Feumar guth nan daoine a chluinntinn a rèir an Oifigeir Riaghlaidh agus barrachd ath-leasachaidh air a ghealltainn

23.09.2014

Feumar guth nan daoine a chluinntinn sa Phàrlamaid an dèidh àireamh neo-àbhaisteach de luchd-bhòtaidh na h-Alba a' bhòtadh san reifreann, a rèir an Oifigeir Riaghlaidh Tricia Marwick.

 

Agus i os cionn Àm Cnuasachaidh aig ciad choinneamh Pàrlamaid na h-Alba on latha-bhòtaidh Diardaoin, thuirt a’ Bh.ph. Marwick gun robh “cumhachd èisteachd” na bu riatanaiche na riamh roimhe agus gum biodh tuilleadh ath-leasachaidh sa Phàrlamaid gus gabhail-pàirt a dhaingeachadh a’ leantainn seo.

Agus i a’ gairm air BPAan, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh gum feum barrachd a dhèanamh a chor is gum bi na daoine an sàs ann an gnothaichean na Pàrlamaid, gu sònraichte boireannaich òga agus daoine o choimhearsnachdan bochda.

Agus ath-leasachadh pàrlamaid air a chur an gnìomh mu thràth a thaobh amannan coinneachaidh Thaigh an Ròid, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh gur e dòighean ùraichte air a’ mhòr-shluagh a bhith an sàs sa Phàrlamaid an ath-cheum den phrògram ath-leasachaidh aice.

Na h-òraid thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, Am Ball Urramach Tricia Marwick BPA:

“Chuir còrr is 3.6 millean neach ann an Alba comharra air pios pàipeir agus ann a bhith a’ dèanamh seo, rinn iad cinnteach gun deach an guth a chluinntinn.

“Tha mise air m’ fhìor-ùmhlachadh le rùn soilleir uiread a cho-Albannaich a bhith an sàs sa chùis, tòrr dhiubh airson a’ chiad uair. Dè cho tric ‘s a chuala sinn daoine ag ràdh nach robh iad a’ dol a bhodraigeadh leis a’ bhòt ri linn ‘s nach dèanadh e diofar sam bith!

“Cha b’ e sin e an turas seo. Biomaid soilleir mun ìre neo-àbhaisteach seo de dhaoine a bhith an sàs agus mu dè as ciall dha seo dhuinn uile. Is mithich dhuinn a-nis gabhail ris an rùn seo, agus a chonnsachadh, gum bithear a’ cur ar smaoin an cèill gu poilitigeach.

"Tha dùbhlain ann do luchd-poilitigs, do phàrtaidhean agus do bhuidhnean eile an Alba.

“’S e ar dleastanas a-nis ach dèanamh cinnteach gun tèid gach uile neach a chuir an rùn an cèill gun rachadh èisteachd riutha a chluinntinn anns a’ Phàrlamaid seo agus leis a’ Phàrlamaid seo.”

Seo a leanas òraid iomlan an Oifigeir Riaghlaidh:

Tha sinn a’ tilleadh don Phàrlamaid seo, agus sin ann an Alba a th’ air atharrachadh gu bràth.

B’ e bhòt Diardaoin sa chaidh air na tha an dàn don nàisean againn cur-an-cèill neo-ghnàthaichte an deamocrasaidh chatharra, leithid nach fhaca sinn riamh roimhe – 85% a bhòt a rèir bhòta chlàraichte de 97%.

Chuir còrr is 3.6 millean neach comharra air pios pàipeir agus ann a bhith a’ dèanamh seo, rinn iad cinnteach gun deach an guth a chluinntinn.

Tha Alba air sealltainn aon uair eile gu bheil sinn fo dhealas gun dèanar cinnteach gun tig ath-leasachadh bun-reachd tron phròiseas dheamocratach.

B’ annasach fhèin an iomairt reifreinn seo, agus i mar spreagadh, chan ann dìreach dhuinne ann an Alba ach do dhaoine air feadh an t-saoghail a chum sùil oirnn.

Coltach ribhse, tha mi air m’ fhìor-ùmhlachadh le rùn soilleir uiread  a cho-Albannaich a bhith an-sàs sa chùis, tòrr dhiubh airson a’ chiad uair. Dè cho tric ‘s a chuala sinn daoine ag ràdh nach robh iad a’ dol a bhodraigeadh leis a’ bhòt ri linn ‘s nach dèanadh e diofar sam bith!

Cha b’ e sin e an turas seo.

Biomaid soilleir mun ìre neo-àbhaisteach seo de dhaoine a bhith an sàs agus mu dè as ciall dha seo dhuinn uile. Is mithich dhuinn a-nis gabhail ris an rùn seo, agus a bhrosnachadh, gum bithear a’ cur ar smaoin an cèill gu poilitigeach.

Tha dùbhlain ann do luchd-poilitigs, do phàrtaidhean agus do bhuidhnean eile an Alba.

Cha ghabh e bhith mar a bha. Tha daoine air èirigh on langasaid, a-mach às an taigh leotha agus a-steach do na sràidean ‘s do na coinneamhan poblach, ‘s an uair sin a-steach don ionad-bhòtaidh.

Chan eil iad a’ tilleadh.

Tha e an urra ris na pàrtaidhean poilitigeach an co-dhùnaidhean fhèin a dhèanamh a thaobh ciamar a leigeas iad le daoine òga, daoine a tha nan còmhnaidh sna coimhearsnachdan as miosa dheth againn agus boireannaich a bhith an sàs san àm ri teachd.

Gidheadh, feumaidh a’ Phàrlamaid seo – agus buidhnean eile ann an Alba  – freagairt a thoirt air cùisean cuideachd agus ‘s e mo ghealladh dhuibhse agus do ar co-luchd-pobail gu bheil mi daingean gun dèan mi seo.

Nuair a thagh sibh mise mar Oifigear Riaghlaidh,  rinn mi soilleir gun robh feum againn air ath-leasachadh sa Phàrlamaid seo. Thuirt mi an Iuchar 2011: “Feumaidh sinn modhan-obrach ùra a lorg san t-Seòmar seo, nar comataidhean agus anns gach uile gnìomh eile a bha sinn ris”.

Rinneadh adhartas. Chaidh ar seachdain-obrach atharrachadh, chaidh ceistean cothromach an latha a thoirt a-steach agus fad dà bhliadhna, tro ar Làithean Pàrlamaid, tha mise air a bhith a’ toirt na Pàrlamaid gu bailtean air feadh na h-Alba.

Chaidh dorsan na Pàrlamaid fhosgladh gu mòr tro Fhèill ùraichte nam Poilitigs, tro na taisbeanaidhean mar An Tapastraidh Mòr agus obair Andy Warhol. Bha leth-chiad a-mach às a’ chiad dhe na daoine a thàinig a shealltainn nan taisbeanaidhean air turas chun na Pàrlamaid airson a’ chiad uair.

Ach tha barrachd romhainn.

Tha e san amharc agamsa mu thràth co-labhairt a chumail as t-earrach do bhoireannaich òga aois-sgoile.

O chionn dà sheachdain dh’iarr mi air oifigearan na Pàrlamaid prògram a chur ri chèile gus na Làithean Pàrlamaid a leudachadh gus tadhail air na coimhearsnachdan as miosa dheth againn.

Cuideachd, feumaidh ar comataidhean cumail orra na prògraman aca fhèin a mheasadh a thaobh cuin is càite a bhios iad a’ tighinn an ceann-a-chèile agus cò a gheibh cuireadh a thighinn a bhruidhinn riutha.

Tha fhiosam gum faod mi earbsa a chur nur taic a chor is gun dèan sinn tuilleadh.

Mar luchd-poilitigs, tha ar gaisgich fhèin againn. Na daoine sin a thug brosnachadh dhuinn dol an sàs ann am poilitigs.

‘S e a spreag mise ‘s mi nam dheugaire ach an t-Seanadair Raibeart Ceanadach, bràthair a’ Chinn-suidhe John F Kennedy.

Sa bhliadhna 1966 chaidh e a dh’Afraca, aig àm ‘s a bha an sgaradh-chinnidh aig àrd-ìre ‘s Nelson Mandela sa phrìosan. Thug e òraid do dhaoine òga air an tugadh Òraid Cuartagan an Dòchais gu tric. Uair is uair bidh mi a’ tilleadh don òraid sin gus cur nam chuimhne carson a tha mi an sàs sa phoilitigs. Bu mhath leam dà earrann den òraid sin a roinn ribhse, a thàinig a-steach orm a bha gu sònraichte cothromach dhuinne – ach is òraid i na linn fhèin ‘s mar sin tha gach iomradh air “fir” a’ toirt tarraing oirnn uile.

“’S i saorsa labhairt a’ chiad eileamaid dhen t-saorsa aona-neach-sa; a’ chòir smuaintean a chur an cèill agus iad a thoirt seachad... ...os cionn nan uile, a’ chòir gus ballrachd is dìlse do phoilitigs -- don chomann-dhaoine --  a dhaingeachadh do na fir sin ris an roinn sinn ar fearann, ar dualchas agus làithean ri teachd ar cloinne;

Làmh air làimh ri saorsa labhairt tha an cumhachd gun tèid guth neach a chluinntinn -- a bhith an-sàs ann an co-dhùnaidhean riaghaltais a bheir cruth is cumadh air beatha nam fear. Gach rud as t’ fhiach ann am beatha nam fear -- teaghlach, obair, foghlam, àite-àraich cloinne agus àite-tàimh -- tha seo uile an urra ri co-dhùnaidhean riaghaltais;

... Uime sin, cha ghabh brìgh daonnachd mhic an duine a dhìon ‘s a ghleidheadh ach san t-suidheachadh far am feum an riaghaltas freagairt a thoirt – chan ann a-mhàin do luchd an t-saidhbhreis; no dhaibhsan a leanas creideamh sònraichte, dhaibhsan de chine àraid; ach don t-sluagh uile.”

Tha e nis mar dhleastanas oirnn dèanamh cinnteach gun tèid èisteachd riuthasan - a chuir an rùn an cèill an cumhachd sin a bhith aca - anns a’ Phàrlamaid seo agus leis a’ Phàrlamaid seo.

A cho-obraichibh, tha nist romhainn cothrom mòr is tòrr dhùbhlan. Cuireamaid aghaidh orra còmhla.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhnanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.