Saighdearan an latha a dh’aom is an latha an-diugh air an cuimhneachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba

07.10.2014

Tha dà shàr-obair-ealain drùidhteach shamhlachail le Simon Burns-Cox is Alison Kinnaird mar mheòrachadh air buaidh chogaidhean air a dhol air thaisbeanadh ann an Pàrlamaid na h-Alba.

Mar luchd-cuideachaidh don Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick agus an obair-ealain ga cur air bhog gu poblach bha seann-saighdear an Airm Dòmhnall MacLeòid agus an t-Saighdear Cumanta Lynsey NicNèill, a tha fo sheirbheis 52 na Galldachd, Sgioba Catha 6 de Rèiseamaid Rìoghail na h-Alba (6 SCOTS).

Tha tachartas Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail àite agus obair ullachaidh Poppyscotland cha mhòr a’ tighinn gu bàrr coileanta. Gach bliadhna, thèid timcheall air còig millean crom-lus agus còrr is 10,000 blàth-fhleasg a chur ri chèile fo làimh ‘s an uairsin bithear gan sgaoileadh le luchd-saor-thoileach thar Alba, a nì cinnteach gu bheil iad rim faotainn aig a’ mhòr-shluagh san t-Samhain.   

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, Am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA:  

“’S e Poppyscotland an aon bhuidheann charthannais a gheibh taic o Phàrlamaid na h-Alba.  

“Sa bhliadhna-chomharrachaidh seo air ‘an cogadh a chuireadh stad air gach cogadh’, bidh sinn a’ cuimhneachadh nam millean de dhaoine a chaochail eadar 1914-18. Cuiridh an obair-ealain seo an cuimhne dhuinn gu bheil sìth fhathast ri toirt a-mach. 

“Tha mi cinnteach gum bi na BPAan agus luchd-tadhail air Taigh an Ròid a’ stad agus a’ meòrachadh air buaidh uabhasach gach cogaidh, an-dè ‘s an-diugh.” 

Thuirt Ian MacGriogair, Ceannard Poppyscotland:  

“Bhiodh agus bidh fhathast An Cogadh Mòr a’ brosnachadh sàr-obair-ealain agus, leis gu bheil sinn a’ tighinn dlùth ri àm Cuimhneachaidh, bheir an sàr-obair-ealain seo cothrom iomchaidh dhuinn cuimhne a chumail Orrasan a Dh’eug. Rud cudromach, bidh an obair cuideachd a’ cur nar cuimhne buaidh a’ chogaidh air coimhearsnachd buill nam Feachdan Armaichte an-diugh agus am feum riatanach gun cum sinn oirnn a’ toirt taic dhaibh tro obair Togail Crom-lus na h-Alba.” 

Thuirt an t-Saighdear Cumanta Lynsey NicNèill, aig am bi pàirt mòr ann an iomairt 2014 Lus-cromAlba:  

 “Tha mi glè thoilichte a bhith air aon dhe na ciad daoine a chì an obair-ealain shnaighte air thaisbeanadh. Tha e cudromach gun cumar cuimhne agus, mar shaighdear fo sheirbheis, tha e mar chùis-dhòchais fios a bhith agad gu bheil buidhnean leithid Crom-lusAlba ann dhaibhsan a rinn seirbheis. Tha mi an dòchas gun tadhail am mòr-shluagh air na sàr-obraichean-ealain-sa.” 

Tha France 1914, cruthaichte leis an neach-ealain Simon Burns-Cox, a tha a’ fuireach ann an Dùn Èideann, na h-obair-shnaighte mharmor mhìorbhaileach Eadailteach a tha 6 troighean a dh’àirde. Tha i mar shamhla air a’ chraobh mu dheireadh a tha air fhàgail air blàr-catha sa Chiad Chogadh, a’ cur an cèill dòchas is maireannachd. 

Bidh an obair air thaisbeanadh aig Pàrlamaid na h-Alba gu 4 Dùbhlachd 2014. Nuairsin thèid a toirt air turas air feadh na tìre fad nan ceithir bliadhna ri teachd, mus tèid a reic no a cur gu rop gus airgead a thogail don bhuidhinn-charthannais Crom-lusAlba.   

Tha Unknown leis an neach-ealain Alison Kinnaird MBE, a tha na còmhnaidh ann am Meadhan Lodainn a’ sealltainn arm de dhaoine air chruth na glainne, saighdearan sa mhòr-chuid, air an lasadh le solais LED a chuireas soillse air an obair-shnaighte. A rèir an neach-ealain i fhèin, tha gu bheil daoine àbhaisteach san obair a’ cur an cèill buaidh a’ chogaidh oirnn uile. Tha gach ìomhaigh mar neach air leth, ach tha iad a’ riochdachadh saighdear coitcheann an t-saoghail – tha gach neach mar mhac, bhràthair, athair neo charaid do chuideigin. Tha am pios-ealain seo mar chuimhne agus onoir orrasan a chaochail latha a dh’aom ‘s orra sin a tha fhathast a’ sabaid.  

Bidh am pios seo air thaisbeanadh ann Talla a’ Phobaill gu Disathairne 1 Samhain 2014. An dèidh sin bidh e air a thoirt air turas gu taighean-tasgaidh agus gu ionadan Urras Nàiseanta na h-Alba.   

Thuirt Simon Burn-Cox: 

“Thar nam bliadhnaichean thug mi cuid dhen obair agam gu carthannas. Bha mi airson cuideachadh a thoirt don bhuidhinn PoopyScotland ciad bliadhna a’ Chiad Chogaidh a chomharrachadh le bhith a’ toirt seachad France 1914 a chor is gun togadh airgead do na seann saighdearan. Tha mi an dòchas gun cum iadsan a chì am pios cuimhne orrasan a thug seachad am beatha air sgàth na tìre-sa.”  

Thuirt Alison Kinnaird:  

"Tha e coltach gur i glainne am meadhan-ealain is fheàrr a riochdaicheas cugallachd na beatha ann an cogadh. Cha ionnsaich sinn dad gu bràth.” 

Cùl-fhiosrachadh 

Bidh an dà obair-ealain air thaisbeanadh ann an Talla a’ Phobaill aig Taigh an Ròid. Tha e an asgaidh faotainn a-steach.

'S e PoppyScotland am prìomh bhuidheann charthannais a chumas taic ri coimhearsnachd buill nam Feachdan Armaichte ann an Alba agus ‘s e an aon bhuidheann charthannais a gheibh aitheantas oifigeil o Phàrlamaid na h-Alba. 

Bidh PoppyScotland a’ cur air dòigh Togail bliadhnail na buidhne gach Samhain, rud a thog £2.64 millean ann an 2013. Cuiridh teachd-a-steach on Togail, cho math ri togail airgid air feadh na bliadhna gu-lèir, ann an comas na buidhne carthannais taic shònraichte is cuideachadh dhaibhsan a bha ‘s a tha fhathast fo sheirbheis agus do na teaghlaichean aca. Cuideachd, bheir PoppyScotland maoineachadh do bhuidhnean a bheir seachad seirbheisean comhairle, fastachd, taigheadais, slàinte-inntinn, comas-gluasaid agus faochadh.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.