BPE ùra à Alba gu bhith bruidhinn air poilitigs na h-Eòrpa le Comataidh

14.11.2014

Thèid bruidhinn air obair Pàrlamaid na h-Eòrpa, agus na buill air an taghadh o chionn ghoirid, agus air dreuchdan Choimisean na h-Eòrpa Diardaoin 20 Samhain nuair a nochdas BPE à Alba air beulaibh na Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh A-muigh airson a’ chiad uair bho chaidh an taghadh. 

Bruidhnidh na BPE, Dàibhidh Coburn, Iain Duncan, Iain Hudghton, Dàibhidh Màrtainn agus Catherine Stihler ris a’ Chomataidh mu chuid de na prìomh chùisean ris am feum an Roinn Eòrpa is Pàrlamaid na h-Eòrpa dèiligeadh, nam measg tha:

* Na taghaidhean a chaidh a chumail o chionn goirid airson Pàrlamaid na h-Eòrpa – dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig na diofar BPE a chaidh a thaghadh air cùisean, agus dè na prìomhachasan a dh’fhaodte a bhith aig Pàrlamaid na h-Eòrpa san t-seisean 2014-19.

* Colaiste nan Coimiseanairean ùra agus an t-slighe a tha an Coimisean a’ dol a ghabhail – am pròiseas taghaidh, an raon-ùghdarrais aig gach Coimiseanair ùr agus na dùbhlain a bhios ron Choimisean thar nan ath chòig bliadhna.

* Na prògraman-obrach a dh’fhaodadh a bhith aig na comataidhean aig Pàrlamaid na h-Eòrpa dhe bheil BPE à Alba nam buill.

* Cùisean cudromach co-cheangailte ris an Aonadh Eòrpach a bhuineas ri Alba agus BPE à Alba den bheachd gum bu chòir fios a bhith aig a’ Chomataidh mun deidhinn.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Eòrpaich is Dàimhean Taobh A-muigh, Cairistìona NicShealbhaich BPA:

“Bho TTIP gu saorsa aig daoine a bhith gluasad, chan ann tric agus a tha na co-dhùnaidhean a nithear aig ìre Eòrpach air a bhith cudromach is buntainneach ’s a tha iad an-dràsta. Tha mi toilichte gun urrainn dhuinn an seisean seo a chumail gus am bi tuigse nas fheàrr aig daoine air an obair a nì na h-institiudan Eòrpach.”  

Cha tèid aig Alyn Mac a’ Ghobhainn BPE a bhith an làthair, ach tha air na smuaintean aige a thoirt don Chomataidh ann an sgrìobhadh ro-làimh. Bruidhnidh na BPE Dàibhidh Coburn, Iain Duncan, Iain Hudghton agus Dàibhidh Màrtainn ris a’ Chomataidh tro cho-labhairt bhidio. Bidh Catherine Stihler an làthair sa Phàrlamaid gus bruidhinn ris a’ Chomataidh.

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear pàipearan airson na Comataidh an seo feasgar Dihaoine:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/29814.aspx

Thèid a’ choinneamh a chraoladh beò air làrach-lìn na Pàrlamaid agus gheibhear dealbhan an-asgaidh às dèidh làimhe.

Faodaidh tu sùil a chumail air obair na Comataidh air Twitter: @SP_Europe  

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.