Pàrlamaid na h-Alba ri tost dhà-mhionaid a chumail

10.11.2014

Thig a h-uile gnothach pàrlamaideach gu stad aig Taigh an Ròid aig 11m air Dimàirt 11 Samhain gus tost dhà-mhionaid a chumail air Latha an Fhosaidh.

Thèid cuireadh a thoirt do na BPAan, an luchd-obrach is luchd-tadhail stad cuide ris an t-Oifigear Riaghlaidh agus i os cionn comharradh na Pàrlamaid orrasan a chaill am beatha.

An dèidh don Phàrlamaid a bhith na tost fad dhà mhionaid, cluichidh Stiùbhart Mac a' Mhaoilein BPA Flowers O' The Forest air a’ phìb.

Cuiridh an t-Oifigear Riaghlaidh crìoch air a’ chomharradh le leughadh den dàn aig Iain MacRath, In Flanders Fields.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, Am Fìor Urramach Tricia Marwick BPA:

Anns a’ bhliadhna chomharraidh seo air “an cogadh a chuireadh crìoch air a h-uile cogadh”, bidh sinn a’ cuimhneachadh na milleanan de dhaoine a chaochail eadar 1914-18.

“Tha mi air cur romham dàn le Iain MacRath, In Flanders Fields, a leughadh. Tha ìomhaigh làidir MhicRath den chrom-lus (poppy) air fhaicinn le mòran dhaoine mar a’ bhrosnachadh airson an fhlùir sin a chaitheas sinn aig an àm seo dhen bhliadhna.

“Thathar a’ toirt cuireadh do na BPAan uile, an luchd-obrach agus luchd-tadhail a bhith cuide ruinn air Latha seo an Fhosaidh gus smaoineachadh air buaidh uabhasach gach cogaidh, an-dràsta agus na chaidh roimhe.”

Bidh Àrd-oifigear Legion na h-Alba, Kevin Gray, a’ frithealadh na cùise, cuide ri seann saighhdearan bho Thaigh Whiteford.

Tha Legion na h-Alba a’ toirt cobhair do dh’fhir is do mhnàthan dhen a h-uile aois a bha sna feachdan thar Alba a thaobh a bhith a’ fàs cleachdte ri beatha a-mach às na feachdan sin le bhith a’ toirt seachad seirbheisean coimhearsnachd, càirdeis agus comhairle phragtigeach, eadar ‘s gun do dh’fhàg iad na seirbheisean armaichte an-dè no còrr is lethchiad bliadhna air ais.

Tha Taigh Whiteford a’ cur air dòigh ionadan-còmhnaidh le taic aig àrd-ìre ann an Dùn Èideann air sgàth nan seann saighdearan sin a tha gun dachaigh air neo air èiginn, tron Veterans Housing Association (SVHA) / Comann Taigheadais nan Seann Saighdearan (CTSS).

Ruigsinneachd nam Meadhanan

Thathar a’ toirt cuireadh do na meadhanan - camarathan Tbh agus luchd-camara nam pàipearan-naidheachd nam measg - a’ chùis a fhrithealadh. Faodaidh craoladairean a tha ag iarraidh an gnothach a fhiolmadh beò sin a dhèanamh on ionad-cur-a-steach ann an Lobaidh a’ Ghàrraidh. Cuideachd,  bidh neach-camara na Pàrlamaid fhèin a’ toirt seachad ìomhaighean do na deascaichean-deilbh uile.  Bheir an t-Oifigear Riaghlaidh a h-òraid aig 10:59m. Thèid a h-uile gnothach Comataidh a stad aig 11:00m.

Òrdugh Tachartasan a’ Chomharraidh

Àite:     Lobaidh a’ Ghàrraidh, Pàrlamaid na h-Alba

10:45m:  Àm nam Meadhanan

10:59m:  An t-Oifigear Riaghlaidh a’ gairm òrdugh ‘s a’ leughadh às Ode of Remembrance

11:00m: Toiseach tost dhà-mhionaid

11:03m: An Last Post aig dùdaiche

                 An t-Oifigear Riaghlaidh a’ leughadh In Flanders Fields

                 Stiùbhart Mac a’ Mhaoilein a’ cluich Flowers O' The Forest air a’ phìb

                 An dùdaiche a’ cluich Reveille

11:05m: Gach rud seachad.

Gabhaidh an dàn iomlan In Flanders Fields le Iain MacRath a lorg air làrach-lìn Leabharlann Bàrdachd na h-Alba tron cheangal seo:

http://www.scottishpoetrylibrary.org.uk/poetry/poems/flanders-fields

Gabhaidh fios mu bheatha Iain MhicRath a lorg tron cheangal seo:

 http://www.greatwar.co.uk/poems/john-mccrae-in-flanders-fields.htm

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.