Mìneachadh: a’ cur Prìomh Mhinistear an dreuchd

14.11.2014

Dh’aontaich a’ Phàrlamaid air 13 Samhain gun rachadh am pròiseas, gus tagraichean ainmeachadh airson dreuchd a’ Phrìomh Mhinisteir, a chumail air 19 Samhain 2014. Gheibhear fiosrachadh san nota seo mun phròiseas a thèid a chumail anns a’ Phàrlamaid mus toir A Mòrachd a’ Bhanrigh a h-aonta foirmeil don Prìomh Mhinistear ùr a thèid ainmeachadh.

A’ Taghadh Prìomh Mhinistear

Ann an Achd na h-Alba thathar ag ràdh gum feumar Buill Pàrlamaid na h-Alba ainmeachadh airson dreuchd a’ Phrìomh Mhinisteir taobh a-staigh 28 latha bho dh’inns am Prìomh Mhinistear don Bhanrigh gun robh e no i a’ leigeil dheth no dhith an dreuchd.

Feumar molaidhean sgrìobhte airson dreuchd a’ Phrìomh Mhinisteir a chur chun a’ Chlàirc aig a’ char as fhaide 30 mionaid mus tòisich bhòtadh no ron sin. Bheir Sgioba Gnothaichean na Pàrlamaid foirmichean airson seo do Bhuill air 19 Samhain sa mhadainn.

Feumaidh gach moladh a bhith air a dhèanamh le Ball agus feumaidh e no i taic fhaighinn bho dàrna Ball. Faodaidh tagraichean an tagradh aca a tharraing air ais eadar na diofar chuairtean airson bhòtadh air an latha.

Thathar an dùil an ùine bhòtaidh a thòiseachadh aig 14.40 Diciadain. Aig an àm sin, innsidh an t-Oifigear Riaghlaidh cò na tagraichean a th’ ann a rèir òrdugh na h-aibidil agus thèid iarraidh air gach Ball bhòtadh airson aon tagraiche a-mhàin. Bidh cothrom aig gach tagraiche bruidhinn airson greiseag bheag gus an tagradh aca a mholadh do chàch.

Thèid an bhòt a chumail ann am Prìomh Sheòmar Pàrlamaid na h-Alba agus cleachdaidh na Buill siostam bhòtaidh dealanach.

A’ cunntadh nam bhòtaichean

Ma gheibh tagraiche barrachd bhòtaichean na fhuair na tagraichean eile gu lèir còmhla, agus ma bha an àireamh bhòtaichean uile-gu-lèir nas motha na cairteal den àireimh de bhuill sa Phàrlamaid, thèid an tagraiche sin a thaghadh.

Nuair nach eil ann ach aon tagraiche, thèid iarraidh air Buill bhòtadh: air an son, nan aghaidh, no bhòtadh a sheachnadh. Ma gheibh an tagraiche sin mòr-chuid, thèid an ainmeachadh mar an neach a chaidh ainmeachadh leis a’ Phàrlamaid.

Nuair a tha dithis no barrachd thagraichean ann, thèid iarraidh air Buill bhòtadh airson aon de na tagraichean sin. Nuair nach fhaigh aon tagraiche mòr-chuid iomlan leis a’ chiad bhòt, thèid cuairtean bhòtaidh eile a chumail, far am bi gach Ball a’ bhòtadh airson aon tagraiche gach cuairt agus far an tèid an tagraiche leis an àireamh as lugha de bhòtaichean a chur a-mach às a’ phròiseas. Bithear a’ cumail a’ dol leis a’ phròiseas seo gus nach bi ann ach aon tagraiche ann no gus am faigh aon tagraiche barrachd bhòtaichean na fhuair na tagraichean eile còmhla.

Mar a dh’fheumas tachairt fo Achd na h-Alba 1998 agus às dèidh aonta bhon Phàrlamaid, molaidh an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA do A Mòrachd a’ Bhanrigh gum bu chòir am Prìomh Mhinistear a chur an dreuchd.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.