsaing shuidheachaidhean. 

Agus e a’ bruidhinn air an naidheachd mun chiad luchd-labhairt, thuirt Jonathan Mills, Stiùiriche Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann: 

“Nochd soirbheachadh Cruinneachadh 2012 gu follaiseach gu bheil fèill air feadh an t-saoghail air deasbaireachd agus malairt chultarail, agus an luach nan lùib. San dara Cruinneachadh as t-samhradh, gabhaidh sinn beachd air barrachd cheistean cruinneil mu thomhas luach a’ chultair, àite nan cathair-bhailtean ann an tionnsgalachd chultarail agus ceanglaichean dhaoine ri eugsamhlachd chultarail. Gus còmhradh agus deasbad a bhrosnachadadh bheir sinn còmhla eòlaichean à saoghal nan ealain, an fhoghlaim, luchd gràdh-daonna agus cheanglaichean eadar-nàiseanta a bhrosnaicheas deasbaireachd a bhios domhainn agus beothail, agus tha fiughair agam gu sònraichte ri bhith a’ cur fàilte air Nandi Mandela, Irina Bokova, agus Robyn Archer anns an obair seo. 

“Aig an aon àm ri Fèisean an t-samhraidh aig an ìre as dèine, tha e uair a-rithist eile na chothrom mìorbhaileach gus am baile agus cultar na h-Alba a thaisbeanadh agus luchd-ealain, Ministearan Cultair agus buidhnean-riochdachaidh às gach ceàrn den t-saoghal a thoirt còmhla ann an comharrachadh gun choimeas air na h-ealainean.” 

Tha an Cruinneachadh na cho-obrachadh eadar Riaghaltas na h-Alba, Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Pàrlamaid na h-Alba, Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann agus Comhairle Bhreatainn. Bheir e còmhla Ministearan Cultair agus luchd-ealain, luchd-breithneachaidh agus feadhainn eile an sàs ann an leasachadh poileasaidh chultarail agus ga thoirt gu buil. 

Thèid a chumail uair a-rithist eile san Lùnastal ann an togalach Pàrlamaid na h-Alba nuair a bhios Fèisean beothail Dhùn Èideann nan leum. Bidh an cothrom aig Ministearan Cultar, luchd-ealain agus luchd-ceannais nan ealain frithealadh air oirfideas agus tachartasan cho math agus a tha ann, a bhios a’ tàladh luchd-èisteachd à barrachd is 70 dùthchannan. 

Thuirt Rùnaire Cultar na h-Alba, Fiona Hyslop

“Tha an taghadh barraichte seo de luchd-labhairt a’ nochdadh cuideam Cruinneachadh Cultar, a nochdas Alba mar Ionad beothail Cultarail eadar-nàiseanta ri linn Fèisean Dhùn Èideann ann an Lùnastal.

“Tha an dara Cruinneachadh a’ tighinn an dèidh cho soirbheachail agus a bha a’ chiad tachartas a chaidh a chumail ann an Lùnastal 2012 agus tha e air leth iomchaidh nuair a bhios sùilean an t-saoghail air Alba mar-thà airson Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis ann an Glaschu agus tachartasan eile ann an 2014.  

“Nì an Cruinneachadh comharrachadh agus leasachadh air cliù na h-Alba air feadh na cruinne airson cruthachalachd, tionnsgalachd agus mac-meanmna.”  

Thuirt Ministear Cultar na Rìoghachd Aonaichte Ed Vaizey: 

“Tha cliù air feadh na cruinne air cultar na Rìoghachd Aonaichte agus leigidh cruinneachadh na bliadhna seo leinn cuideam a chur air na nithean air leth agus eugsamhlachd a bhios an dùthaich seo a’ tairgse mar chultar agus cuideachd dùthchannan eile a thoirt còmhla agus sgrùdadh a dhèanamh air na cothroman a bheir deasbaireachd chultarail, cur ri càirdeas agus gnìomhachas a leasachadh cuideachd. Nì raon an luchd-labhair agus luchd-fhrithealaidh bho air feadh na cruinne cinnteach gun neartaich sinn ar cuid cheanglaichean cultarail agus coitcheann agus tha fiughair agam ri bhith a’ faicinn a h-uile duine ann.”  

Thuirt Ceannard Chomhairle Bhreatainn, an Ridire Martin Davidson KCMG: 

"Tha cultar agus ionnsachadh aig cridhe prìomh chathair-bhaile eachdraidheil na h-Alba agus is dòcha gur h-e prìomh chathair-bhaile fhèisean cultarail an t-saoghail a tha ann – agus tha sin a’ fàgail Dhùn Èideann mar àite freagarrach gus an cruinneachadh a chumail. A’ leudachadh air cho soirbheachail agus a bha a’ chiad tachartas ann an 2012, bheir an cruinneachadh seo san Lùnastal ministearan à gach mòr-roinn agus gu sònraichte às a’ Cho-fhlaitheas còmhla. Am measg nan cuspairean am-bliadhna tha an luach a tha air cultar agus mar a dh’fhaodar a thomhas, agus aig dà cheann na cùise, àitean nan cathair-bhailtean agus nan eagrachadh eadar-nàiseanta. Tha na cuspairean seo cudromach do gach dùthaich, agus tha dùil agam ri malairt chruthachail eòlais agus bheachdan agus cur ri ceanglaichean làidir eadar-nàiseanta aig an aon àm.” 

Cùl-fhiosrachadh 

Faodaidh am poball cur a-steach airson tiogaidean gus frithealadh air ceithir seiseanan anns an t-Seòmar-dheasbaid ri linn a’ Chruinneachaidh. Thèid an clàr iomlan a chur an cèill 11 Iuchar leis na seiseanan poblach mar a leanas: 

  • Didòmhnaich 11 Lùnastal, thèid an Seisean-fosglaidh agus Seisean Làn a h-Aon a chumail (Seisean 1 - 16:00 – 18:00) le oirfideas bho luchd-ealain air leth agus luchd-labhairt air an taghadh a’ nochdadh cheistean bunaiteach às a h-uile gin de na trì sreathan a thaobh poileasaidh air an deach sgrùdadh a dhèanamh aig a’ Chruinneachadh.  
  • Air Diluain 12 Lùnastal, nochdaidh Seisean Làn a Dhà (Seisean 2 - 09:30 – 10:30) agus Seisean Làn a Trì (Seisean 3 - 14:30 go 15:30) sreath eile de chur an làthair.  
  • Air Dimàirt 13 Lùnastal, thig an Cruinneachadh gu ceann leis an t-Seisean Làn mu Dheireadh (Seisean 4 - 10:00 – 11:30). Bheir na h-aithisgichean giorrachadh air òraidean agus deasbadan a’ Chruinneachaidh, a’ comharrachadh nam puingean, nam beachdan agus nan toradh as comharraichte. Bidh cothrom do Mhinistearan freagairt le beachdan bhon làr agus oirfideas deireannach luchd-ealain.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.