BPAan a’ cur suidheachadh Port-adhair Phreastabhaig fon phrosbaig

12.11.2014

Bidh an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon BPA, a’ nochdadh air beulaibh BPAan bhon Chomataidh Bun-structair is Tasgadh Calpa gus ceistean a fhreagairt mu na planaichean a th’ aig Riaghaltas na h-Alba airson Port-adhair Phreastabhaig.

Bidh a’ Chomataidh a’ cluinntinn bho Leas-Phrìomh Mhinistear, a tha cuideachd na Rùnaire a’ Chaibineit airson Bun-structair, Tasgadh agus Bailtean-mòra, mu dheidhinn  nam planaichean a chaidh fhoillseachadh o chionn goirid airson airgead a chur an seilbh sa phort-adhair agus airson gnothachas a leudachadh ann às dèidh do Riaghaltas na h-Alba am port-adhair a cheannach san t-Samhain 2013.

Cuideachd, gabhaidh a’ Chomataidh fianais bho Rùnaire a’ Chaibineit air an dreachd den bhuidseat aig Riaghaltas na h-Alba airson 2015-16. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Maureen Watt BPA: 

“Mar Chomataidh, tha e fìor chudromach gun dèan sinn sgrùdadh air na planaichean agus an sealladh a th’ aig Riaghaltas na h-Alba airson a’ phuirt-adhair. 

“Ged a tha sinn a’ tuigsinn nach eil fuasgladh furasta ann, a chuireas gach nì ceart san spot, tha sinn gu mòr airson cluinntinn mu na planaichean a th’ aig Riaghaltas na h-Alba airson ath-nuadhachadh a thoirt air a’ phort-adhair agus gus dèanamh cinnteach gun soirbhich leis san ùine ri thighinn.” 

Cùl-fhiosrachadh 

Tòisichidh coinneamh na Comataidh Bun-structair is Tasgadh Calpa aig 10m le fianais air an dreachd den bhuidseat, agus thathar an dùil gun tòisich an seisean air Port-adhair Phreastabhaig mu 11.30m. 

Thèid a chraoladh beò air TBh na Pàrlamaid.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.