Comataidh a’ Cheartais a’ gabhail ri moladh a thaobh lùghdachadh as na dh’fhaodar òl rè dràibheadh

12.11.2014

Feumaidh am poball a bhith làn fhiosraichte is ullaichte fa chòir lùghdachadh às na dh’òlas iad 's iad a’ dràibheadh, reachdas a tha ri thighinn gu bith an ath-mhìos, thuirt Neach-gairm Comataidh a’ Cheartais, Cairistìona Ghreumach, an-diugh.

Bha a’ Bh. Ghreumach a’ labhairt agus Comataidh a’ Cheartais air an aithisg aca fhoillseachadh air Achd Trafaig nan Rathaidean 1988 (Crìoch Reachdaichte) (Alba), Riaghailtean 2014, an dèidh fiosrachadh fhaotainn o eòlaichean slàinte agus am poileas agus bho neach-iomairt sàbhailteachd rathaidean. Na bu tràithe sa mhìos-sa chuir a’ Chomataidh ceistean ri Rùnaire a’ Cheartais mu na molaidhean.    

Thuirt a’ Bh. Ghreumach:

“Chuir Comataidh a’ Cheartais aonta aona-ghuthach ris an lùghdachadh seo a thathar a’ moladh a thaobh na dh’òlar ri linn dràibheadh a rèir na chuala sinn de dh’fhianais is de dh’fhiosrachadh. Cuiridh sin fàilte air fulangas neoni a thaobh dràibheadh fo bhuaidh na dibhe.

“Ach airson ‘s gum bi an t-atharrachadh san lagh èifeachdach, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil am poball làn fhiosraichte gu bheil an t-atharrachadh a’ tighinn a dh’aithghearr, agus mu na dh’fhaodadh tachairt mar thoradh air an atharrachadh seo.

“Fhuair sinn barrantas bho Rùnaire a’ Cheartais gu bheil prògram cuimseach fiosrachaidh is foghlaim an sàs sa chùis, agus nì sinn fiughair ri àrd-ìre mothachaidh am measg a’ phobaill fhaicinn thar nan seachdainean a tha ri thighinn.

“Gu sònraichte, agus àm na Nollaig a’ teannadh oirnn is daoine air gach taobh den chrìch a’ cur cèilidh air caraidean is air càirdean air an taobh eile, cuiridh sinn fàilte air meòrachadh Riaghaltas na h-Alba air a leithid de cheistean thras-chrìochan agus iad ag ullachadh na h-iomairt-follaiseachd aca.”

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear lethbhreac de dh’aithris na Comataidh aig: 

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/29846.aspx.

Thèid cuireadh a thoirt don Phàrlamaid iomlan a-nis aonta a chur ris na h-atharraichean san lagh a thathar a’ moladh. ‘S e as dualtaiche ach gun tèid aonta a chur ris a’ ghluasad seo a thaobh an atharrachadh san lagh leis a’ Phàrlamaid nas fhaide air adhart sa mhìos seo, mun tig an lagh gu bith air 5 Dùbhlachd 2014.

 

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.