Feumar aghaidh a chur ri smachd air geòidh na h-Alba gu deatamach a rèir Comataidh Cùisean Dùthchail

09.08.2014

Tha a bhith a’ cumail smachd air na th’ ann an Alba de gheòidh mar dhuilgheadas nàiseanta air am feumar aghaidh a chur gu deatamach, a rèir Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd.

Ann an litir gu Riaghaltas na h-Alba, tha BPAan ag iarraidh ath-sgrùdadh air mar a thathar a’ dèiligeadh ris a’ chùis an ceartuair a thaobh smachd a chumail air geòidh. Tha seo gus dèanamh cinnteach gum bithear a’ stiùireadh na th’ ann de gheòidh, a’ bhuaidh aca air obair àiteachais agus air an àrainneachd air dòigh èifeachdach.

Ged a dh’fhaodadh cuid de mhaoin a bhith ri fhaotainn tro Phrògram Leasachadh Dùthchail na h-Alba (SRDP), ’s e beachd na Comataidh gur dòcha nach i seo an dòigh cheart air taic a bharrachd a lìbhrigeadh. 

Uime sin tha a’ Chomataidh a’ moladh gun dèan Riaghaltas na h-Alba ath-chnuasachadh air mar a bheirear maoin do phrògraman smachd nan geòidh agus gun tèid tuilleadh maoin a thoirt seachad fa chòir dìon bhàrran agus do Phlanaichean So-atharrachadh Stiùiridh (adaptive management), a’ dèanamh cinnteach gun lean na prògraman seo na cleachdaidhean is fheàrr a thaobh com-pàirteachas, stiùireadh, dealbhadh, cur-an-gnìomh agus aire a chumail air cùisean. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Rob Gibson BPA: 

“Tha e air fàs soilleir on fhianais againn gu bheil na th’ ann an Alba de gheòidh an-dràsta ag adhbhrachadh dhuilgheadasan nach beag do chroitearan is do thuathanaichean ann an sgìrean àraid. Chan eil an t-siostam a th’ ann an ceartuair ag obrachadh agus feumar ath-sgrùdadh deatamach a dhèanamh air maoin fa chòir smachd a chumail air na geòidh. 

“Tha a’ Chomataidh mothachail gu bheil na duilgheadasan a tha ro chroitearan is thuathanaichean diofraichte o sgìre gu sgìre agus ged is e duilgheadas nàiseanta a th’ ann, chan eil seo a’ ciallachadh gu bheil an aon fhuasgladh ann agus ’s e a tha dhìth ach fuasglaidhean ionadaile sam bi daoine ionadail le h-eòlas ionadail an-sàs.”  

Bha a’ Chomataidh a’ breithneachadh air a’ cheist seo an dèidh athchuinge mu smachd air na th’ ann de gheòidh fhaotainn o Chaidreachas Croitearachd na h-Alba. 

Cùl-fhiosrachadh 

Chaidh Athchuinge Poblach PE01490 mu smachd air geòidh fiadhaich a chur fo aire na Comataidh air 29 Dàmhair 2013. Bha an athchuinge a’ cur an cèill iarrtas air Riaghaltas na h-Alba aghaidh a chur ri duilgheadasan nan geòidh fiadhaich ann an sgìrean croitearachd mar ghnothach deatamach; ath-sgrùdadh a dhèanamh air a’ cho-dhùnadh stad a chur air maoin do phrògraman stiùiridh a th’ ann an ceartuair; agus maoin a bharrachd a thoirt seachad fa chòir Dìon Bhàrran is Prògraman So-atharrachadh Stiùiridh gus dèanamh cinnteach gun tèid a’ bhagairt seo do làithean ri teachd na croitearachd a sheachnadh.

Contact information

 Media information

 Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.