Buannachd eaconamach Fèisean Dhùn Èideann gu bhith ga sgrùdadh le BPAan

16.08.2014

Agus na mìltean de luchd-turais a’ tighinn a Dhùn Èideann air sgàth Fèisean an t-samhraidh, nì Comataidh Eaconamaidh, Cumhachd is Turasachd Pàrlamaid na h-Alba sgrùdadh air a’ bhuannachd eaconamach a thig à fear de na tachartasan cultarach as motha air an t-saoghal.

 

 

Nì BPAan rannsachadh air a’ cheist ann an seisean singilte air Diciadain 20 Lùnastail.

Bidh a’ Chomataidh a’ coimhead air buaidh eaconamach nam Fèisean do Dhùn Èideann agus do dh’àiteachan eile air feadh na h-Alba a rannsachadh, cho math ris na buannachdan cultarach is sòisealta a thig mar thoradh orra, agus dè an còrr a ghabhas dèanamh gus tarraing na h-Alba a thoirt fa chòir luchd-turais eadar-nàiseanta tro leasachadh san àm ri teachd a thaobh suaicheantas (no ‘brannd’) nam Fèisean, a tha air thoiseach air a leithid eile air feadh an t-saoghail.

Cuiridh a’ Chomataidh ceist ris an luchd-fianais a leanas:

 

  • Faith Liddell, Stiùiriche, Fèilltean Dhùn Èideann
  • A’ Bh. Uas. Susan Rice CBE, Àrd-mhanaidsear, Buidheann Bhancaireachd Lloyds [Alba] agus Cathraiche Fòram Fèilltean Dhùn Èideann
  • Kath Mainland, Ceannard, Comann Iomall Fèill Dhùn Èideann 
  • Amy Saunders, Àrd-neach-comhairleachaidh Eadar-nàiseanta, Sealan Nuadh Cruthachail 
  • Gordon Dewar, Ceannard, Port-adhar Dhùn Èideann

 

 Thuirt Neach-gairm Comataidh Eaconamaidh, Cumhachd is Turasachd, Murchadh Frìseal BPA:

 “Tha FèilseanDhùn Èideann stèidhichte gu daingeann mar chuid de na Fèisean as cruthachaile is as ùr-ghnàthaichte air an t-saoghal, ’s iad a’ tarraing mìltean de dhaoine a Dhùn Èideann ’s a dh’Alba gach bliadhna.

“Bidh ar Comataidh a’ cur na ceiste a thaobh ciamar as urrainn do ghnìomhachasan ann an Dùn Èideann agus thar Alba a’ bhuannachd eaconamach as motha fhaotainn às a bhith a’ cumail na cùise ealaineil sàr-tharraingeach seo, agus cuideachd nì sinn sgrùdadh air mar a dhèiligeas ar gnìomhachas turasachd ri gach dùbhlan a bhuineas ri seo uile san Lùnastail.”

Thuirt Faith Liddell, Stiùiriche, Fèisean Dhùn Èideann:

 “Thig Fèisean Dhùn Èideann fo shàr-shuaicheantas cultarach na h-Alba air feadh an t-saoghail agus cliù eadar-nàiseanta orra – agus tarraing aca – nach eil aig tachartas cultarach sam bith eile air feadh na cruinne. Tha sinne gu sònraichte Albannach ach aig an aon àm eadar-nàiseanta air dòigh dhomhainn, a’ tarraing luchd-ealain, luchd-tadhail is luchd nam meadhanan bho gach mòr-roinn san t-saoghal, cho math ri daoine às còrr is 70 dùthaich a h-uile bliadhna.

“’S e th' anns na Fèisean ach culaidhean làidir eaconamach, àrd-ùrlairean cultarach, fòraman deasbaid nàiseanta is eadar-nàiseanta, adhbharan-brosnachaidh agus cothroman cruthachaidh co-leantainneach. Tha sinn fo dhealas a’ bhuannachd as fheàrr fhaotainn às ar luach mòr san t-saoghal air sgàth Alba, agus nì sinn fiughair ri bhith ag obrachadh cuide ris a’ Chomataidh ach an dèan sinn tuilleadh sgrùdaidh air ar ròl.”

Cùl-sgeul

Cuiridh Fèilltean Dhùn Èideann oidhche àraid do bhuill Comataidh Eaconamaidh, Cumhachd is Turasachd air dòigh air Dimàirt 19 Lùnastal.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fiosrachadh conaltraidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.