Comataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte a’ cur a taic ri Bile nan Sgrìobhainnean Laghail

14.11.2014

Tha Comataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha air a taic a nochdadh do reachdas a bheir a-steach modhan nas fhasa agus nas èifeachdaiche gus cùmhnantan a dhealbh fo lagh na h-Alba.

Tha Bile nan Sgrìobhainnean Laghail (Co-shoidhneadh agus Lìbhrigeadh) (Alba) ga dhèanamh soilleir gun gabh cùmhnantan a lìbhrigeadh agus iad air an roinn nan co-chùmhnantan. Tha sin a’ ciallachadh gum faod gach buidheann no neach an lethbhreac aca fhèin den chùmhnant a shoidhneadh agus sin a roinn le daoine eile an àite mar a tha cùisean an-dràsta, far am feum aon sgrìobhainn a bhith ann a tha air a soidhneadh leis a h-uile duine no buidheann bhuntainneach.

Cuideachd fon Bhile, faodar cùmhnantan a lìbhrigeadh ann an cruth eileagtronaigeach, agus sin a’ ciallachadh nach fheumar sgrìobhainnean a chlò-bhualadh daonnan.

Fhuair a’ Chomataidh a-mach gun robh na duilgheadasan a bha an lùib an t-siostaim a th’ ann an-dràsta a’ toirt air daoine uaireannan a bhith thoirt cùmhnantan a-mach fo shiostaman lagha eile, a tha a’ ceadachadh co-chùmhnantan. Ma thèid aontachadh ris a’ bhile, dh’fhaodadh gum brosnaich e daoine gu bhith cleachdadh Lagh na h-Alba barrachd.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Nigel Don BPA:

“Mar Chomataidh tha sinn a’ cur ar taic ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile seo.

“Ged a tha coltas ann gur e dìreach puing theicnigeach a th’ ann, bhon fhianais a fhuair sinn, bha e soilleir gun stèidhicheadh e modhan ùra fo lagh na h-Alba a bheir cothrom do ghnothachasan ann an Alba barrachd èifeachdais a chur an sàs agus airgead a shàbhaladh nuair a tha iad ag aontachadh ri cùmhnantan.

“San fharsaingeachd, bu chòir gun cuir am bile ri cliù lagh na h-Alba agus gum brosnaich e daoine gu bhith soidhneadh barrachd chùmhnantan fo lagh na h-Alba.”

Am measg molaidhean na Comataidh bha na leanas:

An siostam a th’ ann an-dràsta gus cùmhnantan a shoidhneadh:

Tha e follaiseach don Chomataidh gu bheil na duilgheadasan a tha an lùib an t-siostaim a th’ ann an-dràsta air, gu ìre, stad a chur air cuid a dhaoine cùmhnantan a shoidhneadh fo lagh na h-Alba, agus iad den bheachd gum biodh e nas fhasa an cùmhnant a chur air dòigh fo lagh Shasainn an àite a bhith dèiligeadh ris an duilgheadasan a tha an cois an t-siostaim a th’ ann an-dràsta.

Na buannachdan a dh’fhaodadh tighinn bhon bhile:

Tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil coltas ann gum faodar am Bile cothrom a thoirt do dhaoine barrachd èifeachdais a chur an sàs agus airgead a shàbhaladh.

Tha a’ Chomataidh den bheachd gur e aon de na buannachdan as motha a thigeadh bhon Bhile, gum biodh fios le cinnt aig daoine bhon chiad dol a-mach gum faod iad an cùmhnant a chur air dòigh fo lagh na h-Alba agus a thoirt gu buil le bhith lìbhrigeadh sgrìobhainn thraidiseanta ann an cruth dealanach.

Na dùbhlain phractaigeach an cois a’ Bhile:

Chan eil a’ Chomataidh a’ smaoineachadh gum biodh barrachd foille no mhearachdan ann, ri linn a’ Bhile, nuair a bhathar a’ soidhneadh sgrìobhainnean laghail fo lagh na h-Alba.

Ged a dh’aidich iad gum faodadh foill no mearachdan a bhith fhathast ann nuair a bha daoine a’ toirt co-chùmhnantan gu buil, bha a’ Chomataidh riaraichte gum biodh modhan-dìona freagarrach ann gus stad a chur air sin cho fad ’s a b’ urrainnear.

Cùisean buntainneach:

Tha a’ Chomataidh a’ cur a taic ri bhith cleachdadh ainmean-sgrìobhte eileagtronaigeach, agus iad den bheachd gur e dòigh thèarainte a th’ ann cùmhnantan aontachadh agus gun cuidich iad ann a bhith cur stad air foill is mearachdan.

Mar sin, tha a’ Chomataidh a’ cur a taic ris na h-oidhirpean a tha gan dèanamh gus an tèid an cleachdadh barrachd, agus tha iad a’ cur fàilte air an sgeama chairtean SMART eileagtronaigeach aig Comann Lagh na h-Alba a bheir ainm-sgrìobhte eileagtronaigeach don a h-uile ball aca.

Cùl-fhiosrachadh

Ghabh a’ Chomataidh fianais bheòil air a’ Bhile thairis air còig seiseanan eadar an t-Ògmhios is an Dàmhair. Fhuaras fianais bho ghrunn bhuidhnean lagha, companaidhean lagha coimeirsealta, gnothachasan is sgoilearan, agus bho Chlàraidhean na h-Alba, Coimisean Lagh na h-Alba (SLC) agus am Ministear airson Cumhachd, Iomairtean agus Turasachd.

Seo a’ chiad Bhile bho Choimisean Lagh na h-Alba (Bile SLC) air an do bheachdaich a’ Chomataidh bho chaidh Gnàth-riaghailtean na Comataidh agus bunaitean na Comataidh atharrachadh, agus sin a’ ciallachadh gum faod iad a bhith mar phrìomh bhuidheann sgrùdaidh airson cuid a Bhilean SLC.

No gheibhear barrachd fiosrachaidh air YouTube  

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.