Roinn Obrach agus Pheinnseanan a’ seachnadh na fìrinn mu bhancaichean-bidhe

02.06.2014

Tha Roinn Obrach is Pheinnseanan ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a’ seachnadh na fìrinn mun adhbhar ris an àrdachadh air cleachdadh bhancaichean-bidhe. Is e seo an co-dhùnadh aig Comataidh Ath-leasachadh Shochairean Pàrlamaid na h-Alba ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

An dèidh nam mìosan de bhith a’ ghabhail ri fianais, tha a’ Chomataidh air tighinn chun a’ cho-dhùnaidh gu bheil ath-leasachadh shochairean na “adhbhar mòr” ris an àrdachadh air iarratas a chì luchd-solair cobhair-bidhe. Tha fianais a fhuair a’ Chomataidh a’ cur an cèill àrdachaidh mu 400% de dhaoine a’ faighinn cuideachaidh ann an 2013/14 nuair a chuirear an coimeas ris an aon ùine ann an 2012/13.  

Gu h-àraidh, tha a’ Chomataidh air dragh a chur an cèill mun bhuaidh a bheir na thathar ag ùghdarrachadh a thaobh shochairean agus tha i ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte aithneachadh gu bheil daoine a’ strì gus na feumalachdan bunaiteach aca mu bhiadh a thoirt a-mach mar thoradh air a’ ghnìomh dhìreach aige. 

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Ath-leasachadh Shochairean, Mìcheal MacMhathainBPA: 

“Chan urrainn do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun feart a thoirt a thuilleadh air an fhianais gu bheil na h-ath-leasachaidhean shochairean aca a’ bualadh gu mòr air comas dhaoine a bhith gam biathadh fhèin. Chan eil àite sam bith airson seo ann an dùthaich bheairteach san t-saoghal a tha ann an-diugh. dìreach mar nach bu chòir gum biodh feum air bancaichean-bidhe. 

“Nochd an fhianais againn gu bheil feum aig cuid de luchd-obrach air tuarastal ìseal air cothrom air bancaichean-bidhe. Tha seo ga fhàgail na dhìmeas nas miosa buileach aca nach eil daoine a chleachdas bancaichean-bidhe feumach gu mòr air cuideachadh. Cuideachadh a bu chòir do shiostam nan sochairean a bhith a’ toirt seachad, seach buidhnean-carthannais. Cha ghabh a bhith a’ leigeil leis an t-samhla seo de shochair bho linn Dickens fàs fulang idir. Chan urrainn do gun a bhith a’ toirt feart air an duilgheadas a bhith mar chuid den fhuasgladh.” 

Gu h-àraidh, tha a’ Chomataidh a’ moladh an dealais agus an rùin a nochdas luchd saor-thoileach nam bancaichean-bidhe. A dh’aindeoin seo, ge-tà, tha a’ Chomataidh ga dhèanamh soilleir nach bu chòir gun ‘snàigeadh’ solar nam bancaichean-bidhe a-steach ann an solas shochairean na stàite. 

Thuirt Leas-Neach-gairm na Comataidh, Seumas Hepburn BPA: 

“Thadhail na buill air fad den Chomataidh againn air bancaichean-bidhe air feadh na h-Alba. Rinn an dòigh dhreuchdail agus mhodhail san do ghabh luchd saor-thoileach gnothach ri daoine a thàinig thuca, gu tric ann an àm na h-èiginn, drùdhadh oirnn. Thathar an dòchas gun dèan gnìomh Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ cruthachadh Plana-gnìomha Cobhair-bidhe ann an Èiginn cinnteach gun tèid aghaidh a thoirt air ceistean logastach sam bith mu sholar nam bancaichean-bidhe. 

“Ach tha na bancaichean-bidhe fhathast nam freagairt le coimhearsnachd is carthannas do cho-shaoranaich ann an èiginn. Feumaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dèanamh cinnteach nach tòisich e air a bhith gan tàthadh a-steach ann an siostam nan sochairean. Feumaidh e an t-àite a tha aige fhèin ann a bhith ag adhbharachadh an àrdachaidh aideachadh agus sgur a leigeil air nach eil an seo ach daoine ag iarraidh rudeigin an-asgaidh. Tha sin na dhìmeas air na daoine as so-leònte againn a bhios a’ cleachdadh nam bancaichean-bidhe agus nan daoine saor-thoileach a bhios gan ruith. Tha e cuideachadh a’ dol às àicheadh an àite a tha aige ann a bhith a’ putadh dhaoine don oir – agus thairis oirre gu tric.” 

San aithisg, tha a’ Chomataidh a’ dèanamh sgrùdaidh air tagradh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil leudachadh air sanasachd agus daoine a’ taghadh bancaichean-bidhe a chleachdadh mar “roghainnean eaconamach” as adhbhar ris an leudachadh air bancaichean-bidhe. Tha i a’ tighinn chun a’ cho-dhùnaidh: 

·         Gu bheil ceangal dìreach eadar ath-leasachaidhean shochairean Roinn Obrach agus Pheinnseanan agus an t-àrdachadh air cleachdadh nam bancaichean-bidhe. 

·         Faodar na bhios Roinn Obrach agus Pheinnseanan ag ùghdarrachadh a thaobh shochairean a mheas mar ‘adhbhar bunaiteach’ agus na bancaichean-bidhe mar ‘bhuil’. 

·         Ann an dùthaich air a leasachadh mar a tha againn cha bu chòir gum biodh feum air Comann na Croise Deirge, an carthannas-cuideachaidh eadar-nàiseanta, a bhith an sàs ann an solar cobhair-bidhe san Rìoghachd Aonaichte. 

·         Chan eil a’ Chomataidh ag aontachadh ri meas Ministearan Roinn Obrach agus Pheinnseanan gu bheil daoine a’ cur romhpa na bancaichean-bidhe a chleachdadh air a’ chuid as motha mar thoradh air cothroman soirbh agus barrachd mothachaidh. Tha a’ Chomataidh den bheachd gum bi daoine a’ taghadh nam bancaichean-bidhe le èiginn air a’ chuid as motha, bidh mòran a’ faireachdainn gu bheil iad air an comharrachadh agus nàrachadh airson gun tig orra a bhith gan cleachdadh.

·         Tha e na dhragh fianais a chluinntinn gu bheil daoine ann an ceann an cosnaidh a tha air tuarastal ìseal a’ cleachdadh nam bancaichean-bidhe. Tha seo a’ cur an cèill thairis air luchd-cleachdaidh nam bancaichean-bidhe an-dràsta gu bheil mòran a bharrachd eile faisg air a bhith feumach air cobhair-bidhe. 

·         Thathar air teagamh a chur anns an luach a chuireas Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air coimeasan eadar-nàiseanta mar dhearbhadh air an argamaid aige gu bheil cleachdadh nam bancaichean-bidhe air a threòrachadh le solar. Fhuair a’ Chomataidh fianais gun do dh’fhàs bancaichean-bidhe nan institiùid ann an Canada agus gun robh iad a’ tighinn a-steach an àite solar na stàite. Bha fianais ann cuideachd gun robh an ìre àrd de chleachdadh nam bancaichean-bidhe sa Ghearmailt ceangailte ri atharrachaidhean ann an ullachadh shochairean na stàite. 

Cùl-fhiosrachadh 

Dh’eas-aontaich Ailig Johnstone BPA ri 3 earrannan, mar a tha air a chomharrachadh anns an aithisg.

Leanaibh obair na Comataidh aig @sp_welfareref 

Read the report

2nd Report, 2014 (Session 4) Food Banks and Welfare Reform

Contact information

Media information

 Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.