20 Preantasachd ùr gu bhith aig a’ Phàrlamaid

05.11.2014

Chaidh sgeama phreantasachdan fhoillseachadh an-diugh, leis an Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick, a bheir cosnadh do dh’fhichead duine òg ann am Pàrlamaid na h-Alba thairis air an ath cheithir bliadhna.

Bidh cothrom aig na tagraichean, a gheibh cosnadh, a bhith ag obair ann an diofar raointean-obrach leithid Seirbheisean Luchd-tadhail, Tachartasan, Tèarainteachd, Sgiobachd agus Teicneòlas Fiosrachaidh.

Thèid Latha Fosgailte a chumail sa Phàrlamaid air 21 Samhain do dhaoine òga a tha airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn air na cothroman.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Am Fìor Urramach Tricia Marwick BPA:

“Tha Pàrlamaid na h-Alba fhèin na buidheann a bhios a’ fastadh dhaoine agus tha sinn an dòchas gum faod na tha sinne a’ dèanamh a bhith mar stiùir do chàch. Bheir an sgeama phreantasachdan seo cothrom do dhaoine òga sgilean a thogail a chuidicheas iad sna dreuchdan a bheir iad a-mach nam beatha. Bheir sinn cothrom do dhaoine air grunn dhreuchdan far an ionnsaich iad sgilean agus far am faigh iad misneachd. 

“A’ tòiseachadh an-diugh, tro làrach-lìn a dh’aona-ghnothach, faodaidh daoine òga aois 16-24 fiosrachadh fhaighinn air na cothroman a th’ ann agus bidh sinn a’ cur Latha Fosgailte air dòigh an ath mhìos agus tha mi an dòchas gum faic sinn òganaich bho air feadh Alba an sin.”

Thuirt Clàrc is Àrd-oifigear Pàrlamaid na h-Alba, Paul Grice:

“Tha àite-obrach beothail is ùr-nodha againn an seo ann am Pàrlamaid na h-Alba agus tha sinn ag iarraidh gum bi sgioba obrach againn a tha riochdachadh nan diofar roinnean de shluagh na h-Alba. Tha fios againn gu bheil daoine tàlantach a-muigh an sin – agus tha sinn airson am faicinn sa Phàrlamaid.

“Tha an sgeama seo a’ toirt cothrom air leth do dhaoine òga bhon a h-uile seòrsa dachaigh gus feum a dhèanamh de na comasan a th’ aca agus sgilean ùra ionnsachadh a chuidicheas iad gus soirbheachadh sna dreuchdan a bhios aca. Tha sinn daonnan a’ sireadh daoine tionnsgalach aig a bheil beachdan ùra is dòighean-smaoineachaidh innleachdach, agus ’s e gheibh iad againne, buidheann fìor mhath far am faod daoine òga tòiseachadh san dreuchd aca. 

"Tha tòrr ann a dh’fhaodadh daoine òga a dhèanamh don Phàrlamaid agus mar an ceudna, faodaidh a’ Phàrlamaid tòrr a dhèanamh dhaibhsan – àrainneachd obrach thaiceil a thoirt dhaibh agus cothrom a’ chiad cheum a ghabhail san dreuchd ùir aca.” 

Ruith a’ Phàrlamaid am prògram airson Nuadh-Phreantasachdan mar dheuchainn ann an 2012, agus bha moladh aig aon de na tagraichean a fhuair preantasachd le sin, Lynsey NicAoidh. Thuirt i:

“Cha robh fhios agam dè bu chòir dhomh sùileachadh nuair a chuir mi iarrtas a-steach don Phàrlamaid. Ach thuig mi gu math luath gun robh tòrr dhiofar dhreuchdan ann, agus chaidh mo phiobrachadh gu bhith gam feuchainn.

“Tha cha mhòr dà bhliadhna bhon uair sin, agus tha teisteanas dreuchdail agam a-nis a tha toirt cothrom dhomh a bhith cur a-steach airson obraichean làn-ùine sa Phàrlamaid – agus tha sin uile mar thoradh air prògram nam preantasachdan.”

Thuirt preantas eile, Tess Schmigylski:

“’S dòcha gu bheil cuid a dhaoine a tha a’ smaoineachadh gum biodh e uabhasach dòrainneach is nach biodh e inntinneach idir a bhith ag obair sa Phàrlamaid. Uill, faodaidh mi a ràdh gu cinnteach gun do chòrd a h-uile mionaid a chuir mi seachad an seo – tha mo cho-obraichean air a bhith glè thaiceil agus tha an-còmhnaidh na h-uiread a’ dol.

“Tha mi tòrr nas misneachaile mu mo bheatha agus mun dreuchd agam na bha mi nuair a thòisich mi, agus bhrosnaichinn duine òg sam bith, nach eil cinnteach dè tha iad airson a dhèanamh nam beatha, tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mun phrògram phreantasachdan aig a’ Phàrlamaid.”

Cùl-fhiosrachadh

· Tha làrach-lìn a dh’aona-ghnothach airson prògram phreantasachdan na Pàrlamaid air a dhol beò aig www.scottish.parliament.uk/apprenticeships .  Am measg nan nithean a gheibhear air an làrach-lìn, tha bhidiothan le agallamhan le preantasan, Àrd-oifigear na Pàrlamaid Paul Grice, agus luchd-obrach.

· Thèid Latha Fosgailte le fios mu phrògram nam preantasachdan a chumail aig Taigh an Roid air 21 Samhain. Airson tuilleadh fiosrachaidh agus fios air mar a ghleidheas sibh àite tadhail air www.scottish.parliament.uk/apprenticeships no cuir post-d gu apprenticeships@scottish.parliament.uk

· Tha an ùine airson iarrtasan a chur a-steach don phrògram a’ tòiseachadh air 21 Samhain agus thig e gu crìch air 7 Dùbhlachd.

· Tha a’ Phàrlamaid airson 20 preantas fhastadh, agus bidh dà bhuidhinn dhiubh ann, a’ chiad bhuidheann le 11 phreantas ann an 2015, agus an dàrna buidheann le naodhnar phreantasan ann an 2017.

· Mairidh na preantasachdan 24 mìosan aig a’ char as fhaide, agus bidh gach preantas ag obair a dh’ionnsaigh theisteanasan dreuchdail fìor mhath ann an raointean-obrach mar FT, Tèarainteachd agus dreuchdan rianachd ann an Roinn an t-Seòmair is Clèireachd, agus ann an Roinn an Ionmhais.

· Lean @scotparl is #SPApprentices air Twitter airson nan naidheachdan as ùire ron Latha Fhosgailte agus airson fiosrachadh ùr mun sgeama.

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.