Comataidh ag iarraidh bheachdan air Bile Sgrìobhainnean Laghail

28.05.2014

Chaidh iarraidh a chur a-mach an-diugh (28 Cèitean)  air beachdan air Bile Sgrìobhainnean Laghail (Co-phàirtean is Lìbhrigeadh) (Alba) le Comataidh Cumhachdan Tiomnaichte is Ath-leasachadh Laghan.

Bidh a’ Chomataidh a’ dèanamh sgrùdadh air a’ Bhile thar nam mìosan ri teachd. Tha am Bile: 

  • A’ dèanamh soilleir gun gabh sgrìobhainn a tha ri comharradh le dhà bhuidheann no barrachd “a chur an gnìomh ann an co-phàirt”, no gum faod gach buidheann ainm a chur ris an lethbhreac aca fhèin den sgrìobhainn, ’s gun tèid seo a lìbhrigeadh don bhuidheann eile (no do neach a chuireas iad air adhart);  
  • A’ ceadachadh lìbhrigeadh sgrìobhainnean laghail air pàipear air mhodh dealanach, rud a tha a’ ciallachadh gum bi an sgrìobhainn sin laghail air dhi bhith air a lìbhrigeadh.

’S e am Bile a’ chiad Bhile aig Coimisean Lagh na h-Alba a thèid cur fo aire na Comataidh o dh’atharraich raon-ùghdarrais na Comataidh san Ògmhios 2013. Chaidh am pròiseas ùr seo a chur an-sàs gus ràta cur-an-gnìomh aithisgean Coimisean Lagh na h-Alba a chur am feabhas. 

Thuirt Neach-gairm Comataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte is Ath-leasachadh Laghan, Nigel Don BPA: 

“Aig an àm chuir mi fàilte air an atharrachadh nar raon-ùghdarrais a chuir nar comas mar Chomataidh beachdachadh air Bilean Coimisean Lagh na h-Alba, agus tha mi toilichte faicinn gu bheil a’ chiad Bhile air nochdadh fon phròiseas ùr seo. 

“Mar Chomataidh nì sinn deuchainn a thaobh buaidh an reachdais seo agus beachdachadh air co-dhiù am bi an modh-obrach a chleachdas sinn mar bhuannachd do shiostam lagha na h-Alba gus nach bi. 

“Tha a’ Chomataidh ag iarraidh beachdan fhaotainn san fharsaingeachd, ach cuideachd gu sònraichte o luchd-lagha, oir bidh buaidh dhìreach aig an reachdas seo air mar a nì iad an cuid obrach.” 

Gu sònraichte, tha a’ Chomataidh ag iarraidh bheachdan air:  

  • Dè a tha math ’s nach eil math mu mhodh-gabhail a’ Bhile? A bheil ullachaidhean sam bith sa Bhile a bu chòir a bhith ann, nur beachd?  
  • Ciamar a nì am Bile leasachadh air pròiseas cur-an-gnìomh sgrìobhainnean laghail na h-Alba?
  • An e ur beachd gun adhbhraich am Bile meudachadh Laghan na h-Alba gus riaghladh a dhèanamh air gnothaichean?
  • Dè dh’fhaodadh tachairt a thaobh ionmhas an lùib a’ Bhile?
  • A bheil ceistean a thaobh co-ionnanachd ceangailte ris a’ Bhile?
  • Dè ur beachd air na dh’fhaodadh tachairt a thaobh na h-àrainneachd mar bhuil air a’ Bhile?

Cùl-fhiosrachadh 

Gus fios is fianais a chur thugainn, seòlaibh post-d gu   DPLR.Committee@scottish.parliament.uk ro 6f air Diluain 14 Iuchar.

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.