Àrd-oifigear Buidheann Airgid Virgin gus òraid a thoirt seachad aig co-labhairt Gnìomhachas sa Phàrlamaid

07.11.2014

Bheir Àrd-oifigear Virgin Money, Jayne-Anne Gadhia, prìomh-òraid seachad an-diugh aig co-labhairt ghnìomhachais bhliadhnail Pàrlamaid na h-Alba.

Agus a’ chùis air chois fad naoi bliadhna nis, bidh ‘Gnìomhachas sa Phàrlamaid’ a’ cur aghaidh ris na mòr-cheistean a tha cudromach do ghnìomhachasan na h-Alba, agus thèid an co-labhairt seo an-diugh an gleac ri ciamar a chumar saoghal eaconamach na h-Alba sna làithean ri teachd.

Thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Am Fìor Urramach Tricia Marwick BPA, a bhios mar chathraiche a’ cho-labhairt: 

“Mar Phàrlamaid ar nàisein, tha sinn ann an suidheachadh air leth a bhith os cionn an tachartais seo. Tha e iomchaidh gum biodh Taigh an Ròid mar fhòram do ghnìomhachasan agus do luchd-poilitigs a thaobh a dhol an sàs sa chùis agus deasbad a thogail a thaobh ciamar as fheàrr a bheir sinn cruth is cumadh air na tha an dàn do dh’Alba gu h-eaconamach.” 

Thathar an dùil gun innis a’ Bh. Gadhia na leanas don cho-labhairt:

“Tha e soilleir gur mithich dhuinn gluasad air adhart o dheasbad an reifrinn. As bith dè ur beachdan, feumaidh sinn coimhead air adhart a-nis gu ath-chaibideal sgeul ar dùthcha, mar gum biodh, a’ togail air an seasmhachd eaconamach a tha an ìre mhòr air bhonn san RA.

“’S e ar dleasdanas is ar n-uallach ach toirt air tiomnadh leasaichte obrachadh air ar son, chan ann a-mhàin a thaobh eaconamachd, ach cuideachd a thaobh a bhith a’ cruthachadh fàs eaconamach agus a’ togail choimhearsnachdan soirbheachail.”

Cuiridh Murchadh Frìseal - Neach-gairm Comataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd Pàrlamaid na h-Alba - an cèill adhbhar a’ cho-labhairt agus mar a ghabhas gnìomhachasan agus luchd-poilitigs co-obrachadh ri chèile.

Thathar an dùil gun can e seo:

“’S e dol-an-sàs ar prìomh amas an-diugh – gus iadsan a tha an sàs ann am poilitigs a’ ghnìomhachais a thoirt nas dlùithe riuthasan a tha an sàs ann an gnìomhachas na poilitigs.

“Chan fheum am facal prothaid a bhith mar dhroch fhacal. Bu chòir ‘s gun cuir e an cèill fàs, obraichean is cur-an-seilbh. Bu chòir 's gun cuir e an cèill beachdachadh air feumalachdan a’ chomainn-shòisealta cho math ri na tha a dhìth a thaobh eaconamaidh. Bu chòir ‘s gun cuir e an cèill gu bheilear a’ tuigsinn feumalachdan choimhearsnachdan cho math ri na tha a’ dol sa mhargadh.

Tha e buannachdail dhuinn uile gum bi Alba a’ fàs mar àite nas fheàrr a thaobh còmhnaidh is cosnaidh.”

Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhais, Fastachd is Fàs Seasmhach, Iain Swinney BPA:

“Aithnichidh Riaghaltas na h-Alba dè cho cudromach ‘s a tha e eaconamaidh na h-Alba a chothromachadh agus a chur an gnìomh gu h-às ùr. Tha sinne ag obrachadh cuide ri gnìomhachasan gus taic a thoirt dhaibh a thaobh amasan tionnsgalach agus ùr-ghnàthachadh tro bhith a’ tarraing cur-an-seilbh a-steach chugainn fhèin agus a’ cur ri bathar a chuirear a-mach asainn.

“Tha an co-labhairt seo a’ toirt an ceann a chèile raon iomfhillte de neachan is de ghnìomhachasan bho air feadh Alba gu lèir agus eòlas, tàlantan is amasan air leth aca. Tha an aon amas aig an luchd-frithealaidh gu lèir, 's e sin Alba a dh’fhàsas is a shoirbhicheas. Tha e cudromach gun obraich sinn cuide ri chèile, gun cuir sinn aghaidh ris gach dùbhlan agus gun gabh sinn làn-bhrath air na th’ ann de chothroman do ghnìomhachasan an seo ann an Alba.”

 Tha an tachartas fo cho-stiùir Pàrlamaid na h-Alba is Riaghaltas na h-Alba, agus am measg na bhios a’ bruidhinn bidh:

  • An t-Oifigear Riaghlaidh, Am Fìor Urramach Tricia Marwick BPA;
  • A’ Chiad Mhinistear, Am Fìor Urramach Ailig Salmond BPA;
  • Neach-gairm Comataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd, Murchadh Frìseal BPA;
  • Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhais, Fastachd is Fàs Seasmhach, Iain Swinney BPA;
  • Fearghus Ewing BPA, Ministear airson Lùths, Iomairtean is Turasachd;
  • Brendan Dick, Àrd-stiùiriche, BT Alba
  • Jo Macsween, Co-àrd-stiùiriche, Macsween of Edinburgh
  • Jane Wood, Gnìomhachasan na h-Alba sa Choimhearsnachd.

Cùl-fhiosrachadh

Thèid gach seisean anns an t-Seòmar-dheasbaid a chraoladh beò air

Tbh na Pàrlamaid  

Gheibhear barrachd fiosrachaidh (agus clàr iomlan) mun Cho-labhairt agus mu thachartasan eile a bha ann roimhe aig: www.businessintheparliament.org.uk

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.