Tha an Ìre Bhòtaidh gun choimeas a’ toirt dùbhlan do na pàirtaidhean is institiudean poilitigeach a rèir an Oifigeir Riaghlaidh

19.09.2014

Tha an ìre bhòtaidh fìor fìor àrd air cothroman a chruthachadh ach tha e cuideachd air dùbhlain nach beag a chruthachadh airson pàrtaidhean poilitigeach is institiudean poilitigeach a rèir an Oifigear Riaghlaidh.

Às dèidh do 3,619,915 bhòtadh anns an reifreann – ìre bhòtaidh de 84 sa cheud – bidh feum air ath-leasachaidhean poilitigeach agus institiuideach gus am mair a’ bheatha dheamocratach ùraichte ann an Alba a rèir Tricia Marwick.

Agus i a’ bruidhinn madainn an-diugh ann am Pàrlamaid na h-Alba, thuirt i:

“Chunnaic sinn com-pàirteachadh gun choimeas sa pròiseas dheamocratach.

Bha an saoghal air fad a’ coimhead le farmad air a’ phròiseas shìtheil chatharra anns an robh sin an sàs. Tha dùbhlan ann a-nis do na h-institùidean – poilitigeach is eile – a bhith a’ toirt seachad freagairt gu seo. Feumaidh sinn uile aontachadh na cultaran againn atharrachadh gus an dèan sinn cinnteach gun tog na daoine a ghabh pàirt an turas seo an cuid ghuthan san àm ri teachd.”

Stiùiridh an t-Oifigear Riaghlaidh a’ chiad Àm Cnuasachaidh aig a’ chiad choinneamh de Phàrlamaid na h-Alba às dèidh an reifreinn. Gabhaidh seo àite Dimàirt 23 Sultain.

 

 

Fios conaltraidh

Fios do na Meadhanan

Fios don Phoball

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.