Comataidh Ionmhais Pàrlamaid na h-Alba ri tadhal air Eilean Arainn

19.11.2014

Bidh Comataidh Ionmhais Pàrlamaid na h-Alba a’ cuimseachadh air Eilean Arainn agus na buill ag iomlaid seòmraichean comataidh Taigh an Ròid le Àrd-Sgoil Eilean Arainn, agus a’ Chomataidh a’ leantainn leis an sgrùdadh bhliadhnail air buidseat Riaghaltas na h-Alba. 

Aig a’ choinneamh, bidh a’ Chomataidh a’ ceasnachadh Iain Swinney BPA, an Rùnaire Caibineat airson Ionmhas, Cosnadh agus Fàs Seasmhach, mu phlanaichean cìse is cosg Riaghaltas na h-Alba. Is e seo a’ chiad turas a bhios an cothrom aig a’ Chomataidh air Mgr Swinney a cheasnachadh mu na h-ìrean a tha air am moladh do Chìs Tar-chur Fearainn is Thogalaichean agus do Chìs Lìonadh-talmhainn na h-Alba. 

Tha gnothachasan ionadail, an treas earrainn agus buidhnean daoine òga air cuireadh fhaighinn gu bhith a’ gabhail pàirt ann am bùithtean-obrach deasbaid air a’ bhuidseat agus buaidh a’ bhuidseit air muinntir Eilean Arainn. Bidh iad sin a’ sgrùdadh trì cuspairean a’ gabhail a-steach tasgadh airgid airson fàs seasmhach, a thathar a’ sùileachadh a dhèiligeas leis a’ bhuaidh a tha aig a’ Chìs Co-ionann ri Rathad (RET) air seirbheisean aiseig Eilean Arainn, a thugadh a-steach o chionn ghoirid.  

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Ionmhais, Coinneach Gibson BPA:  

“Tha a’ choinneamh againn air Eilean Arainn a’ tighinn aig àm cudromach ann an sgrùdadh na Comataidh air buidseat Riaghaltas na h-Alba. Bithear a’ dèanamh iomradh air Eilean Arainn glè thric mar ‘Alba ann am meanbh-dhealbh’ agus tha fios agam gun cluinn sinn mu chùisean a tha buntainneach do dhaoine air Eilean Arainn a thuilleadh air coimhearsnachdan eile ann an Alba. An dèidh sin a ràdh, tha sinn an dòchas beachdan sònraichte nan eileanach a chluinntinn mun dreachd den bhuidseat agus mar a tha e a’ toirt buaidh air a’ bheatha làitheil air an eilean. Tha seo a’ gabhail a-steach gach nì bho shlàinte agus foghlam gu còmhdhail agus obraichean. 

“Tha mi a’ coimhead air aghaidh ri cluinntinn bho na gnothachasan, bhon treas earrainn agus bho bhuidhnean de dhaoine òga a tha sinn air fhiathachadh gus pàirt a ghabhail anns na bùithtean-obrach. Dh’iarainn cuideachd air neach sam bith a thighinn gu coinneamh na Comataidh leis an Rùnaire Ionmhais, a tha an-asgaidh do gach ball den phoball.” 

Cùl-fhiosrachadh 

Tha na bùithtean-obrach agus a’ choinneamh fhoirmeil gan cumail ann an Àrd-sgoil Eilean Arainn ann an Eilean MoLaise. Tha a’ choinneamh fhoirmeil den Chomataidh fosgailte do bhuill den phoball agus an-asgaidh a bhith an làthair. Faodar tiogaidean a chur mu seach tro labhairt le sgioba Sheirbheisean Luchd-tadhail na Pàrlamaid air sp.bookings@scottish.parliament.uk no 0131 348 5200 no saorfòn 0800 092 7600 agus an togail air an latha. 

Is iad cuspairean eile a dh’fhaodar a sgrùdadh anns na bùithtean-obrach, cruthachadh obraichean agus leasachadh air càileachd nan cothroman cosnaidh do dhaoine òga agus do bhoireannaich, agus cur taic ri eadar-nàiseantachadh agus ùr-ghnàthachadh air gnothachas. 

Tha dleastanas air a’ Chomataidh Ionmhais sgrùdadh a dhèanamh air cosg poblach agus rannsachadh air an dreachd buidseat £30 billean aig Riaghaltas na h-Alba.  

Tha sgrùdadh air cosg poblach a’ ciallachadh gu bheil a’ Chomataidh a’ creidsinn gu bheil e deatamach cluinntinn bho bhuidhnean agus eagrachaidhean ionadail. Is e sin an t-adhbhar gun cumar bùithtean-obrach prìobhaideach le buidhnean gnothachais Eilean Arainn, ron choinneamh. 

Airson barrachd fiosrachaidh mu obair na Comataidh Ionmhais, feuch gun tadhail sibh air duilleagan eadar-lìn na Comataidh.  

Fiosrachadh mheadhanan

Myer Cohen: 0131 348 6260

Gairmean di-beathte bho Text Relay

myer.cohen@scottish.parliament.uk

Fiosrachadh poblach

  • Fòn: 0800 092 7500
  • Faodaidh luchd-cleachdaidh fòn teagsa labhairt rinn air 0800 092 7100
  • Tha sinn a’ cur fàilte air gairmean a’ cleachdadh seirbheis Text Relay
  • Teachdaireachd teacsa: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk 

Faodaidh sibh ar leantainn cuideachd air twitter @scotparl 

Toilichibh sinn air Facebook airson ùr-fhiosrachadh air naidheachdan is tachartasan 

No faighibh barrachd a-mach air YouTube   

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.